William Speirs Bruce (1)
				              
    
        I was telling you about the Scottish vehicle – the first one in
        Antarctica. This week I want to tell you about a Scottish man who was
        involved in Antarctic exploration. His name was William Speirs Bruce.
        His story is very interesting.
    
    
        Bruce’s father was a Scot. But William was born and raised in England.
        At the age of twenty, in 1887, he went to Scotland. He did educational
        courses in natural science. And he stayed in Scotland. He was highly
        interested in oceanography.
    
    
        In 1892, he went to the Southern Ocean. He was in a fleet that left
        Dundee. They researched whaling. They didn’t find enough whales. But
        Bruce really enjoyed the place.
    
    
        He then went to Franz Josef Land in the Arctic, where he got to know
        the Norwegian polar explorer, Fridtjof Nansen. After that, he was back
        in Edinburgh. He declined the opportunity to go to the Antarctic along
        with Robert Scott. He had two reasons. He want to be in charge of a
        group himself. And he had no interest in getting to the South Pole. He
        was focused on scientific research.
    
    
        He married a woman, Jessie Mackenzie. It appears that the wedding was
        in Easter Ross. They went to live in Joppa, near Edinburgh.
    
    
        The Royal Geographical Society refused Bruce financial aid for an
        Antarctic expedition. Thus, he raised money himself, in Scotland. Much
        of it came from the Coats brothers, who had a cotton industry.
    
    
        They bought a Norwegian ship and did work on her. They gave her a new
        name – the Scotia. The whole thing was Scottish. The expedition’s
        official name was The Scottish National Antarctic Expedition.
    
    They left Troon in November 1902. I’ll tell you how they got on next week.
				             
				            
				              Uilleam Speirs Bruce (1)
				              
    Bha mi ag innse dhuibh mun charbad Albannach – a’ chiad fhear anns an
    Antartaig. An t-seachdain seo tha mi airson innse dhuibh mu fhear Albannach
    a bha an sàs ann an rannsachadh na h-Antartaig. B’ esan Uilleam Speirs
    Brus. Tha eachdraidh gu math inntinneach.
    Bha athair Bhruis na Albannach. Ach rugadh is thogadh Uilleam ann an
    Sasainn. Aig aois fichead, ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a seachd
    (1887), chaidh e a dh’Alba. Rinn e cùrsaichean foghlaim ann an saidheans
    nàdarrach. Agus dh’fhuirich e ann an Alba. Bha ùidh mhòr aige ann an
    saidheans na mara.
    Ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a dhà (1892), chaidh e don Chuan a Deas.
    Bha e ann an cabhlach a dh’fhàg Dùn Dè. Rinn iad rannsachadh air sealg nam
    mucan-mara. Cha do lorg iad mucan-mara gu leòr. Ach chòrd an t-àite gu mòr
    ri Brus.
    Chaidh e an uair sin gu Franz Josef Land anns an Artaig, far an d’
    fhuair e eòlas air an rannsaiche phòlach Nirribheach, Fridtjof Nansen. An
    dèidh sin, bha e air ais ann an Dùn Èideann. Leig e seachad cothrom a dhol
    don Antartaig cuide ri Raibeart Scott. Bha dà adhbhar aige. Bha e airson a
    bhith os cionn buidheann e fhèin. Agus cha robh ùidh sam bith aige ann a
    bhith a’ faighinn chun a’ Phòla a Deas. ʼS e rannsachadh saidheansail a bha
    fa-near dha.
    Phòs e tè Seasaidh NicCoinnich. Tha e coltach gun robh a’ bhanais ann an
    Ros an Ear. Chaidh iad a dh’fhuireach ann an Joppa, faisg air Dùn Èideann.
    Dhiùlt Comann Rìoghail a’ Chruinn-eòlais taic airgid do Bhrus airson triall
    Antartaigeach. Mar sin, thog e airgead dha fhèin, ann an Alba. Thàinig tòrr
    dheth bho na bràithrean Coats, aig an robh gnìomhachas cotain.
    Cheannaich iad long Nirribheach agus rinn iad obair oirre. Chuir iad ainm
    ùr oirre – an Scotia. Bha an gnothach uile-gu-lèir Albannach. B’ e ainm
    oifigeil an triall The Scottish National Antarctic Expedition.
    Dh’fhàg iad An t-Sròn san t-Samhain, naoi ceud deug ʼs a dhà (1902).
    Innsidh mi dhuibh mar a chaidh dhaibh an-ath-sheachdain.