menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

Oral tradition Beul-aithris

Search Lorg

Gormshuil na Maighe (2) (Litir 940)

Bha mi ag innse dhuibh mu Ghormshuil Mhòr na Maighe. Mus tig mi don sgeul mu bhàs a’ ghille aice, bu mhath leam aithris a dhèanamh air a’ chunntas ainmeil mun luing Spàinntich a chuir i fodha far cladach Mhuile. B’ e a’ bhliadhna còig ceud deug, ochdad ʼs a h-ochd (1588) agus bhuineadh an long don mhòr-chabhlach a bha a’ dol a thoirt ionnsaigh air Sasainn mus do dh’èirich stoirm.

Chaidh an long a-steach a Bhàgh Thobar Mhoire. Bha an aimsir ciùin ach nuair a bha iad sa bhàgh, dh’fhairich iad crathadh sa chrann.

Thoiribh sùil, ʼillean ,’ dh’òrdaich an caiptean. ‘Dè bha siud?’

‘O, tha ròcas mòr dubh ann,’ thuirt iad.

‘Chan eil an sin ach an Doideag Mhuileach,’ ars an caiptean, aig an robh eòlas air gnothaichean os-nàdarrach. Bha e a’ ciallachadh le sin bana-bhuidseach. Thàinig crathadh eile air an t-soitheach. Bha sin na bu làidire. ʼS iad bana-bhuidsich à Tiriodh agus Ìle a bu choireach an turas seo. Bha iad a’ feuchainn ris an long a chur fodha ach cha robh iad làidir gu leòr.

An uair sin, bha crathadh mòr mòr ann. Bhris na ròpan a bha a’ cumail a h-uile càil ri chèile. ‘O,’ ars an caiptean, ‘ʼs e sin Gormshuil na Maighe. Agus tha sinn caillte.’ Chaidh an soitheach fodha far an robh i faisg air Tobar Mhoire. Agus tha i an sin fhathast air grunnd na mara.

Air ais gu Loch Abar, ma-thà. Mar a bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh, thuirt Gormshuil ri a ceann-cinnidh, Loch Iall, gun crochadh e a mac latha air choreigin. Chaidh Loch Iall às àicheadh sin. ‘Eadhon ged a bhiodh do mhac airidh air crochadh,’ thuirt e, ‘nì mi cinnteach gum bi e air a shàbhaladh.’

Chaidh na bliadhnaichean seachad, agus bha mac Gormshuil, mac nàbaidh aice a bha na banntrach agus gille eile a-muigh sa mhonadh. Thòisich connsachadh eadar mac na banntraich agus an gille eile. Thug mac na banntraich buille don fhear eile agus fhuair e bàs sa spot.

Bha dùil aig mac na banntraich gum biodh e air a chrochadh. B’ e an aon ghille aig a’ bhanntraich agus bha a mhàthair troimhe-chèile. Chuimhnich Gormshuil an gealltanas a thug Loch Iall dhi agus dh’iarr i air a mac innse gum b’ esan a dh’adhbharaich bàs a’ ghille. Chaidh a mac a chur don phrìosan aig Loch Iall ann an Achadh na Cairidh. Cha robh fios aig Loch Iall, ge-tà, gum b’ esan mac Gormshuil.

Chaidh Gormshuil fhèin gu ruige Achadh na Cairidh airson iarraidh air Loch Iall an gille aice a shàbhaladh. Bha i faisg air Achadh na Cairidh nuair a ràinig i allt far am fac’ i bradan ann an linne. Bha i a’ smaoineachadh gum biodh e furasta am bradan a ghlacadh. Chaidh i air a glùinean, a’ dèanamh deiseil airson am bradan a ghlacadh. Gu h-obann bha beum-slèibhe ann agus thug an t-allt air falbh i. Chaidh a bàthadh ann an Loch Lòchaidh. ʼS e Allt a’ Bhradain a th’ air an allt sin an-diugh mar chuimhne air na thachair.

Cha robh fios aig Loch Iall gun robh Gormshuil air a bhith air an rathad a bhruidhinn ris. Agus chaidh an gille aice a chrochadh gu bàs, mar a dh’inns i a thachradh bliadhnaichean roimhe.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach; ròcas: rook; an Doideag Mhuileach: the Mull witch; os-nàdarrach: supernatural; caillte: lost; buille:blow; gealltanas: promise; Achadh na Cairidh: Achnacarry.

Abairtean na Litreach: mun luing Spàinntich a chuir i fodha far cladach Mhuile: about the Spanish ship she sank off the coast of Mull; bhuineadh an long don mhòr-chabhlach a bha a’ dol a thoirt ionnsaigh air Sasainn: the ship belonged to the armada that was going to attack England; a-steach a Bhàgh Thobar Mhoire: into Tobermory Bay; dh’fhairich iad crathadh sa chrann: they felt a shaking in the mast; ʼs iad bana-bhuidsich à Tiriodh agus Ìle a bu choireach an turas seo: it’s witches from Tiree and Islay that were responsible this time; bhris na ròpan a bha a’ cumail a h-uile càil ri chèile: the ropes that were keeping everything together broke; gun crochadh e a mac latha air choreigin: that he would hang her son some day; chaidh Loch Iall às àicheadh sin: Lochiel denied that; ged a bhiodh do mhac airidh air crochadh: though your son were deserving of hanging; mac nàbaidh aice a bha na banntrach: the son of her neighbour who was a widow; far am fac’ i bradan ann an linne:where she saw a salmon in a pool; air a glùinean:on her knees; chaidh a bàthadh ann an Loch Lòchaidh: she was drowned in Loch Lochy; air a bhith air an rathad a bhruidhinn ris: had been on the road to speak to him; chaidh an gille aice a chrochadh gu bàs, mar a dh’inns i a thachradh bliadhnaichean roimhe: her son was hanged, as she said would happen years before.

Puing-chànain na Litreach: Allt a’ Bhradain : the burn of the salmon. There are actually two candidates for the burn in which Gormshuil (despite being one of the most powerful witches in Scottish history) met her fate. Both run into Loch Lochy just south of Achnacarry. One is Allt a’ Bhradain; the other is just to the south and has a larger catchment so is a more likely candidate. It is Allt Choille-ros given on the OS maps as Allt Coire Choille-rais. Mary MacKellar wrote that both names referred to the same burn which was also called Allt Gormshuil although that name does not appear to have survived. If you have local knowledge of the place and know which burn claimed Gormshuil’s life, I would be delighted to hear from you!

Gnàthas-cainnt na Litreach; Thoiribh sùil, ʼillean : take a look, lads.

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 636

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word