FaclairDictionary EnglishGàidhlig

163: The names of the fingers 163: Ainmean nan corragan

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ainmean nan corragan

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air ainmean nan corragan ann an Gàidhlig? Tha cuid a’ gabhail seo orra: òrdag, sgealbag, Fionnlagh fada, mac an aba agus lùdag bheag an airgid. An-diugh tha mi ag iarraidh sùil a thoirt air mac an aba. The ring finger. Carson a tha sinn a’ gabhail mac an aba oirre?

Bha mi ann an Èirinn o chionn ghoirid. Bha mi anns a’ cheann a tuath, ann an Aontram. Chaidh mi a chèilidh air fear as aithne dhomh, Brian MacLochlainn. Tha eòlas gu leòr aig Brian air Gaeilge Aontraim. Agus tha eòlas gu leòr aige mun Ghaeilge a bh’ ann an Eilean Reachrann. Tha an t-eilean sin – Rathlin Island ann am Beurla – eadar ceann a tuath na h-Èireann agus Alba.

Fhuair Brian fiosrachadh bho fhear Alex Morrison ann an Reachrainn. Thug Alex seachad ceithir cheud ainm-àite nach robh air na mapaichean. Agus dh’innis e do Bhrian ainmean nan corragan ann an Gaeilge Reachrann.

Nise, tha a’ Ghaeilge ann an Reachrainn, agus air tìr-mòr Aontraim, car coltach ri Gàidhlig na h-Alba. Tha mh no bh ro fhuaimreag leathann a’ dèanamh “v” seach “w” – mar Ballyvaddy no Baile a’ Mhadaidh. Tha an “u” car coltach ris an “u” ann an Gàidhlig. Tha iad ag ràdh “cur” seach “cur” agus “rud” seach “rud”. Tha iad ag ràdh “deas” an àite “deas”. Agus tha iad ag ràdh “cha” an àite “ní” ann an gnìomhairean. Cha robh, an àite ní raibh.

Co-dhiù, air ais do na corragan, no na meuran. Bha Alex Morrison ag ràdh méar fada ris a’ chorraig as fhaide. Agus air aring finger? Mac an fhada. Mac a’ mheòir fhada. Mac an fhada. Gu litreachail “the son of the long finger” no “the smaller one next to the long finger”. Tha sin a’ dèanamh ciall, nach eil?

Saoil an do dh’atharraich mac an fhada ann an Alba gu mac an aba ? ’S dòcha ach chan urrainn dhomh a ràdh le cinnt. Mar sin leibh an-dràsta.

The names of the fingers

English Beurla

Do you know the names of the fingers in Gaelic? Some [people] call them this: [thumb, first finger, middle finger, ring finger and little finger]. Today I want to look at mac an aba. The ring finger. Why do we call it mac an aba [lit. the son of the abbot]?

I was in Ireland recently. I was in the north, in Antrim. I went to visit a man I know, Brian MacLochlainn. Brian is very familiar with the Gaelic of Antrim. And he knows a lot about the Gaelic that was [spoken] in Rathlin. That island – Rathlin Island in English – is [lies] between the north of Ireland and Scotland.

Brian got information from Alex Morrison in Rathlin. Alex gave four hundred place names which were not on the maps. And he told Brian the names of the fingers in Rathlin Gaelic.

Now, the Gaelic in Rathlin, and on the mainland of Antrim, is somewhat like the Gaelic of Scotland. Mh or bh before a broad vowel make a “v” rather than a “w” as in Ballyvaddy or Baile a’ Mhadaidh. The “u” is somewhat like the “u” in Gaelic. They say “cur” rather than “cur” and “rud” instead of “rud”. They say “deas” instead of “deas”. And they say “cha” instead of “ní” in verbs. Cha robh rather than ní raibh.

Anyway, back to the fingers. Alex Morrison called the longest finger méar fada. And the ring finger? Mac an fhada. Mac a’ mheòir fhada. Mac an fhada. Literally, “the son of the long finger” or “the smaller one next to the long finger”. That makes sense, doesn’t it?

Do you reckon mac an fhada changed in Scotland to mac an aba? Perhaps, but I can’t say for sure. Cheerio just now.

Ainmean nan corragan

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air ainmean nan corragan ann an Gàidhlig? Tha cuid a’ gabhail seo orra: òrdag, sgealbag, Fionnlagh fada, mac an aba agus lùdag bheag an airgid. An-diugh tha mi ag iarraidh sùil a thoirt air mac an aba. The ring finger. Carson a tha sinn a’ gabhail mac an aba oirre?

Bha mi ann an Èirinn o chionn ghoirid. Bha mi anns a’ cheann a tuath, ann an Aontram. Chaidh mi a chèilidh air fear as aithne dhomh, Brian MacLochlainn. Tha eòlas gu leòr aig Brian air Gaeilge Aontraim. Agus tha eòlas gu leòr aige mun Ghaeilge a bh’ ann an Eilean Reachrann. Tha an t-eilean sin – Rathlin Island ann am Beurla – eadar ceann a tuath na h-Èireann agus Alba.

Fhuair Brian fiosrachadh bho fhear Alex Morrison ann an Reachrainn. Thug Alex seachad ceithir cheud ainm-àite nach robh air na mapaichean. Agus dh’innis e do Bhrian ainmean nan corragan ann an Gaeilge Reachrann.

Nise, tha a’ Ghaeilge ann an Reachrainn, agus air tìr-mòr Aontraim, car coltach ri Gàidhlig na h-Alba. Tha mh no bh ro fhuaimreag leathann a’ dèanamh “v” seach “w” – mar Ballyvaddy no Baile a’ Mhadaidh. Tha an “u” car coltach ris an “u” ann an Gàidhlig. Tha iad ag ràdh “cur” seach “cur” agus “rud” seach “rud”. Tha iad ag ràdh “deas” an àite “deas”. Agus tha iad ag ràdh “cha” an àite “ní” ann an gnìomhairean. Cha robh, an àite ní raibh.

Co-dhiù, air ais do na corragan, no na meuran. Bha Alex Morrison ag ràdh méar fada ris a’ chorraig as fhaide. Agus air aring finger? Mac an fhada. Mac a’ mheòir fhada. Mac an fhada. Gu litreachail “the son of the long finger” no “the smaller one next to the long finger”. Tha sin a’ dèanamh ciall, nach eil?

Saoil an do dh’atharraich mac an fhada ann an Alba gu mac an aba ? ’S dòcha ach chan urrainn dhomh a ràdh le cinnt. Mar sin leibh an-dràsta.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 467

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile