ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

History Eachdraidh

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Latha Chùil Lodair

Gaelic Gàidhlig

[Preseantair] Is iomadh òran a chaidh a dhèanamh air strì chaillte nan Seumasach. Anns an dàn aige, Latha Chùil Lodair, tha Iain Ruadh Stiùbhart a’ cur an cèill mar a chaidh cuibhle an fhortain mun cuairt gu sgiobalta do na Seumasaich. B’ e saighdear a bha anns an Stiùbhartach le ceanglaichean uasal.

[Seumas Grannd] Bhuineadh Iain Stiùbhart do shliochd an Dàrna Rìgh Raibeart, Raibeart Stiùbhart agus mar sin, bha fuil rìoghail nan Stiùbhartach a’ sruthadh tro na cuislean aige.

[Preseantair] B’ ann an Cinn Chàrdainn a rugadh Iain Ruadh Stiùbhart. B ‘ann aig a theaghlach a bha an oighreachd uaireigin ach nuair a thuit iad ann am fiachan, chaill iad sealbh oirre. Às-dèidh sin bha iad mar fir-taca air an t-seann oighreachd aca fhèin.

[Seumas Grannd] Cha chreid mi gu robh e a’ tighinn ri chàil a bhith na fhear oighreachd agus chaidh e dhan airm. Chaidh e dhan rèisimeid ainmeil Scots Grays agus bha e san reisimeid sin airson eadar ochd is deich bliadhna agus dh’èirich e gu ìre Lieutenant anns na Scots Grays.

[Niall MacGriogair] Is mise Niall MacGriogair, tha mi fuireach ann an Dùn Èideann. Rugadh agus thogadh mi ann an Dùn Èideann ach thàinig mo chuideachd à Srath Spè. Thog mi ùidh ann an Iain Ruadh Stiùbhart bliadhnaichean air ais. Thàinig mo sheanair às a’ Ghàidhealtachd à sgìre Mhonaidh Ruaidh. Agus chuala mi gu tric nuair a bha mi òg gur ann às a’ Ghàidhealtachd a bha sinn. Agus tha ùidh agam ann an Iain Ruadh, ann an dòigh, fad mo bheatha.

[Preseantair] Choisinn Iain Ruadh cliù dha fhèin mar shaighdearan Airm Bhreatainn anns na bliadhnaichean ro Cùil Lodair. Ach b’e adhbhar nanSeumasach a bha na bu dlùithe dha. Thug e dhìlseachd don Phrionnsa Teàrlach agus an strì airson crùn Bhreatainn.

[Seumas Grannd] Nuair a thill am Prionnsa Teàrlach a dh’Alba, thill Iain Ruadh cuideachd, ‘s thachair e ris ann am Blàr Athaill agus thog e reisimeid dha air an robh Reisimeid Dhùn Èideann.

[Preseantair] Air an t-siathamh latha deug den Ghiblean, seachd ceud deug ceathrad ‘sa sia, choinnich feachd a’ Phrionnsa Theàrlaich agus feachdan an Rìgh fo smachd Dhiùc Chumberland air raon Chùil Lodair. An ceann uair a thìde bha am batal seachad: làmh an uachdair aig na saighdearan dearga is na Seumasaich air an creachadh.

[Leughadair]O, gur mòr mo chùis mhulaid,

'S mi ri caoineadh na guinatà 'm thìr;

A Rìgh, bi làidir, 's tu 's urrainn

Ar nàimhdean a chumail fo chìs!

Oirnne 's làidir Diùc Uilleam,

An rag-mhèirleach, tha guin aige dhuinn;

B' e siud salchar nansgeallag

Tighinn an uachdar air chruithneachd an fhuinn.

Mo chreach, Teàrlach Ruadh bòidheach

Bhith fobhinn aig Rìgh Deòrsa nam biast –

B' e siud dìteadh na còrach,

An Fhìrinn 's a beòil foidhpe sìos;

Ach, a Rìgh, mas e 's deòin leat,

Cuir an rìoghachd air seòl a chaidh dhinn,

Cuir Rìgh dligheach na còrach

Ri linn na tha beò os ar cinn.

Chaidh am prògram seo, Sheinn am Bàrd, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

The Day of Culloden

English Beurla

[Presenter] There is many a song which has been made on the lost cause of the Jacobites. In his poem, The Day of Culloden, John Roy Stuart explains how the wheel of fortune turned very quickly for the Jacobites. Stuart was a soldier with noble connections.

[James Grant] John Stuart belonged to the descendants of King Robert the Second, Robert Stuart and as such, the royal blood of the Stuarts ran through his arteries.

[Presenter] It was in Kincardine that John Roy Stuart was born. The estate belonged to his family at some time but when they fell into debt, they lost possession of it. After that they were like tenants on their own old estate.

[James Grant] I don’t think it came to anything to be a tacksman and he went to the army. He went to the famous regiment Scots Grays and he was in that regiment for between eight and ten years and he ascended to Lieutenant level in the Scots Grays.

[Neil MacGregor] I am Neil MacGregor, I live in Edinburgh. I was born and raised in Edinburgh but my family came from Strathspey. My interest in John Roy Stuart arose years ago. My grandfather came from the Highlands from the Cairngorms. And I often heard when I was young that we were from the Highlands. And I have had an interest in John Roy, in a way, all my life.

[Presenter] John Roy gained a reputation for himself as a British Army soldier in the years before Culloden. But the cause of the Jacobites was closest to him. He swore loyalty to Prince Charlie and the struggle for the British crown.

[James Grant] When Prince Charlie returned to Scotland, John Roy returned too, and he met him at Blair Atholl and he raised a regiment for him called the Edinburgh Regiment.

[Presenter] On the 16th of April 1746, Prince Charlie’s force and the King’s forces under the control of the Duke of Cumberland met on Culloden battlefield. After an hour the battle was over: the redcoats had won and the Jacobites were plundered.

[Reader] Great is the cause of my sorrow,

As I mourn for the wounds of my land;

O God, be strong, thou art able

To keep in subjection our foes;

O’er us Duke William is tyrant,

That vile rogue, who has hate for us all

‘Tis as foul weeds of charlock

Overcoming the wheat of the land.

Woe is me for handsome fair Charlie

At the mercy of George and his beasts,

That were just right’s denial

The perversion and stifling of Truth;

But, O God, if thou’rt willing,

Give the kingdom back into our hands

Restore us our rightful ruler

To reign o’er while we’re alive.

This programme, Sheinn am Bàrd, was first broadcast in 2009.

Show English

cuislean

arteries

Cinn Chàrdainn

Kincardine

a’ cur an cèill

makes out, explains

cuibhle an fhortain

wheel of fortune

ann am fiachan

in debt

sealbh

possession, property

fear-taca

tacksman

dìlseachd

loyalty