FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Òrain Dhòmhnaill Ailein Dhòmhnall na Bainich

Aig an àm seo an-uiridh, bha na litrichean agam mu

Audio is playing in pop-over.

Òrain Dhòmhnaill Ailein Dhòmhnall na Bainich

Aig an àm seo an-uiridh, bha na litrichean agam mu dheidhinn mìosan na bliadhna, agus chleachd mi am facal Gàidhlig as aithne dhomh airson calendar – “mìosachan”. Tha e stèidhichte air a’ Ghàidhlig airson month – mìos. Ach tha dà fhacal eile ann a chluinneas tu cuideachd airson calendar – caladair agus, seadh, “calendar”, dìreach mar a tha e ann am Beurla.

Tha sin nam inntinn an t-seachdain sa, oir bha mi a’ leughadh leabhar inntinneach air a bheil “Òrain Dhòmhnaill Ailein Dhòmhnall na Bainich”, a chaidh a dheasachadh leis an Athair Urramach Iain Aonghas Dòmhnallach, a tha na shagart anns a’ Ghearastan. Buinidh Mgr Iain Aonghas do dh’Uibhist a Deas, an dearbh eilean dhan do bhuin am bàrd mun do sgrìobh e. Mholainn an leabhar dhuibh, oir tha eadar-theangachadh ann do na h-òrain air fad.

Bha Dòmhnall Ailean Dhòmhnall na Bainich beò eadar na bliadhnaichean naoi deug ’s a sia agus naoi deug, naochad ’s a dhà, agus sgrìobh e na h-uibhir de dh’ òrain mhatha, nam measg “Gruagach Òg an Fhuilt Bhàin” agus “Moladh Uibhist”. Is tha òran snog spòrsail san leabhar air a bheil “Òran a’ Chalendar” – fear a tha furasta gu leòr do luchd-ionnsachaidh. Seo mar a tha e a’ tòiseachadh:

Hù ga rì; hù ga rìreadh;

B’ fheàrr gun d’ chùm mi dhachaigh dìreach,

’S cha leiginn a leas bhith ’g innse

Do mhuinntir na tìr’ mar dh’èirich;

’S hù ga rì; hù ga rìreadh.

’S fhuair mi calendar bho Dhòmhnall

A chumadh fad na bliadhn’ air dòigh mi:

A h-uile mìos air sgrìobhte còmhla

’S pòcaid air bhiodh dhomhsa feumail;

’S hù ga rì; hù ga rìreadh.

Bha an t-ùghdar, Dòmhnall Ailean, air an rathad dhachaigh le calendar a fhuair e mar phreusant bho fhear air an robh Dòmhnall. Bha còir aige dhol dìreach dhachaigh leis, ach cha deach, oir thachair e ri fear a’ phuist, Nillidh Eairdsidh, taobh a-muigh Oifis a’ Phuist. Thuirt Nillidh ris, “nach tiugainn thu tacan suas air chèilidh?” Cha b’ urrainn do Dhòmhnall Ailean dhol seachad agus chaidh e a-steach airson cupa tì.

Ach fhad ’s a bha e shuas an staidhre, bha na boireannaich ri dibhearsan shìos, far an do dh’fhàg Dòmhnall Ailean a chalendar. Co-dhiù, nuair a chaidh e sìos an staidhre às dèidh dha cupa tì a ghabhail, bha an calendar dìreach far an do dh’fhàg e e, agus cha robh coltas ann gu robh e eadar-dhealaichte ann an dòigh sam bith. Ach bha. Seo na rannan mu dheireadh san òran, agus an t-ùghdar a’ toirt a’ chalendar gu bhean:

Ràinig mis’ an taigh gu druaipleach

Is shìn mi Cheit e airson fhuasgladh,

’S b’ fheàrr leam fhìn gu robh mi ’n uair sin

Nam cheò uain’ air feadh nan speuran;

’S hù ga rì; hù ga rìreadh.

Dhragh i pìos de phàipear cruaidh às,

Dh’fhaighneachd i dhomh, “An croch mi suas e?”

’S tha is’ a’ fanaid orm bhon uair sin

’S bu mhis’ a’ chulaidh-thruais ga h-èisteachd!”

’S hù ga rì; hù ga rìreadh.

Tuigidh sibh gun deach car a thoirt às leis na boireannaich ann an taigh Nillidh Eairdsidh – gun tug iad an calendar a-mach às a’ chèis is gun do chuir iad pìos pàipeir cruaidh innte na àite.

Bha comas aig Dòmhnall Ailean gàire a dhèanamh air fhèin – rud a tha math ann am bàrd sam bith. Agus bha e na bhàrd air leth. Bha e dhen bheachd nach robh “de dh’fhoghlam air an t-saoghal a dhèanadh duine na bhàrd” agus gur e comas a bh’ ann a bhuineadh do nàdar an duine fhèin. Bha an comas sin aigesan ann am pailteas.

Litir 130 Litir 130 Litir 132 Litir 132

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!