FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An t-Urr Iain Ros

Nuair a ràinig an t-Urramach Iain Ros Sìona ann an

Audio is playing in pop-over.

An t-Urr Iain Ros

Nuair a ràinig an t-Urramach Iain Ros Sìona ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1872), chaidh e gu baile Chefoo, air a bheil Yantai an-diugh. Ach bha miseanairidh Ameireaganach stèidhichte ann a sin mu thràth, agus chuir am ministear Albannach roimhe dhol thar a’ chuain gu ruige dùthaich mhòr Mhanchuria, anns nach robh ach aon mhiseanaraidh Pròstanach.

Cha deach cùisean gu math dha aig an toiseach, ge-tà. Goirid às dèidh breith a’ chiad leanaibh aca, chaochail a bhean. Ach dh’fhuirich Ros far an robh e – ann am port mara air cladach Mhanchuria. Nuair a bha e air gu leòr dhen chànan ionnsachadh, chaidh e air chuairt gu na bailtean mòra ann am meadhan na dùthcha, fad air falbh bhon mhuir.

Bha e faiceallach na chanadh e, gun a bhith a’ cur sìos air creideamh an t-sluaigh. Dh’ionnsaich e mòran mu Chonfucius, gus am b’ urrainn dha coimeas a dhèanamh eadar Crìosdachd agus an creideamh dùthchasach. Agus nam fàsadh daoine feargach leis, dh’fhalbhadh e gu baile eile, is thilleadh e nuair a bha gnothaichean socair a-rithist. Nuair a bha e a’ siubhal mar seo, bhiodh e a’ fuireach ann an taighean-seinnse bochda salach agus cha bhiodh prìobhaideachd sam bith aige. Ach lean e air, a’ feuchainn ri daoine iompachadh mar a b’ urrainn dha. Bha e gu h-àraidh ag amas air daoine foghlamaichte, oir bha e dhen bheachd gum biodh a mhisean na b’ èifeachdaiche anns an dòigh sin.

Mean air mhean thog e ùidh anns na bha a’ dol air taobh thall crìoch Mhanchuria, ann an Coirìa, rìoghachd a bha an ìre mhath dùinte do dhaoine à dùthchannan eile. Is iongantach mura robh e mothachail do na thachair don Urramach R G Thomas, ministear Albannach a chaidh a Choirìa ann an an ochd ceud deug, seasgad ’s a còig (1865), agus e a’ toirt Bìobaill seachad don t-sluagh. Bha e ann an soitheach a chaidh air na creagan nuair a bha tràigh mhòr ann. Chuir buidheann de Choirìanaich teine ris an t-soitheach agus mhuirt iad a h-uile duine a bh’ air bòrd.

Bha Iain Ros air mothachadh gu robh gu leòr de dhaoine a bhuineadh do Choirìa air a dhol a dh’fhuireach ann am Manchuria faisg air Abhainn Yalu. Shaoil e gum b’ urrainn dha Coirìanaich a thoirt gu Crìosd gun a bhith a’ cur miseanaraidhean cèin don rìoghachd sin idir. Dh’ionnsaich e Coirìanais leis an amas Coirìanaich ann am Manchuria iompachadh.

Air turas dhachaigh fhuair e taic bho Chomann a’ Bhìobaill ann an Alba, agus bho charaidean, agus thug e uidheamachd chlo-bhualaidh air ais leis a Mhanchuria. Dh’eadar-theangaich e na soisgeulan a rèir Lucais is Eòin agus, còig bliadhna às dèidh sin, thug e a-mach eadar-theangachadh slàn dhen Tiomnadh Nuadh. Bha grunn Choirìanach aige a-nise nan Crìosdaidhean, agus chaidh iadsan thairis air a’ chrìch gu ruige Coirìa far an do sgaoil iad an Tiomnadh Nuadh, agus teachdaireachd na h-Eaglaise, am measg an t-sluaigh.

A bharrachd air an Tiomnadh Nuadh, sgrìobh Iain Ros eachdraidh de Choirìa, eachdraidh de na rìghrean Manchu, leabhar mun chreideamh tùsail ann an Sìonaidh, leabhraichean taice do luchd-ionnsachaidh Sìonais is Coirìanais, agus grunn leabhraichean-iùil air a’ Bhìoball ann an Sìonais.

Chun an là an-diugh tha Pròstanaich ann an Coirìa a’ toirt urram mòr don Urramach Iain Ros, ged a tha amharas agam gu bheil an t-uabhas ann an Alba nach cuala guth air a-riamh.

Litir 269 Litir 269 Litir 271 Litir 271

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!