ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Entertainment Dibhearsan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Bhon chladach dhan truinnsear

Gaelic Gàidhlig

[Pàdruig] Uill, tha an t-sìde air a bhith sgoinneil agus an-diugh gu h-àraidh ann an Uibhist, tha i uabhasach fhèin soilleir agus teth. Agus aon de na rudan a tha air a bhith a’ còrdadh riumsa a bhith a’ dèanamh thairis air an lockdown, ’s e a bhith a’ feuchainn shìos chun a’ chidhe againn fhìn anns na Ceallan a dh’fhaicinn dè mhaorach a tha aca agus a’ feuchainn dè nì mi airson dinneir.

[Pàdruig] Nist, cha chanainn gun ghlacainn mòran anns an eathar a tha seo, seann eathar a bh’ aig m’ athair, ach bha esan, mar a bha iomadach fhear eile air Griomasaigh, bha e na iasgair. Tha iasgaireachd air a bhith làidir ann an fuil muinntir Ghriomasaigh, agus gu fortanach, chun an latha an-diugh tha iasgaireachd ceart cho cudromach an lùib beatha an eilein.

[Pàdruig] Mar sin, nach tig sibh air spin còmhla rium shìos gu na Ceallan.

[Pàdruig] Tha mi gu math fortanach, nach eil na Ceallan ach dà mhìle sìos an rathaid, agus gur e aon de na cidheachan as trainge sna h-Eileanan an Iar. Tha bàtaichean de gach seòrsa ann a sheo, eathraichean traidiseanta Griomasach, bàtaichean na bu mhotha, ’s nam measg tha tràlairean a tha a toirt a-staigh barrachd na leth de chreachan nan Eilean Siar ann a sheo.

[Pàdruig] Ach an-diugh chan e creachan a tha mi a’ siubhal, ’s e muasgan-caol a tha mi ag iarraidh às am factaraidh.

[Pàdruig] Alright, taing mhòr!

[Pàdruig] Shin agad e ma-thà, tha maorach agam ann a sheo, agus tha dinnear ri fhaighinn deiseil.

[Pàdruig] Agus seo agad na fhuair mi.

[Pàdruig] Seall am biast mòr a tha sin!

[Pàdruig] Cumaidh mi nan feadhainn mhòra slàn, ach bheiridh mi na sligean far an fheadhainn bheaga agus cuiridh mi iad sin a-staigh dhan bhiadh slàn dìreach am feòil.

[Pàdruig] 'S e paella a tha mi dol a dhèanamh a-nochd. ‘S mar sin tha creamh, uinnean, mushroom, piobaran, an rice agus an stock uileag agam ann a sheo deiseil.

[Pàdruig] Agus sin agad feòil nam muasgain-chaoil beaga a’ dol a-staigh.

[Pàdruig] Shin agad e ma-thà.

[Pàdruig] Dinnear fresh eile às na Ceallan.

[Pàdruig] Math fhèin!

From the shore to the plate

English Beurla

[Pàdruig] Well, the weather has been fantastic and today especially in Uist, it’s very clear and hot. And one of the things I’ve been enjoying over lockdown is going down to our own pier in Kallin to see what shellfish they have and to see what I can make for dinner.

[Pàdruig] Now, I wouldn’t say that I would catch a lot in this boat, an old boat that my Dad had, but he was, as were many others in Grimsay, he was a fisherman. Fishing has been strong in the blood of people in Grimsay and luckily to this day fishing is just as important to island life.

[Pàdruig] So, won’t you come on a spin with me down to Kallin.

[Pàdruig] I’m very lucky, Kallin is only two miles down the road, one of the busiest piers in the Western Isles. There are boats of all types here, traditional Grimsay boats, bigger boats, amongst them trawlers that take in more than half the scallops from the Western Isles here.

[Pàdruig] But today I’m not looking for scallops, it’s prawns from the factory.

[Pàdruig] Alright, thank you!

[Pàdruig] There you go then, I have prawns here, and dinner to prepare.

[Pàdruig] And here’s what I got.

[Pàdruig] Look at that big beast!

[Pàdruig] I’ll keep the big ones whole, but I’ll take the shells of the small ones and I’ll put them into the food whole just as meat.

[Pàdruig] It’s paella that I’m going to make tonight.

[Pàdruig] So, I have garlic, onion, mushroom, peppers, the rice and the stock all here ready.

[Pàdruig] And that’s the prawn meat going in.

[Pàdruig] There you go then.

[Pàdruig] Another fresh dinner from Kallin.

[Pàdruig] Excellent!

Show English

an t-sìde

the weather

an t-sìde

the weather

iasgaireachd

fishing

sligean

shells

creamh

garlic

eathar

a small boat