ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Documentaries Prògraman Aithriseachd

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha an Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Tha Daibhidh taingeil gu bheil Taiji aige aig an àm seo

Gaelic Gàidhlig

[Dàibhidh Eyre] ’S mise Dàibhidh Eyre agus an-dràsta tha mi a’ fuireach aig taigh mo phàrantan ann an Lochwinnoch, Siorrachd Rinn Friù.

[Dàibhidh Eyre] Thòisich mi ag ionnsachadh Taiji (Tai Chi) o chionn còig bliadhna neo mar sin.

[Dàibhidh Eyre] Tha mi air a bhith ga chluich cha mhòr a h-uile latha on a thòisich sinn a’ cumail aig an taigh.

[Dàibhidh Eyre] Bha mi ann an Sìona airson seachd mìosan an-uiridh, ga h-ionnsachadh bho fìor deagh thidsear.

[Dàibhidh Eyre] Tha fhios a’m nach eil mi math air fhathast, ach bidh e a’ toirt fois dhomh.

[Dàibhidh Eyre] Is tric a bhios m’ inntinn làn rudan agus cuid dhiubh, uill, chan eil iad snog.

[Dàibhidh Eyre] An-diugh, an rud as motha, ’s e gu bheil mo mhàthair san ospadal ann am Pàislig agus am bhìoras oirre.

[Dàibhidh Eyre] Tha an teaghlach air fad gu math iomagaineach air a son.

[Dàibhidh Eyre] Tha i a’ tighinn air adhart ge-tà, a’ faighinn troimhe.

[Dàibhidh Eyre] Tha mi ’n dòchas nach bi i fada a’ tilleadh dhachaigh.

[Dàibhidh Eyre] Tha mi taingeil gu bheil an Taiji seo agam

[Dàibhidh Eyre] Tha e gam chuideachadh, tha mi smaoineachadh.

[Dàibhidh Eyre] Gam shocrachadh.

David is grateful he has Taiji at this time

English Beurla

[David Eyre] I'm David Eyre and at the moment I'm staying at my parents' house in Lochwinnoch, Renfrewshire.

[David Eyre] I started learning Taiji (Tai Chi) about five years ago.

[David Eyre] I've been doing it almost every day since we’ve had to stay at home.

[David Eyre] I was in China for seven months last year, learning from an excellent teacher.

[David Eyre] I know I'm still not good at it, but it gives me a peaceful feeling.

[David Eyre] My mind's often full of different thoughts, and some of them aren't that nice.

[David Eyre] Today, the biggest thing is my mother's health.

[David Eyre] She's in hospital in Paisley because of the virus.

[David Eyre] The whole family is worried for her.

[David Eyre] She's coming along though. Getting through it.

[David Eyre] I hope she won't be long coming home.

[David Eyre] I'm thankful that I've got Taiji. It helps me, I think.

[David Eyre] It calms me.

Show English

Siorrachd Rinn Friù - Renfrewshire

o chionn - since

no mar sin - or thereabouts

cha mhòr - just about

Sìona - China

an-uiridh - last year