ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Video is playing in pop-over.

Rannsachadh air fuadaichean Eilean Rousaigh

Gaelic Gàidhlig

[Innes Rothach – Preseantair] Airson a' chiad uair thèid àrc-eòlas a chleachdadh airson feuchainn ri dhèanamh a-mach an e bochdainn nan daoine no borbachd uachdarain bu choireach ri fuadaichean. Bidh an rannsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean stèidhichte ann an Eilean Rousaigh ann an Arcaibh, an aon àite ann an Arcaibh far an deach daoine am fuadach. Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Am bàt’-aiseig beag eadar Rousaigh ’s tìr-mòr Arcaibh. Bheir i leatha dìreach naoi càraichean, ’s bheir i 25 mionaidean. Canaidh iad Èipheit a’ Chinn a’ Tuath ri Rousaigh airson na th’ ann dè sheann làraich. Càrn tiodhlacaidh an seo, 5,500 bliadhna a dh’aois. Tha an dùn a tha ri thaobh tòrr nas òige, dìreach 2,000 bliadhna. Ach ’s ann air tobhtaichean fuadaichean nan 19mh linn a tha aire àrc-eòlaichean an-dràsta.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ‘An tobhta aig Anndra ’s e làn de fheanntaig,’ mar a thuirt am bàrd. Ged nach b’ e Anndra an duine mu dheireadh a bha fuireach an seo, chaidh e fhèin agus gu leòr eile fhuadach à Eilean Rousaigh. An aona fhuadach, mar as aithne dhuinne fuadach, a bh’ ann an Arcaibh.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Talamh lom, fosgailte Quandale. Chuir an t-uachdaran Seòras Uilleam Traill an sluagh às an fhearann tha seo am meadhan na 19mh linn. Chuir e caoraich nan àite. Tha deasbad a-riamh air a bhith an Arcaibh, an e sannt an uachdarain bu choireach no an e gu robh na daoine ’s am fearann cho bochd ’s gu robh e dèanamh ciall iad falbh. Chuir Traill ’s an t-oighre aige, an Seanalair Sir Frederick Traill Burrows, tuilleadh às an fhearann air Westness. An e dhà-rìribh daoine bochda nach dèanadh beò-shlaint a bh’ annta, tha na h-àrc-eòlaichean a’ faighneachd?

[An Dtr Keir Strickland] Scrabbling around in the dirt, like an archaeologist, we have bird bones, we have small pieces of glazed mid-19th Century ceramics, we have fish bones. What we’re really interested in here is actually looking out those bones or looking out that pottery to try and get an idea of the kind of diet that these people had, their relative wealth during this period, the types of actual sort of, the artefacts they had. Where they locally produced, were they imported from a long way away. Were these wealthy crofters? Were they actually, sort of struggling to survive in a fairly marginal environment?

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] A dh’aindeoin àrc-eòlais, tha gu leòr dhen bheachd gu bheil eachdraidh air a bhreith fhèin a thoirt mar-thà air an rùn agus moraltachd nan uachdaran. Dòmhnall Moireasdan, BBC An Là, Rousaigh.

Tha sinn duilich gu bheil criomag fuaim a dhìth. Tha seo ri linn trioblaidean teicnigeach nuair a chaidh am prògram a-mach beò.

Research on the Isle of Rousay clearances

English Beurla

[Innes Munro – Presenter] For the first time, archaeology will be used to determine whether people’s poverty or the landlords’ cruelty caused clearances. The University of the Highlands and Islands’ research will be based on the Isle of Rousay in Orkney, the only place in Orkney where people were cleared. Donald Morrison reports.

[Donald Morrison – Reporter] The small ferry between Rousay and mainland Orkney. It carries just nine cars and takes 25 minutes. They call Rousay the Egypt of the North due to the number of old ruins there. A burial cairn here, 5,500 years old. The fort beside it is a lot more recent, only 2,000 years old. But archaeologists are now focusing on ruins from the 19th Century clearances .

[Donald Morrison – Reporter] ‘The ruin of Andrew’s house now full of nettles,’ as the poet once said. Although Andrew wasn’t the last person who stayed here, he and many others were cleared from the Isle of Rousay. The only clearances, as we know them, which took place in Orkney.

[Donald Morrison – Reporter] The empty, open land of Quandale. Landlord George William Traill evicted the people from this land in the mid-19th Century. He replaced them with sheep. There has always been a debate in Orkney as to whether the landlord’s greed was to blame or if the people and land were so poor that it made sense for them to go. Traill and his heir, General Sir Frederick Traill Burrows, cleared more people from the land in Westness. Were they indeed poor people unable to make a living, the archaeologists ask?

[Dr Keir Strickland] Scrabbling around in the dirt, like an archaeologist, we have bird bones, we have small pieces of glazed mid-19th Century ceramics, we have fish bones. What we’re really interested in here is actually looking out those bones or looking out that pottery to try and get an idea of the kind of diet that these people had, their relative wealth during this period, the types of actual sort of, the artefacts they had. Where they locally produced, were they imported from a long way away. Were these wealthy crofters? Were they actually, sort of struggling to survive in a fairly marginal environment?

[Donald Morrison – Reporter] Despite archaeology, many are of the opinion that history has already given its verdict on landlords’ intent. Donald Morrison, BBC An Là, Rousay.

We apologise for the short loss of sound. This was due to a live technical glitch.

Show English

arc-eòlas - archaeology

na Fuadaichean - the (Highland) Clearances

uachdaran - landlord

Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean - University of the Highlands and Islands

Eilean Rousaigh - Isle of Rousay

Arcaibh - Orkney

tìr-mòr - mainland

càrn - cairn

dùn - fort

arc-eòlaiche - archaeologist