Bidh cuimhne agaibh, ’s dòcha, gu robh mi a-mach air iasgach crodh aig muir an t-seachdain sa chaidh. No cò-dhiù air an aithris a rinn am bàrd ainmeil,
Seumas Hogg, mu a leithid ann an Earra-Ghàidheal. Aig deireadh na Litreach thug mi iomradh air crodh-mara, agus bu mhath leam rudeigin a ràdh mu dheidhinn
crodh-mara an-diugh. Tuigidh sibh gur e a th’ annta beathaichean a bhuineas do bheul-aithris is do dhualchas nan Gàidheal. Cha lorgar ann an leabhar
saidheans iad.
Ann an Uibhist bhathar a’ creidsinn gum biodh an crodh-mara a’ tighinn gu tìr aig amannan air an oidhche. Bha iad airson a bhith ag ionaltradh air lus a
bha a’ fàs air a’ mhachair. Dh’fheumadh a’ ghealach a bhith ann an suidheachadh àraidh, agus dh’fheumadh i bhith aig àirde àraidh gus am biodh i fhèin agus
an seòl-mara a’ freagairt air a chèile. Bhiodh an crodh-mara a’ tighinn gu tìr goirid ron mhuir-tràigh.
Bhiodh buachaillean cuide riutha air tìr, a rèir choltais, ach bhiodh an ceannard aca – am prìomh bhuachaille, mar gum biodh – a’ fuireach aig muir. Nuair
a thionndadh an lìonadh, bhiodh am mòr-bhuachaille sin a’ tighinn faisg air a’ chladach. Is dh’èigheadh e, “Donnach, Tromach, Sgiathan, Liathan, thigeadh
an crodh-laoigh, co-dhiù thig no fanaidh na buachaillean.”
B’ e sin an t-àm airson nan daoine a bh’ air a bhith gan cumail am falach air a’ mhachair. Nuair a chluinneadh iad an glaodh a bha seo bhon fhairge, bha
fios aca gum biodh an crodh a’ tighinn seachad orra, agus a’ tilleadh don mhuir. Bha làn an dùirn aig gach duine aca de dh’ùir agus, nuair a thigeadh am
beathach seachad orra, bhiodh iad a’ tilgeil na h-ùrach air – mu chliathaich no mu cheann. Bhiodh e a’ stad far an robh e.
’S dòcha gum faigheadh iad dhà no thrì dhiubh air an oidhche sin, agus gach oidhche a thigeadh an crodh-mara gu tìr. Agus chan eil teagamh nach còrdadh e
ri muinntir an àite na faclan sin a chluinntinn air an oidhche far a’ mhachair - “Donnach, Tromach, Sgiathan, Liathan, thigeadh an crodh-laoigh, co-dhiù
thig no fanaidh na buachaillean.”
Nuair a chunnaic Seumas Hogg crodh a’ snàmh aig muir bha e faisg air Rubha Chreag Innis ann an Earra-Ghàidheal. Agus anns an sgìre sin, tha àite ann ris an
canar An Doras Mòr. ’S e sin an caolas eadar an rubha agus eilean faisg air làimh. Tha e ainmeil airson cho luath ’s a bhios an sruth-mara a’ dol
troimhe. Eadhon an-diugh ma nì sibh rannsachadh air an eadar-lìon fon tiotal “Dorus Mor” (leis an t-seann litreachadh, oir ’s e sin a th’ air a’ mhap),
gheibh sibh tòrr thuairisgeulan de thursan mara ann an gheataichean is canùthaichean. Agus tha a’ chuid as mò aca a’ toirt rabhadh mun t-sruth-mhara.
’S dòcha nach bi sibh eòlach air an Doras Mhòr. Ach tha mi cinnteach gun cuala sibh uile mun chuairt-shruth faisg air làimh a tha ainmeil air feadh an
t-saoghail. ’S e sin Coire Bhreacain.
Dìreach sia bliadhn’ deug às dèidh do Sheumas Hogg a bhith anns an àite sin, chaidh soitheach air leth ainmeil a sguabadh le sruth an Dorais Mhòir air na
creagan. B’ e sin an Comet agus thachair an tubaist ann an stoirm mhòr anns an Dùbhlachd, ochd ceud deug is fichead (1820). Aig an stiùir bha am
fear a chruthaich an soitheach – Eanraig Bell.
Is carson a bha an Comet cho ainmeil? Uill, b’ ise a’ chiad bhàta-smùid air an t-saoghal a bha a’ ruith aig muir gu coimearsalta le luchd-siubhail air
bòrd. Bheir sinn sùil air a h-eachdraidh an ath-sheachdain.