FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1292: M.E.M. Donaldson (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

M.E.M. Donaldson (1)

Gaelic Gàidhlig

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu Loch nan Dùbhrachan ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Sgrìobh M.E.M. Donaldson mu dheidhinn anns an leabhar aice ‘Wanderings in the Western Highlands and Islands’. Bha Donaldson na h-ùghdar agus bha i ainmeil airson dealbhan a thogail le camara.

Bha, agus tha, daoine eòlach oirre mar M.E.M. Donaldson, ged as e an t-ainm slàn a bh’ oirre – Mary Ethel Muir Donaldson. Chuir i seachad mòran tìde air Gàidhealtachd na h-Alba, ach rugadh i ann an ceann a deas Shasainn. Bha a h-athair na Albannach a bh’ air a bhith a’ fuireach ann an Astràilia. Bha an teaghlach an sàs ann an luingeas agus bha airgead gu leòr aca.

Rugadh M.E.M. – no ‘Mem’ mar a ghabh feadhainn oirre – ann an Surrey ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a sia (1876). Tràth anns an fhicheadamh linn, ghluais i gu tuath cuide ris a’ bhana-chompanach aice, an tè-ealain, Iseabail Bonus. Chòrd a’ Ghàidhealtachd riutha. Thog iad taigh ann an Àird nam Murchan agus thòisich Mem air dealbhan a thogail le camara.

Tha mi an dùil gu bheil sibh eòlach air dà dhealbh ainmeil a thog Mem Donaldson. Ann am fear dhiubh, tha croitear ann an Eilean Eige. Tha e na shuidhe le tairisgeir thairis air a ghlùinean. Tha piseag air a ghlùin dheis agus tha cù na chois air an taobh eile. ’S e an t-ainm a bh’ air an duine Lachlann MacAsgaill.

Tha an dealbh eile eadhon nas ainmeile, saoilidh mi. ’S e an t-ainm a th’ air ‘Girl with Firewood, Morar 1910’. Anns an dealbh tha nighean aois dusan bliadhna le ultach-droma de bhiorain-teine. Tha i air rathad oighreachd ri taobh loch ann am Mòrar. ’S e an t-ainm a bh’ air an nighinn Cairistìona NicMharais. Chaochail i anns na h-ochdadan agus bha còrr is fichead ogha aice.

Anns na dealbhan aice, bha Mem Donaldson ag innse dhuinn mun Ghàidhealtachd mar a bha i aig an àm ud. Agus gu sònraichte mu na Gàidheil a bhuineadh don dùthaich. Chleachd i na dealbhan aice anns na leabhraichean a sgrìobh i.

An-diugh, tha na dealbhan aice air an stòradh ann an dà àite. Tha feadhainn ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Agus tha cruinneachadh mòr – còrr is mìle dealbh – ann an Taigh-tasgaidh Inbhir Nis. Ma tha ùidh agaibh anns na dealbhan aice, tha feadhainn ri am faicinn air làrach-lìn ‘Am Baile’.

Tha gu leòr de na dealbhan (a tha uile dubh-is-geal) a’ sealltainn seallaidhean agus bòidhchead na Gàidhealtachd. Ach tha dealbhan ann de dhaoine agus an taighean – taighean-tughaidh nam measg. Tha seann bhàtaichean is seann chairtean ann, seann chladhan agus Caisteal Eilean Donain mus robh e air a chàradh. Is toigh leam na dealbhan a thog i de na clachairean a bha a’ togail an taigh aice. Tha i a’ sealltainn mar a bha iad a’ sgoltadh nan clach agus gan càrnadh air a chèile airson na ballachan a thogail.

Anns an leabhar aice ‘Wanderings in the Western Highlands and Islands’, tha dealbh aig Mem Donaldson de neach-iùil nam beann a bha gu math ainmeil ri a linn. Bidh tuilleadh agam airsan agus air an leabhar sin anns an ath Litir.

Faclan na Litreach: Àird nam Murchan: Ardnamurchan; Eilean Eige: the Isle of Eigg; Lachlann MacAsgaill: Lachlan MacAskill; Mòrar: Morar; Cairistìona NicMharais: Christina MacVarish; Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba: The National Museum of Scotland; làrach-lìn: website; taighean-tughaidh: thatched houses; neach-iùil nam beann: mountain guide.

Abairtean na Litreach: Bha X na h-ùghdar; X was an author; bha i ainmeil airson dealbhan a thogail le camara: she was famous for her photography; ged as e an t-ainm slàn a bh’ oirre: although her full name was; bha an teaghlach an sàs ann an luingeas: the family was involved in shipping; mar a ghabh feadhainn oirre: as some people called her; cuide ris a’ bhana-chompanach aice, an tè-ealain, Iseabail Bonus: along with her companion, the artist, Isobel Bonus; chòrd a’ Ghàidhealtachd riutha: they enjoyed the Highlands; na shuidhe le tairisgeir thairis air a ghlùinean: sitting with a peat-cutting iron across his knees; tha piseag air a ghlùin dheis: there is a kitten on his right knee; tha cù na chois air an taobh eile: a dog is next to him on the other side; nighean aois dusan bliadhna le ultach-droma de bhiorain-teine: a girl of twelve years of age with a load of kindling on her back; Caisteal Eilean Donain mus robh e air a chàradh: Eilean Donan Castle before it was repaired; o fhad is farsaing: from far and wide; mar a bha iad a’ sgoltadh nan clach agus gan càrnadh air a chèile: how they were splitting the stones and putting them on top of each other.

Puing-chànain na Litreach: Tha piseag air a ghlùin dheis: there is a kitten on his right knee. Glùn is a feminine noun so in the dative singular, with the article, it traditionally slenderises. Thus we get air a’ ghlùin ‘on the knee’. The definite article is here replaced by the third person singular masculine possessive article so we get air a ghlùin ‘on his knee’ without the apostrophe. Air a glùin would be ‘on her knee’ (without the lenition). The adjective deas ‘right’ follows the noun in being lenited and slenderised – thus we get air a ghlùin dheis ‘on his right knee’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha an dealbh eile eadhon nas ainmeile, saoilidh mi: the other photograph is even more famous, I reckon.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 988

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean