ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Food Biadh

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Na briosgaidean ìmpireachd liomaid is teile aig Griogair

Gaelic Gàidhlig

[Griogair] Tha sinn uile eòlach air na briosgaidean beaga seo. Tha mise gan dhèanamh le blasan siotrais agus airson sin, tha mi a’ dol a thòiseachadh aig le meadhan nam briosgaidean le bhith a’ dèanamh curd a’ cleachdadh teile. Tha mi an toiseach a’ dol a chur ochdad ’s a còig grama ìm ann am bobhla. Tha sinn ag iarraidh bobhla a thig air muin pana le bùrn goileach. Cuideachd, dà cheud agus fichead ’s a còig de shiùcar agus tha rùsg agam à trì teilean an seo, a-steach leis.

[Griogair] Còmhla ris an sùgh à trì teilean cuideachd. Cuiridh mi seo nis air mullach pana air teas ìosal gus an leagh a h-uile càil còmhla. ’S caomh leam an dath uaine bhon teile, dath gu math eadar-dhealaichte airson curd. Tha sin air leaghadh math a-nis. ’S chan eil againn ach ris na h-uighean a chur a-steach. Tha mi a’ dol a chur dà ugh a-steach ann, a’ cleachdadh an ugh gu lèir. Tha mi fèir a’ dol ga mheasgachadh airson mionaid no dhà, tha sinn ag iarraidh nas fhuaire mus cur mi na h-uighean a-steach. Chan eil sinn ag iarraidh scrambled eggs idir. Chan eil sin ro theth idir.

[Griogair] Fèir leth mhionaid no mar sin ga mheasgachadh, agus faodaidh sinn an uair sin a chur air ais air an teas gus am fàs e tiugh.

[Griogair] Nuair a tha an slamhag tiugh, tha mi ga thogail bhon teas. Tha gu leòr agam airson dà chrogan bheag. Glèidh mi an dàrna leth dheth agus cumaidh mi an còrr airson nam briosgaidean a lìonadh.

[Griogair] Fhad ’s a tha an curd a-nis a’ fuarachadh, cumaidh mi orm leis na briosgaidean. Tòisichidh mi le ceud gu leth grama de dh’ìm ann am bobhla agus leth-cheud grama de shiùcar mìn, agus spàin-teatha de bhrìgh vanilla, agus rùsg à aon liomaid. ‘S e ìm le salann a tha mise a’ cleachdadh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil deagh bhlas dheth na briosgaidean.

[Griogair] Tha sin air a mheasgachadh math fhèin a-nis agus ris a sin tha mi a’ cur dà cheud grama de flùr plèan. Agus ga mheasgachadh a-rithist.

[Griogair] Seo a-nis ma-thà, tha e a’ coimhead coltach ri aran pronn an-dràst’ ach nuair a chuireas mi mo làmhan a-steach thig a h-uile càil còmhla.

[Griogair] Airson ochd briosgaidean dùbailte, feumaidh mi an taois a rolaigeadh a-mach gu cairteal òirlich ann an tighead. Gearraidh mi sia briosgaidean deug às, trì òirlich tarsainn.

[Griogair] Tha iad seo a-nis deiseil airson a dhol dhan an àmhainn aig ceud agus seasgad fan airson còrr is deich mionaidean. Chan eil sinn ag iarraidh cus dath a bhith orra idir.

[Griogair] Nuair a tha na briosgaidean deiseil, tha mi gan sgaoileadh air racais uèir gum bi iad builleach fuar.

[Griogair] Tha an t-àm ann a-nis na briosgaidean a lìonadh leis an curd againn agus cuideachd còmhdach le siùcar còmhdaich agus liomaid a chur air a’ mhullach. Agus ’s iad a bhios math.] Nise, tha mi fèir a’ dol a chleachdadh spàin bheag den curd agus tha mi a’ dol ga chur ann am meadhan na briosgaid.

[Griogair] Tha na briosgaidean a’ coimhead gu math tana nuair a tha iad leotha fhèin, ach nuair a chuireas tu fear eile air a’ mhullach, ’s e greim math a gheibheas tu.

[Griogair] Tha iad gu lèir a-nis air a lìonadh agus chan eil agam ach ri còmhdach a dhèanamh le siùcar còmhdaich agus sùgh à liomaid. Agus ’s e aon liomaid a tha mi a’ cleachdadh agus ceud grama de shiùcar còmhdaich.

