A Scottish car in the Artarctic
I was speaking about the Argyll cars that were built in Scotland. That
wasn’t the only Scottish company that was making cars. For example,
there was the Arrol-Johnston.
I want to tell you about one particular vehicle that Arrol-Johnston
made. That was the one that Ernest Shackleton took with him to the
Antarctic in 1907. It’s my understanding that a Scottish car was the
first car ever in Antarctica. You can see pictures of it on the
internet.
It had a four cylinder engine that developed up to fifteen horsepower.
Unlike most vehicles, the engine was cooled by air, rather than water.
A jacket was built around the carburettor. The exhaust gases from one
cylinder were put through the jacket in order to warm the carburettor.
The team took special oil with them which would not freeze. They took
with them many spare parts, and many types of wheel[s].
But was the vehicle successful? To tell the truth, no. It was too
heavy. They took everything off it except the chassis and one seat for
the driver. They were wanting to use it just to pull sledges on the
ice. But, as soon as there was soft snow, the wheels got stuck in it.
But people learned a lot from that Arrol-Johnston. They understood that
tracks, rather than wheels, would be necessary in the Antarctic. And
there were tracks on the vehicles that Rober F Scott took with him to
the Antarctic in 1910.
Shackleton wasn’t successful in reaching the South Pole. But he sent a
group to the summit of Mt Erebus and some to within a hundred miles
from the Pole. Another group reached the South Magnetic Pole. Thus, his
expedition was successful in many ways.
When they left to return to New Zealand at the end [of the expedition], the
Arrol-Johnston was on board. What happened to it? Unfortunately, I have no
idea.
Càr Albannach anns an Antartaig
Bha mi a’ bruidhinn mu dheidhinn nan carbadan Argyll, a bh’ air an togail
ann an Alba. Cha b’ e sin an aon chompanaidh Albannach bha a’ togail
chàraichean. Mar eisimpleir, bha an Arrol-Johnston ann.
Tha mi airson innse dhuibh mu aon charbad sònraichte a thog Arrol-Johnston.
B’ e sin am fear a thug Ernest Shackleton leis don Antartaig ann an naoi
ceud deug ʼs a seachd (1907). ʼS e mo thuigse gum b’ e càr Albannach a’
chiad chàr riamh anns an Antartaig. Chì sibh dealbhan dheth air an
eadar-lìon.
Bha einnsean ceithir-siolandair aige, a bha a’ dèanamh suas ri còig horsepower deug. Eucoltach ris a’ chuid as motha de charbadan, bha
an t-einnsean air fhionnarachadh le èadhar, seach uisge.
Chaidh seacaid a thogail timcheall a’ chàrbradair. Chaidh na gasaichean
traoghaidh à aon siolandair a chur tron t-seacaid airson an càrbradair a
bhlàthachadh. Thug an sgioba ola shònraichte leotha nach biodh a’ reothadh.
Thug iad tòrr phàirtean spèir aca, agus grunn seòrsaichean chuibhlichean.
Ach an robh an carbad soirbheachail? Airson an fhìrinn innse, cha robh. Bha
e ro throm. Thug iad a h-uile rud dheth ach a-mhàin a chassis agus
aon suidheachan airson an dràibheir. Bha iad ag iarraidh a chur gu feum
dìreach airson slaodan a tharraing air an deigh. Ach, cho luath ʼs a bha
sneachd bog ann, bha na cuibhlichean a’ dol an sàs ann.
Ach dh’ionnsaich daoine gu leòr bhon Arrol-Johnston sin. Thuig iad gum
biodh tragaichean, seach cuibhlichean, riatanach anns an Antartaig. Agus
bha tragaichean air na carbadan a thug Raibeart F Scott leis don Antartaig
ann an naoi ceud deug ʼs a deich (1910).
Cha robh Shackleton soirbheachail ann a bhith a’ ruigsinn a’ Phòla a Deas.
Ach chuir e buidheann gu mullach Beinn Erebus agus feadhainn gu taobh
a-staigh ceud mìle bhon Phòla. Ràinig buidheann eile aige am Pòla
Magnaiteach a Deas. Mar sin, bha an triall aige soirbheachail ann an
iomadach dòigh.
Nuair a dh’fhalbh iad airson tilleadh gu Sealan Nuadh aig deireadh
gnothaich, bha an Arrol-Johnston air bòrd. Dè thachair dha? Gu
mì-fhortanach, chan eil càil a dh’fhios a’m.