ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Foghlam Gàidhlig ann an Inbhir Narann

Gaelic Gàidhlig

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Chaidh 10 latha, 10 bliadhna gabh mo leisgeul, de dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Narann a chomharrachadh le latha gu math spòrsail sa bhaile. Bhathar a' cur fàilte air clann aig an robh Gàidhlig agus cuideachd air feadhainn aig nach robh facal idir. Chaidh Seonaidh MacCoinnich ann dhuinn.

[Clann] Fàilte gu latha Gàidhlig Inbhir Narainn!

[Nighean 1] Uill choimhead sinn air mar, an dèan sinn leabhraichean.

[Nighean 2] Bha sinn a’ sgrìobhadh an ainm againn.

[Nighean 1] Bha clas à trì agus clas a dhà, a’ cluich air na drums.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Sgilean soircais, ealain graffiti agus faramach, uile am measg nan rudan air an robh clann a’ gabhail part aig an latha spòrsail.

[Marilyn Hamilton] Today is just all about having fun, showing how we can have fun through the medium of Gaelic and how Gaelic culture is really relevant in today’s society.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Ach a bheil rudan mar sgilean soircais cuideachail do chloinn òg Gàidhlig ionnsachadh?

[Ariel Killick] Tha mise a’ faicinn gu bheil e uabhasach cudromach gum bi clann a’ faighinn cothrom pàirt a ghabhail anns na h-ealain co-aimsireil cuideachd. A’ cur a’ Ghàidhlig ann an teis-mheadhain a’ chultair co-aimsireil mar a tha an-diugh tro mheadhain ealain graffiti agus ealain rap agus cuideachd sgilean soircais. Tha na h-ealain traidiseanta Gàidhlig fìor, fìor phrìseil agus fìor fìor chudromach ach tha e a’ cheart cho cudromach gum bi clann a’ faicinn gu bheil a’ Ghàidhlig a’ buntainn ri rudan a tha dol san latha an-diugh cuideachd.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus fiù’s na rudan nas traidiseanta mar innse sgeulachdan, bha feum air Ruairidh MacIlleathain a bhith faiceallach.

[Ruairidh MacIlleathain] Feumaidh mi a bhith faiceallach nach cuir mi cus de mhurt is marbhadh ann oir bidh thu tuigsinn mar a tha iomadach seann stòiridh aig na Gàidheil, bha iad a’ falbh a’ marbhadh dhaoine eile, ‘s e gaisgich a bh’ annta air sàillibh sin. ‘S dòcha san latha an-diugh nach eil daoine buailteach a bhith cho bàidheil ri sgeulachdan cho borb agus mar sin tha mi air feadhainn a thaghadh nach eil buileach mar sin.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] cho làidir ‘s a tha Gàidhlig san sgìre?

[Tia NicThòmais] Uill tha Gàidhlig gu leòr san sgìre. Tha cuid ag ionnsachadh agus cuid aig a bheil Gàidhlig o thùs agus tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ fàs. Tha buidheann phàistean ann o 3, tha a’ Chròileagan an seo san Sgoil-àraich airson aois 3-5 agus tha e anns a’ Bhun-sgoil agus bidh tachartasan ann le ceòl. Aig Fèis Inbhir Narainn tha tòrr luchd-ciùil a’ tighinn a-steach airson clasaichean a thoirt agus rudan mar sin.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Cùisean a’ coimhead math don Ghàidhlig san àm ri teachd. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Inbhir Narann.

Gaelic medium education in Nairn

English Beurla

[Angela MacLean – Presenter] 10 days, excuse me, 10 years of Gaelic medium education in Nairn was being celebrated with a fun day in the town. Children with Gaelic and also those without a word were welcomed. Seonaidh MacKenzie went for us.

[Children] Welcome to Nairn Gaelic Day!

[Girl 1] We looked at storytelling.

[Girl 2] We wrote our names.

[Girl 1] Primary 3 and 2 were playing on the drums.

[Seonaidh MacKenzie – Reporter] Circus skills, street art and noise. All the things children were taking part in at the fun day.

[Seonaidh MacKenzie – Reporter] But are activities like circus skills helpful for young children to learn Gaelic?

[Ariel Killick] I see it as very important that children get the chance to take part in contemporary arts as well. Putting Gaelic at the forefront of contemporary culture, as we are doing today through the medium of street art, rap and circus skills. The traditional Gaelic arts are very, very precious and really, really important but it’s just an important that children can see that Gaelic relates to modern day activity too.

[Seonaidh MacKenzie – Reporter] And even with the more traditional aspects such as storytelling, Roddy MacLean had to be careful.

[Roddy MacLean] I must be careful not to have too much murder and death, as you understand that in many old Highland tales they would kill people and they would then become a hero. Perhaps today people don’t take too kindly to such brutal tales and therefore I’ve chosen ones that aren’t quite like that.

[Seonaidh MacKenzie – Reporter] How strong is Gaelic in the area?

[Tia Thomson] Well there’s plenty Gaelic in the area. Some are learning and some are native speakers and Gaelic medium education is growing. There’s a toddler group for under 3s, there’s a playgroup here in the nursery for ages 3-5, there’s Gaelic in the primary school and there are events taking place with music. Such as Fèis Inbhir Narainn where lots of musicians come in and take classes and things like that.

[Seonaidh MacKenzie – Reporter] Things are looking good for Gaelic in the future. Seonaidh MacKenzie, BBC An Là, Nairn.

Show English

foghlam tro mheadhan na Gàidhlig - Gaelic medium education

Inbhir Narann - Nairn

soircas - circus

co-aimsireil - contemporary

cròileagan - playgroup

Sgoil-àraich - nursery