FaclairDictionary EnglishGàidhlig

114: Isle of Man (2) 114: Eilean Mhanainn (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Eilean Mhanainn (2)

Gaelic Gàidhlig

Chan eil Eilean Mhanainn mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte. Tha e co-cheangailte ris a’ Chrùn, ge-tà. ’S i a’ Bhanrigh Tighearna Mhanainn. Ach chan eil ball pàrlamaid Manainneach ann an Taigh nan Cumantan. Tha pàrlamaid aca fhèin.

’S e Tinvaal ainm na pàrlamaid. No Tynwald ann am Beurla. Nuair a bha mi anns an eilean, chaidh mi gu dà àite co-cheangailte ri Tinvaal. B’ iad sin taigh na pàrlamaid agus Cronk Keeill Eoin – no Cnoc Cill Eòin. Tha taigh na pàrlamaid ann an Doolish, am prìomh bhaile. Agus air Cronk Keeill Eoin – no Tynwald Hill – bidh a’ phàrlamaid a’ coinneachadh a-muigh. Tha sin a’ tachairt air aon latha anns an Iuchar gach bliadhna. An còigeamh latha dhen Iuchar. Latha Nàiseanta Eilean Mhanainn.

Tha trì seòmraichean ann an Tinvaal. Bha mi anns a h-uile seòmar còmhla ri fear air a bheil Speaker of the House of Keys. ’S e ainm annasach a tha sin – House of Keys. Tha iad ag ràdh gun tàinig e bho Ghàidhlig Eilean Mhanainn. Anns a’ Ghàidhlig aca, ’s e Yn Kiare As Feed. Tha sin a’ ciallachadh An Ceithir Air Fhichead. The twenty-four. Agus saoil cia mheud ball a th’ aca? Seadh – ceithir air fhichead – no fichead ’s a ceithir.

Bha barrachd na sin ann nuair a bha eileanan na h-Alba mar phàirt de Rìoghachd Mhanainn ’s nan Eilean. Aig an àm sin bha trithead ’s a dhà buill sa phàrlamaid. Bha sia duine deug ann à Eilean Mhanainn. Agus bha sia-deug eile ann à eileanan na h-Alba – Leòdhas, an t-Eilean Sgitheanach, Muile agus Ìle. An-diugh tha dìreach fichead ’s a ceithir ann. Agus chan eil duine ann à eileanan na h-Alba.

Tha dàrna seòmar sa phàrlamaid – Yn Choonseil Slattyssagh no Legislative Council. Tha aona bhall deug air. ’S e an treas seòmar Quaaiyl Tinvaal no Tynwald Court, a th’ air a dhèanamh de bhuill an dà sheòmair eile. Bidh iad a’ tighinn còmhla turas sa mhìos. ’S e siostam poilitigeach iongantach a th’ aca ann an Eilean Mhanainn.

Faclan is abairtean: mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte: part of the United Kingdom; co-cheangailte ris a’ Chrùin: linked to the Crown; ’s i a’ Bhanrigh Tighearna Mhanainn: the Queen is the Lord of Mann; Taigh nan Cumantan: the House of Commons; Cronk Keeill Eòin: St Johns; tha taigh na pàrlamaid ann an Doolish: the parliament house is in Douglas; bidh a’ phàrlamaid a’ coinneachadh a-muigh: the parliament meets outside; air aon latha anns an Iuchar: on one day in July; còigeamh: fifth; Latha Nàiseanta Eilean Mhanainn: the National Day of the Isle of Man; trì seòmraichean: three chambers; bha mi anns a h-uile seòmar:I was in every chamber; saoil cia mheud ball a th’ aca?: how many members do you think they have?; seadh – ceithir air fhichead: aye - 24; Rìoghachd Mhanainn ’s nan Eilean: The Kingdom of Man and the Isles; trithead ’s a dhà: 32; Leòdhas, an t-Eilean Sgitheanach, Muile agus Ìle: Lewis, Skye, Mull and Islay; dàrna: second; aona bhall deug: 11 members; treas: third; a th’ air a dhèanamh de bhuill an dà sheòmair eile: that is made [up] of members of the other two chambers; turas sa mhìos: once a month; ’s e siostam poilitigeach iongantach a th’ aca: it’s a surprising/wonderful/amazing political system they have

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 418

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile