ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Documentaries Prògraman Aithriseachd

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha an Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Ath-chuairteachadh

Gaelic Gàidhlig

[Sweeny] Nuair a chì mise cothrom rudeigin a chleachdadh às ùr tha mi a’ smaoineachadh air dòighean sin a dhèanamh. Tha mo nàbaidh, James, gam chuideachadh an-diugh leis an tractor mòr aige na taidhrichean a tha seo a ghluasad dhachaigh. Bhiodh na taidhrichean air an tilgeil às mar sgudail ach tha iad a-nis a’ dol a thoirt fasgadh dha na caoraich agamsa. Tha sin a’ sàbhaladh dhòmhsa fasgadh a thogail dhaibh agus tha seo cuideachd a’ sàbhaladh cìs-sguadail dhan comhairle. Tha a h-uile duine a’ buannachadh.

[Sweeny] Tha daoine a’ smaoineachadh na làithean-sa gur e rud ùr a th’ ann a bhith “uaine” agus a bhith a’ cleachdadh stuth a-rithist agus a bhith ga ath-chuairteachadh agus a bhith a’ feuchainn ris an t-saoghal a shàbhaladh le bhith mar sin. Chan e rud ùr a th’ ann idir. Tha daoine air a bhith ga dhèanamh airson bliadhnaichean, airson ginealaichean, airson mìltean de bhliadhnaichean.

[Iain] Tha na tyres aige a-staigh ann an sin agus tha e uabhasach math. Cumaidh e fasgadh ann an sin. Faodaidh na caoraich a dhol taobh sam bith dhe na tyres agus tha fasgadh math ann.

[Sweeny] Chanainn-sa gu bheil co-dhiù leth-cheud tunna de sgudal air a bhith air a shàbhaladh dìreach air an aon lot agams’. Chan eil mise cho eadar-dhealaichte bho dhaoine eile. A h-uile croitear eile air a bheil mise eòlach tha an aon fheallsanachd aca-san. Cha bhi iad a’ sadail a-mach rudan. Bidh e feumail aig àm air choreigin.

Chaidh am prògram seo, An Lot, a chraoladh an toiseach ann an 2015. Le taing do MacTV.

Recycling

English Beurla

[Sweeny] When I see an opportunity to use something anew I think of ways to do so. My neighbour, James, is helping me today with his big tractor to move these tyres home. The tyres would have been thrown out as rubbish but they are now going to give shelter to my sheep. That saves me building a shelter for them and this also saves refuse tax for the council. Everyone gains.

[Sweeny] People think these days that it’s a new thing to be “green” and to use stuff again and to recycle it and to try and save the world by being like that. It’s not a new thing at all. People have been doing it for years, for generations, for thousands of years.

[Iain] He’s got the tyres in there and it’s very good. It’ll keep them sheltered in there. The sheep can go any side of the tyres and there’s good shelter for them.

[Sweeny] I’d say that at least 50 tonnes of rubbish have been saved just on my one croft. I’m not that different from other people. Every other crofter that I know has the same philosophy. They don’t throw things out. It’ll be useful sometime.

This programme, An Lot, was first broadcast in 2015. Courtesy of MacTV

Show English

ath-chuairteachadh

recycling

sàbhail!

save, rescue!

ginealaichean

generations

feallsanachd

philosophy