FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Uilleam Hare (1)

O chionn còrr is fichead bliadhna, chaidh iarraidh orm leabhar beag a sgrìobhadh – ann an Gàidhlig – do dheugairean.

Audio is playing in pop-over.

Uilleam Hare (1)

O chionn còrr is fichead bliadhna, chaidh iarraidh orm leabhar beag a sgrìobhadh – ann an Gàidhlig – do dheugairean. B’ e cuspair an leabhair cunntasan de mhurt – cuspair air a bheil mòran daoine measail, a rèir choltais! ʼS e an tiotal a th’ air an leabhar Mort Mhòr!

Tha an cunntas mu dheireadh mu dhithis a bha an sàs ann an gnothaichean sgriosail ann an Alba. B’ iad sin Uilleam Burke agus Uilleam Hare – dithis Èireannach a bha a’ fuireach ann an Dùn Èideann.

Aig an àm sin – anns na ficheadan dhen naoidheamh linn deug – bha Dùn Èideann ainmeil airson teagasg mu eòlas-bodhaig agus sgianadaireachd. Am measg nan eòlaichean a bhiodh a’ teagasg nan sgilean sin, bha Raibeart Knox. Bha Knox gann de chuirp airson teagasg agus sin far an tàinig Burke agus Hare a-steach.

An toiseach bhuineadh na cuirp a bhathar a’ cleachdadh do phrìosanaich a chaochail no do dhaoine a chuir làmh nam beatha fhèin. Ach cha robh cuirp gu leòr aca. Thòisich feadhainn air cuirp a bha ùr-thiodhlaicte ann an cladhan a chladhach suas. Bhiodh iad a’ reic nan corp do Raibeart Knox. ʼS e dòigh mhath a bh’ ann airson airgead a chosnadh – suas ri deich notaichean airson gach corp.

Thug Burke is Hare an gnothach ceum na b’ fhaide, ge-tà. Cha do dh’fhuirich iad gus an robh daoine air bàs fhaighinn gu nàdarrach. Mhuirt iad feadhainn agus reic iad na cuirp aca do Raibeart Knox. Thathar a’ smaoineachadh gun do mhuirt iad suas ri sia duine deug airson an cuirp a reic.

Nuair a bha iad air an cur an grèim, bha Dùn Èideann na bhoil. Bha clann na sràide ag aithris rann:

Up the close an’ doon the stair,

But an’ ben wi’ Burke an’ Hare.

Burke’s the butcher, Hare’s the thief,

Knox the boy that buys the beef.

Carson a tha mi a’ bruidhinn air a’ chuspair seo? Tha mi cinnteach gu bheil gu leòr agaibh eòlach air. Uill, ʼs e an rud a thachair an dèidh làimhe a tha air m’ aire. Bha cùis-chùirte ann. Thug Hare fianais an Rìgh an aghaidh Bhurke. Tha sin a’ ciallachadh gun do dhearbh e le fianais gun robh Burke ri murt. Ach bha Hare fhèin saor bho dhìteadh, ged a bha e cho ciontach ri Burke.

Bha Burke air a chrochadh gu bàs ann an Dùn Èideann. Ach dè thachair do Hare – am murtair a bha a-nise saor? Uill, ʼs e sin a’ cheist. Am measg nan àiteachan far am facas e – math dh’fhaodte – bha taobh siar Siorrachd Rois air a’ Ghàidhealtachd – coimhearsnachd dham buin mi fhìn. Ach an e an fhìrinn a tha sin – no dìreach beul-aithris gun susbaint? Tha mi a’ dol a thoirt sùil air a’ cheist sin.

Bha Hare air a chumail an grèim ann an Dùn Èideann airson seachdain an dèidh bàs Bhurke. Bha sin airson a chumail slàn, sàbhailte oir bha gu leòr ann an Dùn Èideann fiadhaich gun robh e saor, gun dìteadh. Bha e air a chur air bòrd coidse a bha a’ dol a Dhùn Phris ann an ceann a deas na h-Alba. ʼS e sin an turas mu dheireadh a tha fios againn le cinnt ca’ robh e. Ach, anns an ath Litir bheir sinn sùil air far am ‘facas’ e, mas fhìor.

Litir 1367 Litir 1367

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!