Is iomadh rud iongantach a chunnacas ann an uisgeachan taobh an iar na Gàidhealtachd. Bha mi a’ leughadh aithris an là eile mun turas a bhathar ag iasgach
crodh. Uill, ’s ann mar sin a chaidh aithris co-dhiù. Bhathar ag iasgach crodh aig muir. Ghlac na h-iasgairean dà mhart Gàidhealach, agus iad a’ snàmh.
Thachair e faisg air Rubha Chreag Innis. Tha sin air tìr-mòr Earra-Ghàidheal, deas air an Òban, is faisg air ceann a tuath Eilein Diùra. B’ e am fear a
rinn an aithris am bàrd is sgrìobhadair ainmeil, Seumas Hogg. ’S dòcha gum bi sibh eòlach air Hogg mar “Cìobair Eadaraig”, am far-ainm a bha e a’
cleachdadh, oir rugadh e ann an Eadaraig anns Na Crìochan.
Ann an ochd ceud deug is ceithir (1804), chaidh Hogg air turas air taobh an iar na Gàidhealtachd. Ann an Canàl a’ Chrìonain, fhuair e air bòrd soitheach a
bha a’ dol chun an Eilein Sgitheanaich. Sgrìobh e mun turas mara aige ann an litir gu charaid, an sgrìobhadair ainmeil, Bhaltair Scott. “Mu mhìle a-mach à
Rubha Chreag Innis,” sgrìobh e, “chunnaic sinn rud àraidh ... rud nach fhaca mi roimhe ... bàta le deagh sgioba air bòrd, ag iasgach crodh anns a’ chuan.”
“Seadh, coimhead air ais air an fhacal sin a-rithist,” sgrìobh e. “Crodh a th’ ann. Chun an là an-diugh chan urrainn dhomh a mhìneachadh idir, no
ciamar a dh’èirich iasgach cho luachmhor anns an àite sin, ach seo mar a thachair e:”
Lean e air, ag innse do Bhaltair Scott mar a bha an soitheach aca a’ seòladh gu tuath. Mhìnich e mar a bha a’ ghaoth a’ socrachadh, ach mar a bha a’ mhuir
a’ sruthadh gu luath, tron chaolas eadar na h-eileanan agus tìr-mòr, mar abhainn. Chunnaic Hogg bàta-seòlaidh mu leth-mhìle air falbh. An uair sin chunnaic
e rudeigin dubh air uachdar na mara. Tro phrosbaig, bha e furasta gu leòr fhaicinn dè bh’ ann – mart dubh Gàidhealach.
Chaidh am bàta eile seachad air a’ mhart. Leag an criutha an seòl agus thilg iad ròpan timcheall air a’ bheathach. Dh’fheuch na seòladairean ri a shlaodadh
air bòrd. “Cha deach aca air sin a dhèanamh, ge-tà,” sgrìobh am bàrd, “oir bha e a’ plubadaich mar mhuc-mhara, agus bha e coltach gu robh am bàta a’ dol a
chur car.” Leis a sin, cheangail na fir am mart gu deireadh a’ bhàta.
“An uair sin,” lean Hogg, “agus fuaim na Gàidhlig anns a’ bhàta a’ lughdachadh, nochd mart donn às na tonnan mu cheathrad slat bhuainn. Bha e air fàs gu
math fann, bha e a’ snàmh air a chliathaich agus bha e a’ sèideadh analach mar phèileag.”
Bha am mart seo a’ dol leis an t-sruth a dh’ionnsaigh a’ bhàta eile. “Chan urrainn dhomh innse dhut,” sgrìobh Hogg, “an othail a dh’èirich an lùib na dàrna
duais a bha seo.” Tharraing cuid an seòl suas [ach] bha cuid eile airson fuireach mar a bha iad, gun a bhith deònach na bh’ aca le cinnt a chall airson
cothrom a bhith aca an dàrna mart fhaighinn. Ach chaidh aca air na dhà a ghlacadh, is rinn iad an uair sin air a’ chladach.
Cha robh fios aig Hogg air cò às a bha an crodh air tighinn. Ach saoilidh mi gu bheil e follaiseach – bhathar gan toirt gu margaidh bho eilean air
choreigin. Bha an crodh a’ snàmh thar a’ chaolais, is chaidh an sguabadh air falbh leis an t-sruth. Is iad buachaillean, seach iasgairean, a bha gan
glacadh. Sin, air neo, ’s e crodh-mara a bh’ annta – ach an leigeadh crodh-mara le iasgairean an glacadh?