FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Aiseag Cheasaig (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Aiseag Cheasaig. Bha bàt’-aiseig uaireigin a’ dol eadar Inbhir Nis agus an t-Eilean Dubh. Bha sin mus robh Drochaid Cheasaig ann.

Audio is playing in pop-over.

Aiseag Cheasaig (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Aiseag Cheasaig. Bha bàt’-aiseig uaireigin a’ dol eadar Inbhir Nis agus an t-Eilean Dubh. Bha sin mus robh Drochaid Cheasaig ann.

Bidh an sruth mara anns a’ chaolas sin làidir aig amannan. Ma tha duine airson snàmh a-null, ’s e an t-àm as fheàrr nuair a tha am marbh-shruth no eadar-shruth ann. Nam biodh tu a’ snàmh a-null, agus sruth làidir ann, tha teans ann gum biodh tu air do sguabadh an dàrna cuid a-mach gu Linne Mhoireibh fon drochaid, no a-steach do Linne Fharair.

Tha mi airson innse dhuibh an-diugh mu eachdraidh an t-snàimh an sin. Tha mi air an geàrr-chunntas seo a tharraing bhon leabhran ‘The History of the Kessock Ferry Swim’ le Jennifer Morag NicEanraig. Bidh na ceudan a’ snàmh a-null còmhla a h-uile bliadhna.

An toiseach, ’s e dìreach duine no dithis an siud ’s an seo a dhèanadh e. Ann an naoi ceud deug ’s a dhà-dheug (1912), shnàmh tè – ‘Miss Duncan’ – a-null, le bàta ri a taobh. Rinn i buille-bhroillich no breaststroke, agus thug e seachd mionaidean deug. Dà bhliadhna an dèidh sin, rinn gille sia bliadhn’ deug a dh’aois an aon rud anns an dearbh ùine. B’ esan Teàrlach Jack.

Tro bhliadhnaichean a’ Chiad Chogaidh agus an Dàrna Cogaidh, bha na feachdan armaichte stèidhichte anns an sgìre. Chan eil e a’ coimhead coltach gun robh daoine a’ snàmh thar Caolas Cheasaig anns na bliadhnaichean sin, no anns na bliadhnaichean eadar an dà chogadh.

’S ann ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a sia (1946) a thòisich buidhnean air snàmh a-null còmhla. Chaidh mu dhusan ann an toiseach. Dh’fheuch feadhainn dùbhlan na bu mhotha – eadar Bun Chraobh agus an t-Eilean Dubh – astar a tha trì no ceithir tursan nas fhaide. Thug sin còrr is uair a thìde. Ged a thòisich aon duine deug an snàmh, cha do chuir ach ceathrar crìoch air.

A’ bhliadhna an dèidh sin, shnàmh ceathrar òigridh, aois mu dhusan bliadhna, bho thuath gu deas. Chleachd iad uile na stoidhlichean snàimh ris an canar a’ bhuille-shnàigeach ‘front crawl’ no a’ bhuille-chùil ‘backstroke’.

Bha an àireamh de shnàmhadairean a’ dol am meud. Ann an naoi ceud deug is caogad (1950), ghabh mu thrithead duine pàirt. Bha iad uile fo aois ceithir-deug agus bha fairge mhòr ann. Bha suas ri còig troighean a dh’àirde anns na tuinn ann am meadhan a’ chaolais.

B’ e Ian Black fear de na snàmhadairean anns na caogadan. Bha e fìor mhath air snàmh. Ann an naoi ceud deug, caogad ’s a h-ochd (1958) bhuannaich e trì buinn òir aig na farpaisean Eòrpach ann am Budapest agus bonn òir is dà bhonn airgid airson Alba aig Geamannan a’ Cho-fhlaitheis ann an Cardiff. Aig aois seachd-deug, bhuannaich e BBC Sports Personality of the Year, am fear a b’ òige riamh.

Aig deireadh nan seasgadan, sguir an Kessock Ferry Swim, mar a th’ ac’ air an tachartas bhliadhnail. Thòisich e às ùr ann am fichead, fichead ’s a dhà (2022) mar thachartas carthannais leis na ceudan a’ gabhail pàirt. Leis an ùidh a th’ aig daoine an-diugh ann an snàmh ann an uisge fuar, ’s iongantach mura bi e a’ dol airson mòran bhliadhnaichean fhathast.

Litir 1333 Litir 1333 Litir 1335 Litir 1335

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!