ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Seirbheis ùr aig Tasglann na Gàidhealtachd

Gaelic Gàidhlig

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise tha e gu bhith nas fhasa na bha e riamh do mhuinntir na Gàidhealtachd craobh teaghlaich an sinnsearachd a rannsachadh. Chaidh seirbheis ùr fhoillseachadh gu h-oifigeil an-diugh aig Tasglann na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis. Gheibh daoine cothrom a-nis air fiosrachadh nach robh furasta fhaighinn ron seo gun siubhal a Dhùn Èideann air a shon. Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Thug iad am probhaist is an t-sèine a-mach a chur na seirbheis ùr air bhog. Gheibhear tòrr dhen fhiosrachadh mar-thà air an eadar-lìon, ach tha e daor. Airson fhaighinn na bu shaoire, dh'fheumadh tu dhol a Dhùn Èideann. Ach gheibh thu a-nis ann an Inbhir Nis e aig dìreach còig nota deug airson rannsachaidh.

[An Comh Ailig Greumach] Ge bith na tha iad ag iarraidh a thoirt às, ‘s urrainn dhut a chleachdadh gun pàigheadh barrachd agus tha sin caran feumail ma thèid thu sìos an rathad cheàrr, cha bhi dragh ort leis an t-siostam seo, uaireannan nuair a tha thu coimhead air an rud ceàrr chosgadh e dhut air a’ choimpiutair roimhe ach cha chosg anns an t-siostam seo.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha ceithir coimpiutairean sònraichte aca a-nise ann an Oifis Chlàraidh na Gàidhealtachd. Tha an Àrd Neach-Clàraidh, Diane Mintie, a’ sealltainn eisimpleir dhomh. Raibeart Mac An t-Suthurlanaich a rugadh ann an Uibhist deireadh na naoidheamh linn deug. Cha robh fhios aig a chàirdean air mòran ach sin fhèin ach seall na lorg sinn mu athair-san, Uilleam, a bhuineadh do Chataibh.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Now, the fact that he was a police constable, can I find out any more information about his police work?

[Diane Mintie] Certainly. The Northern Constabulary records are held through in the archive search room.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Cha robh e riamh cho furasta dealbh a dhèanamh do theaghlach a’ dol air ais grunn ghinealaichean. Chan e a-mhàin fiosrachadh a fhuair sinn an ath dhoras an siud a thaobh clàraidhean breith, pòsaidh, bàis is eile ach a-staigh an seo a-nise, ann an tasglann na Gàidhealtachd tha fiosrachadh a bharrachd aca, mar eisimpleir air Uilleam Mac An t-Suthurlanaich, am poileasman.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] B’e obair a’ phoileis a thug a dh’Uibhist e agus bha e stèidhichte an toiseach anns an Ìochdar.

[Alison Mason] 1884, and he was there from 1884 until 1892 and then he moved to Lochmaddy and then he was off to Fort Augustus, Portree, Foyers ending up in Aviemore in 1912.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ‘S chan e a-mhàin fiosrachadh ach an dealbh cuideachd. Tha Uilleam ri fhaicinn air an fhìor làimh dheis an seo. Cha robh a dhealbh aig a’ shliochd idir gus an d’ fhuair iad an seo e agus tha fiù’s fiosrachadh aca a-nise mu bheatha làitheil tro chunntasan oifigeil poileis.

[Alison Mason] Here he is, catching sight of two men who were carrying off sacks of goods on their back from Foyers pier and he’s tracking them to Inverness. Catching the suspects and getting the sacks back and taking them back to Foyers Quay where they were supposed to be in the first place.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Good for him, well done William.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha fiosrachadh sgoile, cunntasan taigh nam bochd, croitearachd is eile ri fhaighinn cuideachd, ga dhèanamh tòrr nas fhasa do dhaoine siubhal tro thìm air tòir an càirdean. Dòmhnall Moireasdan, BBC An Là, Inbhir Nis.

A new service by the Highland Archives

English Beurla

[Iain Maclean – Presenter] It’s now going to be easier than ever for Highlanders to research their ancestry. A new service was launched today at the Highland Archive Centre in Inverness. Now people can access information that was previously difficult to source without travelling to Edinburgh. Donald Morrison reports.

[Donald Morrison – Reporter] The Lord Provost, wearing his chain, made an appearance to launch this new service. A lot of information can already be accessed online, but it is expensive. To get it cheaper, you need to go to Edinburgh. But it can now be accessed in Inverness, for only fifteen pounds day of research.

[Cllr Alex Graham] Whatever you want to take out of it, you can use it without paying more and I think it’s useful if you go down the wrong road, you won’t worry with this system, , sometimes when you’re looking at the wrong information on the computer it would charge you whereas it won’t charge in this system.

[Donald Morrison – Reporter] They now have four specialised computers in the Highland Archive Centre. The chief archiver, Diane Mintie, is showing me an example. Robert Sutherland who was born in Uist at the end of the nineteenth century. His relatives knew nothing more than that but look at what we have discovered about his father, William, who was from Sutherland.

[Donald Morrison – Reporter] Now, the fact that he was a police constable, can I find out any more information about his police work?

[Donald Morrison – Reporter] It’s never been as easy to access information on many past generations. It’s not only information with regards to birth / marriage / death records etc we gathered, but in here, at the Highland Archive, they have additional information, for example on William Sutherland, the policeman.

[Donald Morrison – Reporter] It was police work that took him to Uist and he was initially based in Eochar.

[Alison Mason] 1884, and he was there from 1884 until 1892 and then he moved to Lochmaddy and then he was off to for Augustus, Portree, Foyers ending up in Aviemore in 1912.

[Donald Morrison – Reporter] And not only information but a picture too. William is seen to the far left . His descendants didn’t have access to this picture until it appeared here and they even have information now about his daily life through official police records.

[Donald Morrison – Reporter] Good for him, well done William.

[Donald Morrison – Reporter] There are school, workhouse, crofting and other records available too, making it a lot easier for people to travel through time in search of long lost relatives. Donald Morrison, BBC An Là, Inverness.

Show English

craobh teaghlaich - family tree

sinnsearachd - ancestry

Mac An t-Suthurlanaich - Sutherland

This refers to the surname. The area is called “Cataibh.”

clàraidhean - records

sliochd - descendants