ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Food Biadh

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Buntàta machaire anns na Buirgh

Gaelic Gàidhlig

[Ùisdean] Càite a-nis an tug thu mi?

[Ruaraidh] Uill Ùisdein, seo far an d’ fhuair mi m’ àrach òg. Seo Na Buirgh. Ainmeil airson tràighean agus cuideachd buntàta. Buntàta machaire.

[Ùisdean] Uill tha tràighean agad an seo coltach ri tràighean a gheibheadh tu ann am Barbados.

[Ruaraidh] Ò gu dearbh fhèin, tha ’s nas fheàrr.

[Ùisdean] Saoil a bheil am buntàta coltach?

[Ruaraidh] Uill tha sgoinneil. Tha m’ athair ann an sin air an lot an-dràsta agus tha esan air duaisean fhaighinn airson a’ bhuntàta aige so chì sinn dè th’ aige dhuinn.

[Ruaraidh] Tiugainn Ùisdein.

[Ùisdean] Siuthad ma-thà.

[Ruaraidh] Tha sibh ann an sin, Dad!

[Athair Ruaraidh] Tha. Ann an seo.

[Ruaraidh] Ciamar a tha am buntàta?

[Athair Ruaraidh] Tha math.

[Ruaraidh] Agus dè th’ againn ann an seo?

[Athair Ruaraidh] Pentland Crown.

[Ruaraidh] Ò tha iad a’ coimhead math.

[Ùisdean] Tha iad a’ coimhead sgoinneil, nach eil?

[Ruaraidh] Agus ...

[Athair Ruaraidh] Ò tha iad math. Seall. Coimhead sin.

[Ruaraidh] Cò ris a tha e coltach? An e fear tioram no fear waxy a tha seo?

[Athair Ruaraidh] Ò fear tioram a th’ ann.

[Ruaraidh] Feumaidh tu a bhith rudeigin cùramach gam bruich ge-tà.

[Athair Ruaraidh] Feumaidh, feumaidh.

[Ruaraidh] Ciamar a bhios sibh gam bruich, Dad?

[Athair Ruaraidh] Ò steamer.

[Ruaraidh] Steamer.

[Ùisdean] ’S e cho glan ’s a tha iad a’ tighinn às an talamh.

[Athair Ruaraidh] Ò tha.

[Ruaraidh] Cha rùsgadh tu seo idir.

[Athair Ruaraidh] Eh?

[Ruaraidh] Cha toireadh tu an rùsg bhuaithe idir. Dìreach glan iad ’s bruich iad - an e sin an dòigh?

[Athair Ruaraidh] Sin agad e.

[Ruaraidh] Agus dè tha gam fàgail cho math? Am buntàta machaire. Dè an secret a th’ agaibh?

[Athair Ruaraidh] Ò chan eil secret ann. ’S e an talamh a tha seo ’s an fheamainn, tha mi a’ creidsinn. Sin e.

[Ruaraidh] ’S e dìreach feamainn a tha thu a’ cur orra a-nis?

[Athair Ruaraidh] ’S e, ’s e.

[Ruaraidh] Bha latha ann ’s bha sibh a cleachdadh guano.

[Athair Ruaraidh] Bha uaireigin, bha.

[Ruaraidh] Uill tha gu leòr buntàta againn ann an sin. Tha beachd agamsa airson brot a dhèanamh.

[Athair Ruaraidh] Ò aidh.

[Ruaraidh] Chowder. Ma gheibh sinn srùbain, tha teansa mhath gum bi Doonie ann an Seileabost an-dràsta.

[Ùisdean] Aidh. Bidh iad math.

[Ruaraidh] So thig sinn a chèilidh air-san. Gheibh sinn srùbain ’s ’s urrainn dhuinn nàdar de chowder a dhèanamh.

[Ùisdean] Dhèanadh tu chowder glè mhath leis a’ bhuntàta sin. Fair sgoinneil.

[Ruaraidh] Right Ùisdein, ma bheir thusa leat am buntàta.

[Ùisdean] Aidh, aidh.

[Ruaraidh] Dad, mòran taing airson sin.

[Ùisdean] Tha mise an seo airson an donkey work.

[Ruaraidh] ’S mathaid gun nochd sinn a-nochd fhathast le truinnsear chowder dhut. Ok ma-thà. Mar sin leibh.

[Ùisdean] Tapadh leat.

[Ruaraidh] Tiors.

Chaidh am prògram seo, Seòid a’ Chidsin, a chraoladh an toiseach ann an 2017.

Machair potatoes in Borve

English Beurla

[Uisdean] Where have you taken me now?

[Roddy] Well Uisdean, this is where I was brought up. This is Borve. Renowned for beaches and also potatoes. Machair potatoes.

[Uisdean] Well the beaches you have here are like beaches that you would get in Barbados.

[Roddy] Oh certainly, they are and better.

[Uisdean] I wonder if the potatoes similar?

[Roddy] Well they are brilliant. My father is there on the croft just now and he has received awards for his potatoes so we will see what he has for us.

[Roddy] Come along Uisdean.

[Uisdean] Go on then.

[Roddy] You are there, Dad!

[Roddy's father] I am. Here.

[Roddy] How are the potatoes?

[Roddy's father] They are fine.

[Roddy] And what have we got here?

[Roddy's father] Pentland Crown.

[Roddy] Oh they look fine.

[Uisdean] They look brilliant, don’t they?

[Roddy] And ...

[Roddy's father] Oh they are good. Look. Look there.

[Roddy] What is it like? Is this a dry one or a waxy one?

[Roddy's father] Oh it is a dry one.

[Roddy] You must be somewhat careful cooking them though.

[Roddy's father] You must, you must.

[Roddy] How do you cook them, Dad?

[Roddy's father] Oh, a steamer.

[Roddy] A steamer.

[Uisdean] It is how clean they are coming from the ground.

[Roddy's father] Oh they are.

[Roddy] You wouldn't peel these at all.

[Roddy's father] Eh?

[Roddy] You wouldn't take the skin off them at all. Just clean them and cook them - is that the method?

[Roddy's father] There you have it.

[Roddy] And what makes them so good? The machair potatoes. What is your secret?

[Roddy's father] Oh there isn't a secret. It is this ground and the seaweed, I believe. That's it.

[Roddy] It is just seaweed that you put on them now?

[Roddy's father] It is, yes.

[Roddy] There was a time when you used guano.

[Roddy's father] There was, yes.

[Roddy] Well we have enough potatoes there. I have an idea for making soup.

[Roddy's father] Oh aye.

[Roddy] Chowder. If we can get cockles, there is a good chance that Doonie will be in Seilebost just now.

[Uisdean] Aye. They will be good.

[Roddy] So we will go to visit them. We will get cockles and we can make a kind of chowder.

[Uisdean] You could make a very good chowder with those potatoes. Fair brilliant.

[Roddy] Right Uisdean, if you bring the potatoes with you.

[Uisdean] Aye, aye.

[Roddy] Dad, many thanks for that.

[Uisdean] I am here for the donkey work.

[Roddy] Perhaps we will appear tonight yet with a plate of chowder for you. Ok then. Goodbye.

[Uisdean] Thank you.

[Roddy] Cheers.

This programme, Seòid a’ Chidsin, was first broadcast in 2017.

Show English

faigh àrach!

be brought up!

Na Buirgh

Borve (Harris)

lot

an allotment, a croft

rùsgadh

peeling, shearing

rùsg

peel, crust, bark

feamainn

seaweed

srùban

cockle