FaclairDictionary EnglishGàidhlig

611: Abairtean co-cheangailte ris a’ mhuir

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Abairtean co-cheangailte ris a’ mhuir

Gaelic Gàidhlig

Tha coileach air na tuinn. Bha smùid na mara ga mo dhalladh. Chaidh e às an rathad, ’s e ri creagach. Trì abairtean co-cheangailte ris a’ mhuir. A bheil sibh gan tuigsinn? Canaidh mi a-rithist iad. Tha coileach air na tuinn. Bha smùid na mara ga mo dhalladh. Chaidh e às an rathad, ’s e ri creagach.

Tha coileach air na tuinn. Tha sin a’ ciallachadh there’s foam breaking on top of the waves. Far a bheil “eich bhàna” ann am Beurla, tha coilich againn ann an Gàidhlig. Bha smùid na mara ga mo dhalladh. The sea spray kept me blinded. Bidh sibh eòlach air an fhacal smùid, tha mi cinnteach. Tha e cuideachd a’ ciallachadh smoke no the blow of a whale. Agus, an gnàthas-cainnt eile – chaidh e às an rathad, ’s e ri creagach – he was drowned while fishing on the rocks.

Tha na trì abairtean seo air an aon duilleig ann an leabhar beag grinn a thàinig a-mach o chionn ghoirid – “Gnàthasan-Cainnt”. Tha an t-uabhas ghnàthasan-cainnt anns an leabhar. Bha iad air an cruinneachadh le Dòmhnall Greumach bho dhaoine à Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist a Tuath agus Beàrnaraigh. Chan e seann rudan a th’ annta nach can daoine an-diugh. Tha iad fhathast air bilean an t-sluaigh.

Tha ceithir rudan aig na daoine as fheàrr a bhruidhneas Gàidhlig. Tha deagh ghràmar aca – eadhon nach d’ fhuair iad leasan gràmair riamh! Tha deagh bhlas aca. Tha briathrachas mòr aca. Agus tha a’ Ghàidhlig aca làn ghnàthasan-cainnt. Tha e follaiseach gu bheil iad a’ smaoineachadh anns a’ chànan.

Am measg nan dùbhlan a tha ro luchd-ionnsachaidh, tha a bhith a’ dèanamh an cuid Gàidhlig gnàthasach. Agus, dhaibhsan a tha faisg air fileantachd, bidh an leabhar ùr seo gu math feumail. Mar eisimpleir, seo cuid de na gnàthasan-cainnt a chruinnich Dòmhnall agus a chuir e fon tiotal “Nàdar an Duine”. A bheil sibh a’ tuigsinn dè tha iad a’ ciallachadh?

Tha e siud a’ fàgail snàithlean fad’ an droch thàilleir . He is leaving there the long thread of the tailor. Tha e siud a’ fàgail snàithlean fad’ an droch thàilleir. Seo an t-eadar-theangachadh: he’s not a very neat tradesman.

’S iomadh carraig ris an do shuath am fear sin. It’s many a rock on which that man rubbed . ’S iomadh carraig ris an do shuath am fear sin. Agus an t-eadar-theangachadh: that one’s had a few setbacks in his life.

Tha i cho faoin ri na h-uiseagan. She’s as silly as the larks . Tha i cho faoin ri na h-uiseagan. An t-eadar-theangachadh: she’s completely bonkers! Agus boireannach de sheòrsa eile – thàinig i à nead ghlan (she came from a clean nest). Thàinig i à nead ghlan. An t-eadar-theangachadh: she came from a respected family.

’S e fìor dheagh leabhar a th’ ann a chuireas snas air cainnt dhaoine. Ach feumaidh mi ràdh gun robh aon ghnàthas-cainnt aig Dòmhnall còir a chuir dragh orm. Agus seo e – an rud nach ith na coin, thoir do Ruairidh e (give it to the glutton). Carson a thagh e Ruairidh?! Ach tha e ag ràdh, ceart gu leòr, gum bithear a’ cleachdadh diofar ainmean ann an diofar àiteachan. Canaidh mise – an rud nach ith na coin, thoir do dh’Uilleam e. Agus, mas e Uilleam a th’ oirbh fhèin mar ainm, nach gabh sibh mo leisgeul!

Faclan na Litreach: eich bhàna: white horses; deagh bhlas: a good “blas” (accent, pronunciation, manner of speaking); briathrachas: vocabulary; Uilleam: William.

Abairtean na Litreach: Trì abairtean co-cheangailte ris a’ mhuir: three sayings connected to the sea; a bheil sibh gan tuigsinn?: do you understand them?; air an aon duilleig: on the same page; leabhar beag grinn: a nice wee book; bha iad air an cruinneachadh le Dòmhnall Greumach: they were collected by Donald Graham; Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist a Tuath agus Beàrnaraigh: Lewis, Harris, North Uist and Berneray; chan e seann rudan a th’ annta nach can daoine an-diugh: they’re not old things that people don’t say today; fhathast air bilean an t-sluaigh: still on people’s lips; na daoine as fheàrr a bhruidhneas Gàidhlig: the best Gaelic-speakers; eadhon nach d’ fhuair iad leasan gràmair riamh: even though they didn’t ever have a grammar lesson; am measg nan dùbhlan a tha ro luchd-ionnsachaidh:among the challenges that face [are ahead of] learners; tha a bhith a’ dèanamh an cuid Gàidhlig gnàthasach: is to make their Gaelic idiomatic; dhaibhsan a tha faisg air fileantachd: for those who are close to fluency; a chuireas snas air cainnt dhaoine: which will add elegance to people’s speech; a chuir dragh orm: which upset me; gum bithear a’ cleachdadh diofar ainmean ann an diofar àiteachan: that different names will be used in different places; canaidh mise: I’ll say; mas e Uilleam a th’ oirbh fhèin mar ainm: if your own name is William; nach gabh sibh mo leisgeul: please [won’t you] excuse me.

Gnàthasan-cainnt na Litreach: Tha coileach air na tuinn: there’s foam breaking on top of the waves. Bha smùid na mara ga mo dhalladh: the sea spray kept me blinded. Chaidh e às an rathad, ’s e ri creagach: he was drowned while fishing on the rocks. Tha e siud a’ fàgail snàithlean fad’ an droch thàilleir: he’s not a very neat tradesman. ’S iomadh carraig ris an do shuath am fear sin:that one’s had a few setbacks in his life; Tha i cho faoin ri na h-uiseagan: she’s completely bonkers. Thàinig i à nead ghlan: she came from a respected family; An rud nach ith na coin, thoir do Ruairidh e: give it to the glutton.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 307

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean