ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Video is playing in pop-over.

A' chiad cheap ga ghearradh air làrach Bhun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Gaelic Gàidhlig

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise tha obair air tòiseachadh air Sgoil Ghàidhlig ùr Phort Rìgh. Chaidh a' chiad cheap a ghearradh an-diugh le dithis sgoilear. Tha am pròiseact a' dol a chosg timcheall air £10m, agus tha dùil gum fosgail an sgoil ùr ro dheireadh na h-ath-bhliadhna. Tha an sgoil ga mheas mar cheum cudromach do dh'fhoghlam Gàidhlig. Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chan fhada gum bi na sgoilearan seo a’ frithealadh sgoil Ghàidhlig ùr dhaibh fhèin. An dèidh bliadhnaichean de chonnspaid, de chòmhradh agus cion airgid, thèid bun-sgoil Ghàidhlig a thogail ann am Port Rìgh. An-diugh, nochd na digearan orainds aig Robinsons Construction air an làraich. Tha am pròiseact fhèin còrr is £1.5millean nas daoire na bha a’ chomhairle a’ smaoineachadh agus mìosan air deireadh cuideachd.

[An Comh Hamish Friseal] Tha na h-àireamhan gu math àrd ann am Port Rìgh. ’S e rud math a th’ ann dhan Eilean, ’s e rud math a th’ ann dha Port Rìgh, ’s e rud math a th’ ann airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha e a’ toirt, mar a thuirt mi mar-thà, dìreach an adhbhar sin dhan chloinn òg a bhith faighinn a’ chuid as motha dhen fhoghlam aca agus cur-seachadan aca ann an Gàidhlig air an làraich sin. Agus tha e math airson na Gàidhlig, tha e math airson a bhith a’ leudachadh ‘s a’ brosnachadh ‘s a’ cruthachadh na Gàidhlig.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thèid an sgoil ùr a thogail ann an seo air an làraich far a b’ àbhaist ostail nan nigheanan agus ostail nan gillean a bhith, far Rathad an t-Sruthain. Tha an ostail a-nise stèidhichte ri taobh na h-àrd-sgoile. Dhaibhsan a bha fuireach san ostail agus a bha agus a tha fhathast ag obair ann, bha deòir nan sùilean nuair a chaidh na toglaichean, a bha na àite-fuirich do mhòran, a leagail .

[Mairead Anna Pheutan] Dìreach mar sin, gu robh mi duilich gun deach, gur e sin a bha ri tachairt. Ach bha mi a’ faicinn gu robh e dol a dhèanamh feum dhan àite sgoil Ghàidhlig a bhith ann. Agus gu bheil a math - an t-àite ùr airson na cloinne . Bha mòran a dhìth air an àite, bhiodh tòrr obair ri dhèanamh ris nan robh sinn air a bhith fuireach ann so tha e glè mhath gun d’ fhuair an fheadhainn òg an t-àite snog a tha seo airson a bhith fuireach ann.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Seo agaibh an còigeamh bun-sgoil Ghàidhlig ann an Alba. Ach, do mhòran dhaoine san Eilean Sgitheanach, ’s i a’ cheist a th’ aca a-nise, cuin a thèid bun-sgoil ùr a thogail ann an Dùn Bheagan agus An Ath Leathann far a bheil am mullach ag aoidion agus uisge a’ tighinn a-nuas nam ballaichean. Eileen NicDhòmhnaill, BBC An Là.

The first turf is cut on the site of Portree Gaelic Primary School

English Beurla

[Iain MacLean – Presenter] Now, work has begun on the new Gaelic school in Portree. The first piece of turf was cut today by two pupils. The project is going to cost around £10m and there’s hope that the new school will open by the end of next year. The school considers it an important step for Gaelic education. Eileen MacDonald reports.

[Eileen MacDonald – Reporter] It won’t be long until these pupils will be attending a new Gaelic school of their own. After years of controversy, discussion and lack of funding, a Gaelic primary school will be built in Portree. Today, Robinsons Construction’s orange diggers arrived on site. The project itself is £1.5million more expensive than the council anticipated and is months behind schedule also.

[Cllr Hamish Fraser] The numbers are quite high in Portree. It’s a good thing for the island, a good thing for Portree, a good thing for Gaelic Medium Education. It gives, as I previously stated, the children an opportunity to receive most of their education and pastimes in Gaelic on that site. And it’s good for Gaelic, it’s good for broadening, encouraging and creating the use of Gaelic.

[Eileen MacDonald – Reporter] The new school will be built here - on the old site of the girl’s hostel and the boy’s hostel, off Struan road. The hostel is now situated beside the high school. For those who lived in the hostel and who did and do still work there, there were tears in their eyes when the buildings, which provided accommodation to many, were knocked down.

[Margaret Ann Beaton] Just that, I was sorry that it had to happen. But I could see it was necessary for there to be a Gaelic school in the area. And that it’s good – the new place – for the children. The place needed a lot, it would have needed a lot of work done to it if we had stayed there so it’s quite good that the young ones have this nice place to stay in.

[Eileen MacDonald – Reporter] This is the fifth Gaelic primary school in Scotland. But, for many people in the Isle of Skye, the question they now have is - when will new schools be built in Dunvegan and in Broadford - where the roof is leaking and water is streaming down the walls. Eileen MacDonald, BBC An Là.

Show English

Port Rìgh - Portree

connspaid - controversy

digearan - diggers

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig - Gaelic Medium Education

ostail - hostel

Dùn Bheagain - Dunvegan

An t-Ath Leathann - – Broadford

ag aoidion - leaking