ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about the senses A’ bruidhinn mu na ciad-fathan

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Murchadh Halò.
A bheil thu a'coimhead airson Seumas?
Iain a th’ ann, nach e?
Caraid aig Seumas.
Hello.
Are you looking for James?
It’s John, isn’t it?
James’ friend.
Iain ’S e. Yes.
Murchadh Murchadh MacPhàil, manaidsear a’ gharaids. Murdo MacPhail, manager of the garage.
Iain Ò seadh, an garaid anns a bheil Seumas ag obair. Oh yes, the garage in which James works.
Murchadh Garaids anns an robh Seumas ag obair.
An cuala tu idir gun do chaill e obair?
A garage in which James used was working.
Did you hear at all that he lost his job?
Iain A Thì, cha chuala.
Seumas bochd.
Chan eil e a' freagairt idir.
Dh’fheuch mi a-raoir cuideachd.
Oh my, no.
Poor James.
He isn’t answering at all.
I tried last night too.
Murchadh Thuirt e riumsa gum biodh e a-staigh sa mhadainn an-diugh airson an càr aige a reic. He told me that he would be in this morning to sell his car.
Iain Tha sin neònach.
Feuchaidh mi taigh eile.
That’s strange.
I’ll try another house.
Voice Halò. Hello.
Iain Tha mi duilich dragh a chur oirbh.
Am faca sibh Seumas Dòmhnallach?
Tha cuideigin airson an càr aige a cheannach.
I’m sorry to bother you.
Did you see James MacDonald?
Somebody wants to buy his car.
Voice Thigibh a-steach. Come in.
Neighbour Chan eil fhios agam càit a bheil Seumas.
Mar as trice, bidh mi ga fhaicinn agus ga chluinntinn a h-uile latha.
Chan eil sgeul air an-diugh.
I don’t know where James is.
Usually, I see him and hear him every day.
There’s no sign of him today.
Murchadh Tha an solas air.
Agus seall na pàipearan.
A Sheumais, a Sheumais, a bheil thu ann?
The light’s on.
And look at the newspapers.
James, James, are you there?
Iain A bheil iuchair idir agaibh? Do you have a key at all?
Neighbour Tha tè aig Mrs Wilson shuas an staidhre, tha mi a’ smaoineachadh. Mrs Wilson upstairs has one, I think.
Murchadh A bheil thu a’ faicinn càil? Can you see anything?
Iain Chan eil. No.
Murchadh A bheil thu a’ faicinn càil? Can you see anything?
Iain Tha rudeigin fada ceàrr.
Ò shìorraidh.
Something is very wrong.
Oh, heavens.
Murchadh A bheil thu ga fhaicinn? Can you see him?
Iain Ò, mo chreach ’s a thàinig.
A Sheumais, a bheil thu gam chluinntinn?
Thalla is fònadh chun a’ phoileis!
Oh my goodness.
James, can you hear me?
Go and phone the police!
Neighbour Ceart. Ok.
Iain A Mhurchaidh, nach cuidich thu mi?
A Sheumais, a Sheumais, a bheil thu gam chluinntinn?
Murdo, won’t you help me?
James, James, can you hear me?
Neighbour Seumas bochd.
Duine òg, spaideil.
Fichead ’s a h-ochd bliadhn’ a dh’aois.
Bidh mi ga fhaicinn a h-uile latha.
Chùm e sùil air a’ chat nuair a bha mi air saor-làithean.
Ò mo chreach ’s a thàinig.
Poor James.
A smart, young man.
Twenty-eight years old.
I see him every day.
He kept an eye on the cat when I was on holiday.
Oh my goodness.