108: Finegand 108: Fèith nan Ceann
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Fèith nan Ceann
Bha sinn ann an Gleann Sìdh an t-seachdain sa chaidh. Agus tha sinn ann fhathast. Tha àite ann air a bheil Finegand ann am Beurla. ’S e sin Fèith nan Ceann. Seo mar a dh’èirich an t-ainm.
Bha oifigearan siorraim anns an sgìre. Bha iad a’ togail chìsean. Chaidh iad gu taigh aig banntrach. Bha i bochd. Bha glè bheag de dh’airgead aig a’ bhoireannach ri làimh. Thug na h-oifigearan leotha an sprèidh aice. Bha am boireannach troimh-chèile.
Chuir i fios gu ceann-cinnidh Chlann ’ic Thomaidh. Thug esan daoine leis. Thachair an dà bhuidhinn ri chèile aig an drochaid thairis air an fhèith. Thòisich argamaid. Bha sabaid ann. Chaidh fear de na h-oifigearan a mharbhadh. Ghèill càch. Ach rinn fear dhiubh mearachd. “A MhicThomaidh Mhòir,” thuirt e, “is sinne muinntir an Rìgh agus bheir sinn fianais nad aghaidh.”
Fhreagair MacThomaidh Mòr, “Cha bhi luchd-fianais ann.” Thug e òrdugh na h-oifigearan siorraim a mharbhadh. Thug e òrdugh cinn nam marbh a ghearradh dhiubh. Thug e òrdugh eile na cinn a thilgeil don fhèith. Bhon uair sin, ’s e Fèith nan Ceann a bh’ air an fhèith sin.
Bha droch bheachd aig an riaghaltas air Clann ’ic Thomaidh. Aig a’ cheann thall, fhuair iad dìoghaltas. Chaill Clann ’ic Thomaidh am fearann aca.
Ceithir mìle gu tuath air Fèith nan Ceann tha àite air a bheil, ann am Beurla, Spittal of Glenshee. Ann an Gàidhlig, ’s e sin Spideal Ghlinn Sìdh. ’S dòcha gum faca sibh an t-ainm sin ann an àiteachan eile – Spideal. Tha Dalsnapidal faisg air Dail Chuinnidh. ’S e sin Dail na Spideil. Tha Spideal a’ ciallachadh àite far an robh luchd-siubhail a’ faighinn cuid na h-oidhche. ’S e sin biadh is leabaidh.
Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil am facal a’ tighinn bhon Laidinn hospitium. Thàinig am facal ospadal bhon aon fhreumh. Agus, ann am Beurla, hospital is hospice. Faisg air Spideal Ghlinn Sìdh tha beinn a tha ainmeil. Is ise Beinn Ghulbain. Tha i co-cheangailte ri tè de na sgeulachdan as ainmeile a th’ againn. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn sin an ath-sheachdain.
Faclan is abairtean: Gleann Sìdh: Glenshee; tha àite ann air a bheil Finegand: there’s a place there called Finegand; Fèith nan Ceann:[lit.] the bog-stream of the heads; seo mar a dh’èirich an t-ainm: here’s how the name arose; oifigearan siorraim: sheriff’s officers; a’ togail chìsean: collecting taxes; banntrach: widow; bha glè bheag de dh’airgead aig a’ bhoireannach ri làimh: the woman had very little money to hand; thug na h-oifigearan leotha an sprèidh aice: the officers took with them her livestock; troimh-chèile: extremely upset; chuir i fios gu ceann-cinnidh Chlann ’ic Thomaidh:she sent word to the chief of Clan MacCombie (now MacThomas); thachair an dà bhuidhinn ri chèile aig an drochaid thairis air an fhèith:the two groups met each other at the bridge over the bog-stream; bha sabaid ann: there was a fight; ghèill càch: the others surrendered; rinn fear dhiubh mearachd: one of them made a mistake; is sinne muinntir an Rìgh agus bheir sinn fianais nad aghaidh: we are the King’s men and we’ll give evidence against you; cha bhi luchd-fianais ann: there will be no witnesses; thug e òrdugh cinn nam marbh a ghearradh dhiubh: he gave an order to cut off the heads of the dead; na cinn a thilgeil don fhèith:to throw the heads into the bog-stream; bhon uair sin: since that time; bha droch bheachd aig an riaghaltas air: the government had a bad opinion of; fhuair iad dìoghaltas: they got revenge; chaill Clann ’ic Thomaidh am fearann aca:the MacCombies lost their land; far an robh luchd-siubhail a’ faighinn cuid na h-oidhche: where travellers were getting a night’s lodging; bhon aon fhreumh: from the same root; Beinn Ghulbain: Ben Gulabin; co-cheangailte ri tè de na sgeulachdan as ainmeile a th’ againn: linked to one of the most famous stories we have.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 412
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn