menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

New Letters Litrichean Ùra

  • Go to a letter Theirig gu litir

Search Lorg

Mar a Fhuair Fionn Bran (2) (Litir 919)

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mar a fhuair Fionn MacCumhail a chù, Bran. Bha sgioba de shianar aige. Bha am fear-amhairc aige, agus am fear-èistidh. Bha an greimiche aige agus am mèirleach, an sreapadair agus am boghadair. Ràinig iad lùchairt aig Rìgh.

Bha an Rìgh air leth brònach. ‘Dè tha a’ cur oirbh?’ dh’fhaighnich Fionn.

‘Tha sinn an dùil gun tèid leanabh ùr a bhreith don Bhanrigh a-nochd,’ mhìnich an Rìgh. ‘Ach chaidh an dithis bhalach eile againn a ghoid, agus tha an t-eagal orm gum bi an leanabh ùr air a ghoid cuideachd.’

Dh’iarr Fionn air an fhear-amhairc aige sùil a chumail air a’ Bhanrigh. Bha an greimiche còmhla ris.

Rugadh an leanabh. Goirid an dèidh sin, thàinig làmh tron mhullach agus ghabh i grèim air an leanabh. Chunnaic am fear-amhairc i, agus ghabh an greimiche grèim làidir oirre. Tharraing e agus thuit an làmh don ùrlar. Thuit an greimiche mar an ceudna air a dhruim dìreach. Mus d’ fhuair e cothrom èirigh, bha làmh eile air tighinn tron mhullach. Ghoid i an leanabh agus rinn i às leis.

Bha Fionn troimhe-chèile. ‘Ged a dhèanadh an t-adhar nead air mullach mo chinn, agus ged a dhèanadh an talamh toll ann am bonn mo choise,’ thuirt e ris an Rìgh, ‘gheibh mi ur cuid cloinne air ais.’

Ghabh Fionn is a chompanaich grèim air birlinn agus sheòl iad air falbh. Bha iad a’ coimhead airson clann an Rìgh. Ràinig iad tìr neònach. Lorg iad daingneach le balla àrd a bha còmhdaichte le craiceannan easgannan. Bha e cho sleamhainn ri botal.

Dh’iarr Fionn air an t-sreapadair am balla a dhìreadh airson faighinn a-mach dè bha air an taobh thall. ‘Tha famhair mòr grànda ann,’ dh’aithris an sreapadair. ‘Chan eil aige ach aon làmh. Tha leanabh aige na làimh. Agus tha dithis bhalach òg eile a’ cluich anns an aon seòmar.’

Bhruidhinn Fionn ris a’ mhèirleach. ‘Leum air gualann an t-sreapadair,’ thuirt e. ‘Thalla is goid a’ chlann agus thoir an seo iad.’ ʼS e sin a rinn iad. Ghoid am mèirleach an leanabh agus an dithis bhalach. Bha dà chuilean anns an t-seòmar cuideachd. Ghoid e na cuileanan a bharrachd.

Chaidh a h-uile duine air bòrd a’ bhàta agus tharraing iad an acair. Cha robh iad air a dhol fada nuair a chunnaic iad galla mhòr a’ snàmh às an dèidh. B’ ise màthair nan cuileanan. Bha i fiadhaich. Leig Fionn fear de na cuileanan thar cliathaich a’ bhàta. Stad a’ ghalla agus thug i an cuilean gu tìr.

Lean Fionn agus a chompanaich a-mach gu muir. ‘Tha cunnart a’ tighinn,’ thuirt am fear-èisteachd. ‘Tha mi a’ cluinntinn an fhamhair agus tha e a’ tighinn às ar dèidh.’ An ceann mionaid no dhà, dh’fhairich iad ùpraid air dheireadh orra. Bha am famhair a’ snàmh gan ionnsaigh. Bha dìreach aon sùil aige na bhathais.

‘Cuir saighead tron t-sùil aige,’ thuirt Fionn ris a’ bhoghadair. Rinn am boghadair sin, agus chaidh am famhair a mharbhadh. Lean Fionn agus a chompanaich orra. Bha an triùir chloinne agus aon chuilean air bòrd. Thug iad a’ chlann don Rìgh. Chùm Fionn an cuilean dha fhèin agus chuir e ainm air – Bran. ʼS ann mar sin a fhuair Fionn MacCumhail an cù ainmeil aige, Bran. Innsidh mi tuilleadh dhuibh mu Bhran anns an ath Litir.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: troimhe-chèile: very upset; sleamhainn: slippery; famhair: giant; mèirleach: thief; bathais: forehand.

Abairtean na Litreach: Bha sgioba de shianar aige: he had a team of six people; bha am fear-amhairc aige, agus am fear-èistidh: he had the looker and the listener; bha an greimiche aige agus am mèirleach, an sreapadair agus am boghadair:he had the gripper and the thief, the climber and the archer ; tha sinn an dùil gun tèid leanabh ùr a bhreith don Bhanrigh a-nochd: we expect the Queen to give birth to a baby tonight; chaidh an dithis bhalach eile againn a ghoid: our two other boys were stolen; thàinig làmh tron mhullach agus ghabh i grèim air an leanabh: a hand came through the roof and took hold of the baby; thuit an greimiche mar an ceudna air a dhruim dìreach: the gripper similarly fell flat on his back; mus d’ fhuair e cothrom èirigh: before he got the chance to rise; ged a dhèanadh an t-adhar nead air mullach mo chinn:although the sky should make a nest on the top of my head; ged a dhèanadh an talamh toll ann am bonn mo choise: through the ground should make a hole in the sole of my feet; gheibh mi ur cuid cloinne air ais: I’ll get your kids back; ghabh Fionn is a chompanaich grèim air birlinn: Fionn and his companions got hold of a birlinn; daingneach le balla àrd a bha còmhdaichte le craiceannan easgannan: a stronghold with a high wall that was covered with eel skins; chan eil aige ach aon làmh: he only has one hand; leum air gualann an t-sreapadair: jump on the climber’s shoulder; thalla is goid a’ chlann agus thoir an seo iad: go and steal the children and bring them here; ghoid e na cuileanan a bharrachd: he also stole the puppies; galla mhòr a’ snàmh às an dèidh: a large bitch swimming behind them; thar cliathaich a’ bhàta: over the side of the boat; dh’fhairich iad ùpraid air dheireadh orra: they detected pandemonium behind them.

Puing-chànain na Litreach: Cuir saighead tron t-sùil aige: put an arrow through his eye. Don’t forget that when a noun which starts with an ‘s’ followed by a vowel, then it is preceded by a t- in the definite dative singular (an omission will be picked up quickly by the ear). Here are some other examples: tha e cinnteach mun t-suidheachadh; dè th’ air an t-saoghal a tha a’ tachairt?; tha toll anns an t-slige.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Dè tha a’ cur oirbh? : what’s upsetting you?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 615

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word