FaclairDictionary EnglishGàidhlig

115: Isle of Man (3) 115: Eilean Mhanainn (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Eilean Mhanainn (3)

Gaelic Gàidhlig

Thairis air ceudan bhliadhnaichean, cha robh e gu diofar cò bha a’ riaghladh Eilean Mhanainn – Lochlannaich no luchd na Beurla. ’S e Gàidhlig a bh’ aig na daoine cumanta. Anns an t-seachdamh linn deug, sgrìobh feadhainn gur e Beurla a b’ fheàrr leis na h-uaislean. Ach sgrìobh iad cuideachd ach gur e Gàidhlig a bh’ aig càch.

Rinn Easbaig Mhanainn eadar-theangachadh de leabhar ùrnaighean tràth san t-seachdamh linn deug. B’ esan John Phillips. Bha e Cuimreach. Chruthaich e siostam litreachaidh ùr. Cha robh e coltach ris an t-siostam ann an Alba no Èirinn. Ach cha do nochd an leabhar sin ann an clò aig an àm. Ann an seachd ceud deug ’s a seachd (1707), nochd a’ chiad leabhar ann an clò – Prionnsabalan is Dleastanasan Crìosdachd. ’S e easbaig eile a rinn sin – Tòmas Wilson. Thòisich esan pròiseact mòr – eadar-theangachadh a’ Bhìobaill.

Nochd am Bìoball Manainneach ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a còig (1775). Ach cha do thachair e gun strì. Chaidh innse dhomh mu chlèireach. Bha am fear seo ann am bàta. Bha sgrìobhainn a’ Bhìobaill aige. Bha e a’ dol don chlò-bhualadair. Chaidh am bàta air na sgeirean. Ach fhuair an clèireach gu sàbhailte don chladach. Bha e a’ cumail na sgrìobhainn tioram os a chionn!

Bha na Manainnich uabhasach dèidheil air ceòl. ’S e an fhidheall a b’ fheàrr leotha. Ann am meadhan a’ gheamhraidh bha ceala-deug de chèilidhean is dannsaidhean. B’ e sin Yn Kegeesh Ommidjagh – an Ceala-deug Amaideach!

Ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a còig (1765), thàinig an t-eilean fo Chrùn Bhreatainn. Bha cùiltearachd a’ dol. Cha robh na Breatannaich toilichte. Chuir iad às don chùiltearachd. Chaidh marsantaich Shasannach a dh’fhuireach ann an Eilean Mhanainn. Ach cha robh an eaconamaidh fallain. Chaidh mòran de na h-eileanaich a-null thairis. Rinn an dà rud sin cron air a’ chànan.

Ach cha robh i deiseil airson bàsachadh. Agus, san latha an-diugh, tha i a’ dol am meud a-rithist.

Faclan is abairtean: Thairis air ceudan bhliadhnaichean: over hundreds of years; cha robh e gu diofar cò bha a’ riaghladh: it didn’t matter who was governing; daoine cumanta: common people; anns an t-seachdamh linn deug: in the 17th Century; gur e Beurla a b’ fheàrr leis na h-uaislean: that it’s English that the gentry preferred; gur e Gàidhlig a bh’ aig càch: that it was Gaelic the rest spoke; eadar-theangachadh de leabhar ùrnaighean: a translation of a book of prayers; Cuimreach: Welsh; chruthaich e siostam litreachaidh ùr: he created a new spelling system; coltach ris an t-siostam: like the system; ann an clò aig an àm: in print at the time; Prionnsabalan is Dleastanasan Crìosdachd: The Principles and Duties of Christianity; eadar-theangachadh a’ Bhìobaill: translation of the Bible; gun strì: without a struggle; chaidh innse dhomh mu chlèireach: I was told about a churchman; clò-bhualadair: printer; air na sgeirean: on the rocks; fhuair an clèireach gu sàbhailte don chladach: the churchman got safely to shore; a’ cumail na sgrìobhainn tioram os a chionn: keeping the manuscript dry above his head; dèidheil air ceòl: keen on music; ’s e an fhidheall a b’ fheàrr leotha: it’s the fiddle they liked best; meadhan a’ gheamhraidh: the middle of winter; ceala-deug de chèilidhean is dannsaidhean: a fortnight of ceilidhs and dances; amaideach: foolish; fo Chrùn Bhreatainn: under the British Crown; cùiltearachd: smuggling; marsantaich Shasannach: English merchants; a-null thairis:overseas; cron: damage; cha robh i deiseil airson bàsachadh: it wasn’t ready to die; a’ dol am meud a-rithist: expanding again.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 419

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile