ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Documentaries Prògraman Aithriseachd

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha an Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

‘S iomadh facal a th’ann airson corragan

Gaelic Gàidhlig

[Eilidh NicLeòid] Cha dèan corrag mhilis ìm, nach fìor am facal? ‘S ma leanas mi orm ag imleach an taois bho mo chorragan, cha bhi càil dheth air fhàgail mus ruig e an àmhainn. Corragan, òrdagan, meuran agus a h-ainm fhèin air a h-uile tè dhiubh.

[Ailig ‘ Bhaltois’ Dòmhnallach] An Òrdag, an sgealbag, an gunna fada, mac an aba, agus lùdag bheag an airgid.

[Seonag NicAonghais] Òrdag, dolgag, ceanna-fead, mac-an-ad’, plaoisgeag.

[Duine] Òrdag, balbhag, gille-fada, mac-an-aba is cuideag ach chan eil sìon de dh’ fhios agam dè tha sìon dheth a’ ciallachadh.

[Eilidh NicLeòid] Uill, ‘s iomadh latha is bliadhna on a chuala mi a’ cheart rann aig m’ athair, ach ‘s e a bh’ aigesan “Òrdag, sgealbag, gunna-fada, mac-an-tradaich agus lùdag bheag an airgid!”

[Bill Innes] Tha e coltach ann an Uibhist, mar eisimpleir, gun canadh iad gealbag, ris a’ mheur a tha seo, ach tha sinn nas eòlaiche an-diugh air ‘s dòcha, sgealbag a chluinntinn, facal a bh’ aca ann an Leòdhas, òrdag agus sgealbag. Ma chanas tu òrdag agus sgealbag no Òrdag agus gealbag, ‘s e an aon fhuaim a th’ ann co-dhiù, agus ‘s e a’ cheist a thog e nam inntinn-sa gealbag, saoil nach e gille-beag a bh’ ann bho thùs a chionn canaidh cuid gille-fada ris an mheur mheadhanach a tha seo. Ach cuideachd, bha ainm ann mar a bha an gunna-fada no Fionnlagh Fada, agus a’ mheur seo nas annasaiche buileach mac-an-aba, no ann an Leòdhas, tha mi a’ tuigsinn, Nic-an-tradaidh, ge brìgh dè bha sin a’ ciallachadh.

Chaidh am prògram seo, Beul Chainnt, a chraoladh an toiseach ann an 2002.

The many Gaelic words for fingers

English Beurla

[Eilidh MacLeod] A sweet finger won’t make butter, aren’t those words true? And if I continue to lick the dough from my fingers, there won’t be any left before it reaches the oven. Corragan (fingers), òrdagan (fingers) meuran (fingers) and each one has its own name.

[Alex ‘Valtos’ MacDonald] The thumb, the forefinger, the middle finger, ring finger and pinkie.

[Joan MacInnes] Thumb, forefinger, middle finger, ring finger, pinkie.

[Man] Thumb, forefinger, middle finger, ring finger and pinkie, but I don’t have a clue what any of them mean.

[Eilidh MacLeod] Well there has been many a day and year since I heard this same rhyme from my father, but this is what he had “Thumb, forefinger, middle finger, ring finger and pinkie!”

[Bill Innes] It would appear in Uist, for example, that they would say gealbag (forefinger) for this finger, but we are more used to today, maybe to hear sgealbag (forefinger), a word they had in Lewis, thumb and forefinger. If you say òrdag (thumb) and sgealbag (forefinger) or òrdag (thumb) and gealbag (forefinger), it’s the same sound anyway and the question that has arisen in my mind, gealbag (forefinger), I wonder if it was gille beag (little lad) originally as some say gille-fada (middle finger, literally long lad) with this middle finger. But also, there was a name like gunna-fada (long gun), or Fionnlagh Fada (Long Finlay) and this finger is stranger still, mac-an-aba (ring finger, literally son of the bishop), or in Lewis, I understand nic-an-tradaidh (ring finger), whatever that means.

This programme, Beul Chainnt, was first broadcast in 2002.

Show English

corragan

fingers

òrdagan

fingers

meuran

fingers