LearnGaelic.scot uses cookies. By continuing to use this site we assume you consent to this. You can read about exactly what cookies we use, and why we set them, on our cookies page. This banner will not appear again, but you may read our cookie policy at any time by following the link at the bottom of all our pages.
Faclair English

129: Na h-eileanan Loch Laomainn

B1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann.

00:00
00:00

Audio is playing in pop-over.

Na h-eileanan Loch Laomainn

Gàidhlig

Anns an Litir mu dheireadh, dh’innis mi dhuibh mu dhà bheathach annasach. Tha iad a’ fuireach air eileanan ann an Loch Laomainn. ’S iad an dathas – no fallow deer – agus seòrsa de ualabai. An t-seachdain seo, tha mi ag iarraidh innse dhuibh mu chreutair eile. ’S e sin eun mòr – an capall-coille.

Thàinig Seton Gòrdan a Loch Laomainn anns na tritheadan. Chuala e gun robh capaill-choille a’ cur seachad na h-oidhche ann an Innis Caillich. Bha iad a’ dol suas air na craobhan-giuthais. Gach oidhche bha iad a’ fàgail tìr-mòr, agus a’ dol don eilean.

Chaidh Gòrdan a-mach don eilean. Dhìrich e don choille far a bheil na craobhan-giuthais. Dh’fhuirich e gu sàmhach. Thàinig an oidhche. Ach cha tàinig na capaill-choille.

Chan fhaca mi fhìn capall-coille nas motha. Ach, a rèir choltais, tha iad fhathast ann an sgìre Loch Laomainn. ’S e eileanan Loch Laomainn an t-àite as fhaide deas ann an Alba anns a bheil an capall-coille.

Bha mi a’ fuireach ann an Innis Mhearain. ’S e sin an t-eilean as motha anns an loch. Tha e a’ faighinn ainm bhon Naomh Mearain. Bha caibeal aig Mearain anns an eilean. Tha an naomh sin gu mòr co-cheangailte ri Pàislig. ’S e Saint Mirren an t-ainm a th’ air ann am Beurla. Tha sgioba ball-coise ann am Pàislig air a bheil St Mirren FC.

Bidh daoine aig a bheil bàtaichean a’ tadhal air Innis Mhearain. Tha taigh-òsta anns an eilean. Tha feadhainn a tha a’ fuireach anns an eilean a’ dèanamh sgitheadh-uisge. Tha an t-àite math airson sin.

Bha seann charaid agam na phoileas ann an Lus. ’S e Lus baile beag air bruach Loch Laomainn. Bha stòiridhean matha aige. Bha e ag innse dhomh mu bhith a’ coimhead airson daoine a bha a dhìth anns an loch. Uaireannan cha d’ fhuair iad na cuirp aca. Tha mi fìor dhuilich nach do chlàir mi na stòiridhean aige. Bha iad fìor mhath. Agus bha iad aige ann an Gàidhlig agus Beurla.

Faclan is abairtean: dh’innis mi dhuibh mu dhà bheathach annasach: I told you about two unusual animals; eileanan ann an Loch Laomainn: islands on Loch Lomond; dathas: fallow deer; seòrsa de ualabai: a sort of wallaby; tha mi ag iarraidh innse dhuibh mu chreutair eile: I want to tell you about another creature; capall-coille: capercaillie; anns na tritheadan: in the thirties; chuala e gun robh capaill-choille a’ cur seachad na h-oidhche: he heard that capercaillie were spending the night; suas air na craobhan-giuthais: up on the pine trees; bha iad a’ fàgail tìr-mòr: they were leaving the mainland; dhìrich e don choille: he climbed to the wood; dh’fhuirich e gu sàmhach: he stayed quietly; cha tàinig na capaill-choille: the capercaillie didn’t come; nas motha: either; a rèir choltais: apparently; anns na naochadan: in the nineties; bha – sa chuibheas – naoi dhiubh ann: there were – on average – nine of them; an t-àite as fhaide deas: the most southerly place; Innis Mhearain: Inchmurrin; Naomh Mearain: St Mirren; an t-eilean as motha: the largest island; caibeal: chapel; co-cheangailte ri Pàislig: linked to Paisley; tha sgioba ball-coise ann am Pàislig air a bheil St Mirren FC:there is a football team in Paisley called St Mirren FC; a’ tadhal air Innis Mhearain: visiting Inchmurrin; sgitheadh-uisge: water skiing; bha seann charaid agam na phoileas ann an Lus: an old relative of mine was a policeman in Luss; mu bhith a’ coimhead airson daoine a bha a dhìth: about looking for people that were missing; cha d’ fhuair iad na cuirp aca: they didn’t get [find] their bodies; tha mi fìor dhuilich nach do chlàir mi na stòiridhean aige: I’m really sorry I didn’t record his stories.

PDF

Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 433

Podcast

Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Litrichean eile

Mellon Charles agus Mellon Udrigle

Caisteal Loch nan Doirb (3)

Fear-casaid a’ Chrùin