[Griogair] Cha bhi feum air a h-uile boinne sùgh, tha mi air a chur ann air mo shocair.

[Griogair] Tha sin a’ coimhead math a-nis, agus chì sibh gu bheil e fèir a’ ruith bhon spàin againn. Chan eil e ro bhog. Aon spàin ’s a’ dol ga chur ann am meadhan na briosgaide, timcheall an oir, agus an uair sin, tha mi a’ cur aon de na suiteis beaga a tha seo, feadhainn liomaid. Agus tha sin a’ dol air a’ mhullach agus an uair sin tha fios agaibh dè tha staigh na bhroinn.

[Griogair] ’S feumaidh mi fèir pìos fheuchainn a-nis.

[Griogair] O uill, tha na blasan siotrais a tha sin a’ tighinn troimhe. Cho math, ’s tha am briosgaid a tha sin, fèir ceart. Mmm ’s tha an curd a tha sin math fhèin cuideachd, fhuair mi fear blas ann a shin.] Chan e a-mhàin gu bheil iad a’ coimhead brèagha, ach tha iad cho blasta cuideachd.

Gregor’s lemon and lime empire biscuits

English Beurla

[Gregor] We’re all know these wee biscuits. I make them with citrus flavours and for that, I’m going to start at the middle of the biscuits by making curd using lime. I’m first going to put 85g of butter in a bowl. We want a bowl that will go on top of a pan with boiling water. Also, 225g of sugar and I have the rind of three limes here, in with it.

[Gregor] With it, the juice from three limes as well. I’ll now put this on top of the pan at a low heat so that everything will melt together. I like the green colour from the lime, a very different colour for curd. That’s melted well now. And we only have to put the eggs in. I’m going to put two eggs into it, using the whole egg.

[Gregor] I’m just going to mix it for a minute or two, we want it to be more colder before I put the eggs in. We don’t want scrambled eggs at all. That’s not too hot at all. Just half a minute or similar mixing it, and we can then put it back on the heat so that it grows thick.

[Gregor] When the curd is thick, I’m lifting it up away from the heat. I have enough for two small jars. I’ll preserve half of it and I’ll keep the rest to fill the biscuits.

[Gregor] While the curd is now cooling, I’ll keep going with the biscuits. I’ll start with 150g of butter in a bowl and 50g of fine sugar, and a teaspoon of vanilla essence, and the rind of one lemon. It’s butter with salt that I’m using, making sure that there’s a good taste in the biscuits.

[Gregor] That’s mixed very well now and with that I’m adding 200g of plain flour. And mixing it again.

[Gregor] Here now then, it looks like breadcrumbs now but when I put my hands in everything will come together.

[Gregor] For eight double biscuits, I need to roll the dough out to quarter inches in thickness. I’ll cut 16 biscuits out of it, three inches across.

[Gregor] These are now ready to go in the oven at 160 fan for more than 10 minutes. We don’t want too much colour to be on them at all.

[Gregor] When the biscuits are ready, I spread them on a wire rack until they are cool.

[Gregor] It’s time now to fill the biscuits with our curd and also to coat with icing sugar and lemon to put on the top. And they will be good. Now, I’m just going to use a small spoon of the curd and I’m going to put it in the middle of the biscuit.

[Gregor] The biscuits are looking very thin when they’re by themselves but when you put another one on top, you’ll get a good bite.

[Gregor] They are all now filled and I only have to coat them with icing sugar and lemon juice. And it’s one lemon that I’m using and 100g of icing sugar.

[Gregor] Not every drop of juice will be needed, I’m putting it in carefully.

[Gregor] That looks good now, and you’ll see that it’s just running from our spoon. It’s not too soft. One spoon and going to put it in the middle of the biscuit, round the outside, and then I’m putting one of these small sweets, lemon ones. And that’s going on the top and then you know what’s inside it.

[Gregor] And I need to just try a piece now.

[Gregor] Oh well, those citrus flavours are coming through. That biscuit is so good, just right. Mmm and that curd is very good too, I got a tasty one there. It’s not only that they look pretty, but they are so tasty too.

meadhan

middle

teile

a lime

rùsg

rind

a’ fuarachadh

cooling

dùbailte

double

a’ rolaigeadh

rolling