menushow menuhide
ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Railidh de sheann uidheamachd tuathanais ann an Deimhidh

Gaelic Gàidhlig

[Innes Rothach - preseantair] Nise, mas aithne dhuibh an diofar eadar Portsoy Reaper agus Albion Binder, no mas urrainn dhuibh sgaradh a dhèanamh eadar Massie Ferguson agus David Brown, thèid fàilte a chur oirbh aig railidh do sheann uidheamachd tuathanais a thèid a chumail air oighreachd Dheimhidh, seachdain a-màireach. Uill, chan aithnich Iona NicRisnidh againne tractar o toll san talamh, ach a dh’ aindeoin sin, chuir sinn a-mach a Dheimhidh i a choimhead air bha a’ dol.

[Iona NicRisnidh – neach-aithris] Tha einnsean, tractar, bhan agus iomadach carbad eile aig Iain MacLeòid à Deimhidh. ‘S cinnteach gum bi iomadach neach air feadh na Gàidhealtachd ‘s nan eilean eòlach air seann thractaran agus einnseanan, leithid am fear seo. Tha tòrr saothair is airgead an sàs ann an bhith gan sgeadachadh airson an gleidheadh do linntean a tha air thoiseach. Trioblaid a tha seo air a bheil Iain gu math eòlach.

[Iain MacLeòid – Tuathanach] Chan eil iad saor 's agad agus tha... tha peanta fhèin nise a’ fàs... tha a h-uile càil a th’ ann a’ fàs daor [Iona NicRisnidh] labour of love mar a chanas [Iain MacLeòid – Tuathanach] sin agad e, sin agad e, dìreach ‘s e sin a th’ ann, aidh.

[Iona NicRisnidh – neach-aithris] Tha Iain agus tuathanaich ionadail eile air a bhith trang a’ deasachadh son railidh a’ taisbeanadh seann innealan tuathanais. A bharrachd air stàilichean a’ trusadh airgead do hospice na Gàidhealtachd is carthannasan eile, tha iad an dòchas daoine a bhrosnachadh gu bhith ag ionnsachadh barrachd mu dhòighean-àiteachais sna làithean a dh’ fhalbh.

[Iain MacLeòid – Tuathanach] Nise Disathairne, ma mhaireas an t-sìde tha… tha… tha seann Bhinder gus a bhith a’ dol agus seann Reeper, tha e còrr is ceud bliadhna a dh’aois, tha, an uair sin, muileann bhualaidh, bidh cruach-arbhair againne, agus bidh muileann a’ bualadh ann an sin. Tha seann tractars ann. Às gach ceàrn, tha còrr is ceud ann, uile gu lèir.

[Iona NicRisnidh – neach-aithris] An aon rud, a dh’fhaodadh tàir a dhèanamh dhaibh fhathast, dùbhlan nan tuathanach air fad - an aimsir. Tha iad mu thràth air a bhith nas anmoiche a’ tiormachadh bàrr ri linn cho fliuch ‘s a tha e air a bhith.

[Iain MacLeòid – Tuathanach] Tha a’ bhliadhna, gu h-àraidh an treubh, fhios ‘ad?…tha an t-sìde dona agus tha direach beagan tàire aig an tuathanach, tha iad a’ toirt dhuinn an fhearainn – tha beagan tàire ga fhaighinn – a’ faighinn am bàrr a-staigh am-bliadhna, ach tha sinn an dòchas gum bi an t-seachdain a-nise seo tighinn nas fheàrr.

[Iona NicRisnidh – neach-aithris] Ma mhaireas an t-sìde fàbharach, bidh an railidh ann seachdain a-màireach an naoidheamh fichead aig oighreachd Deimhidh air an A a-naoi, taobh a-muigh Inbhir Nis. Iona NicRisnidh, BBC An Là, Deimhidh

A rally of old farm equipment in Daviot

English Beurla

[Innes Munro - Presenter] Now if you know the difference between a Portsoy Reaper and an Albion Binder, or if you can separate a Massie Ferguson and a David Brown, you will welcome the rally of old farming machinery that will be on display on an Daviot estate, a week tomorrow. Well, our Iona MacRitchie doesn’t know a tractor from a hole in the ground, but in spite of this, we sent her out to Daviot to see what’s happening.

[Iona MacRitchie – reporter] Engine, tractor, van and many other vehicles are owned by Iain MacLeod of Daviot. It’s a certainty that many other people from the Highlands and islands know about old tractors and engines, like this one. A lot of work and money has gone into restoring them to save them for centuries to come.

[Iain MacLeod – Farmer] They are not cheap. Y’know? The paint itself is getting … everything is getting expensive (Iona MacRitchie) labour of love as they say (Iain MacLeod) that’s it, that’s it … that’s just the thing, aye.

[Iona MacRitchie – Reporter] Iain and other local farmers have been busy preparing for a rally displaying old farm machinery. In addition to stalls raising money for the Highland Hospice and other charities, they hope to inspire people to learn more about agriculture traditions from days gone by.

[Iain MacLeod – Farmer] Now Saturday, if the weather lasts. An old Binder will be going and an old Reeper, over a hundred years’ old, yes, then a grinding mill, we’ll have a corn stack, and a mill will be grinding there. There will be old, tractors. From every corner, there are over a hundred there, in total

[Iona MacRitchie – Reporter] The one thing that can scupper them yet, the challenge to all farmers – the weather. They are already behind in drying the crops due to how wet it has been.

[Iain MacLeod – Farmer] The year, especially the ploughing, you know? … the weather is bad and there’s a bit of frustration to the farmer, they give us the land it’s a bit of a struggle to get the crops in this year, but we hope that this coming week is better.

[Iona MacRitchie – Reporter] If the weather remains good, the rally will be on a week tomorrow, the twenty ninth day, on the Daviot estate, on the A9, outside Inverness. Iona MacRitchie, BBC An Là, Daviot.

Show English

railidh - rally

Deimhidh - Daviot

uidheamachd machinery

‘s agad - y' know

This is a colloquialism. It is a shortened version of “A bheil fios agad?”

tàir - frustration