ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Making requests A’ dèanamh iarrtas

Yes. I'll speak to...Nì. Bruidhnidh mi ri...

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

an dèan thu …? will you do/make …?

… sin dhomh … that for me

…fàbhar dhomhsa … a favour for me

Possible answers to questions beginning with an dèan … ?

yes (to questions beginning with an dèan … ?)

cha dèan no (to questions beginning with an dèan … ?)

bhiodh sin snog that would be nice

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Wife Feumaidh sinn na h-uinneagan a ghlanadh. We need to clean the windows.
Husband Chan eil iad dona. They’re not bad.
Wife Tha iad cho salach.
An dèan thusa an fheadhainn shuas an staidhre?
They are so dirty.
Will you do the ones upstairs?
Husband Nì. Yes.
Wife An-dràsta. Just now.
Sister Iain? John?
Iain Seadh? Yes?
Sister An dèan thu seo dhomh? Will you do this for me?
Iain Cha dèan. No.
Sister Och, siuthad.
Tha e fada ro dhoirbh dhomhsa.
Och, go on.
It’s far too difficult for me.
Iain Cha dèan. Tha mi trang. No. I’m busy.
Sister Iain?
A bheil fios aig Dadaidh gu bheil thu a’ cleachdadh a’ choimpiutair aige?
An dèan thu seo dhomh?
John?
Does Daddy know that you are using his computer?
Will you do this for me?
Iain Nì ma-thà. I will, then.
Wife Bhiodh sin snog.
’S toigh leam an dath sin.
Dè do bheachd?
That would be nice.
I like that colour.
What do you think?
Husband Tha.
Tha mi a' dol leat.
Tha e snog.
Yes.
I agree.
It’s nice.
Wife Bruidhnidh mi ri Seonaidh mu dheidhinn.
Cuiridh esan suas e.
I’ll speak to Johnny about it.
He’ll put it up.
Husband Seonaidh?
Carson?
Nì mi fhìn e.
Johnny?
Why?
I’ll do it myself.
Wife An dèan? Will you?
Husband Nì gu dearbh.
Bidh e furasta gu leòr.
’S e mi fhìn a rinn e an turas mu dheireadh.
I will indeed.
It will be easy enough.
I was the one who did it the last time.