FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gille agus Ghillie (2)

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mun fhacal gille agus mar a thàinig e a-steach don Bheurla mar ‘ghillie’.

Audio is playing in pop-over.

Gille agus Ghillie (2)

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mun fhacal gille agus mar a thàinig e a-steach don Bheurla mar ‘ghillie’. Bha m’ aire air a toirt don fhacal le prògram telebhisein Astràilianach.

’S e dràma a bh’ ann, stèidhichte air talamh àrd, am measg nam beann, ann am Bhictoria, ann an ceann an earra-dheas na dùthcha. Bha fear car neònach ann. Bha e a’ fuireach anns a’ choille fad na h-ùine. Bha e a’ cumail am falach bho dhaoine eile. Ged a bha fios aig daoine gun robh e ann, ’s ann ainneamh a chitheadh iad e. Agus bha muinntir na sgìre a’ gabhail ‘the ghillie-man’ no ‘Ghillie Jack’ air.

An toiseach, cha robh mi cinnteach dè bhathar a’ ciallachadh le ghillie-man, agus an ann bhon Ghàidhlig no bho chànan tùsanach a fhuaireadh e. An uair sin, nochd an duine fhèin. Bha e còmhdaichte le aodach a bha coltach ri crìonach na coille. Mura biodh e a’ gluasad, bhiodh e fior dhoirbh fhaicinn am measg nan craobh. Ach carson as e ghillie-man a bhathar a’ gabhail air? A chionn ’s gun robh ‘ghillie-suit’ air!

Feumaidh mi aideachadh nach robh fios agam mun ghillie-suit roimhe. Cha bhi mi a’ sealg agus cha robh mi riamh anns an arm. Tha fhios gum bi sealgairean agus saighdearan eòlach air a leithid.

’S e ghillie-suit aodach breug-riochda (no camouflage) a chuireas neach uime gus nach fhaic daoine eile e. Mar as trice, ’s e lìon a th’ ann anns a bheil clò is sreang a tha coltach ri geugan is duilleagan. Gu tric, bidh saighdear a’ cur duilleagan bhon àite anns a bheil e an sàs ann.

Chaidh a chleachdadh an toiseach le saighdearan Gàidhealach. Ann an Dàrna Cogadh nam Boers chleachd an rèisimeid ris an canar na Lovat Scouts a leithid de dh’èideadh airson cumail am falach on nàmhaid. Anns a’ Chogadh Mhòr, chaidh buidheann de shnaidhpearan a dhèanamh anns na Lovat Scouts – a’ chiad bhuidheann dhen t-seòrsa ann an Arm Bhreatainn. Bha sin nàdarrach gu leòr, math dh’fhaodte. Bha na buill de na Lovat Scouts – a chaidh a chruinneachadh le Mac Shimidh – nan geamairean is nan stalcairean air oighreachdan Gàidhealach. Bha iad cleachdte ri bhith a’ cur peilear ann am fiadh bho astar.

’S dòcha gur e sin as coireach gur e èideadh-gille – no, gu dualchainnteach, èideadh-gillidh – a bhathar a’ gabhail air an aodach sin. ’S e Gàidhlig a bh’ aig a’ chuid a bu mhotha dhiubh mar chainnt, co-dhiù aig an toiseach. Agus bha am facal ghillie aithnichte ann am Beurla ann an co-cheangal ri sealg air a’ Ghàidhealtachd.

Ach tha smuain eile ann. Ann am beul-aithris nan Gàidheal tha caractar air a bheil an Gille Dubh. Dh’inns mi an sgeul dhuibh à Locha Druing ann an sgìre Gheàrrloch ann an Litir sia ceud, trithead ’s a h-ochd (638). Tha amharas agam gun robh sgeul dhen t-seòrsa air aithris ann an grunn sgìrean.

Bha an Gille Dubh am falach anns a’ choille. Bhiodh e a’ cur còinneach agus duilleagan am measg a chuid aodaich gus nach fhaiceadh duine e. Gun teagamh, ’s ann aigesan a bha a’ chiad ‘ghillie-suit’! Ma tha ùidh agaibh ann an sgeul a’ Ghille Dhuibh, cuiribh ‘gille dubh sgeul a gearrloch’ anns an inneal lorgaidh agaibh agus gheibh sibh an sgeul air aithris ann an Gàidhlig.

Litir 1335 Litir 1335 Litir 1337 Litir 1337

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!