FaclairDictionary EnglishGàidhlig

209: Puzzle 209: Tòimhseachan

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Tòimhseachan

Gaelic Gàidhlig

Seo tòimhseachan dhuibh. Dè tha anns an “nighean bheag”?

Nighean bheag a’ chòta bhàin

Anns an t-sabhal is anns an àth Mar (a)

bu mhotha a bha i ’g ith’ ’S ann (a)

bu lugha a bha i (a’) fàs

A bheil e agaibh? Seo e a-rithist:

Nighean bheag a’ chòta bhàin

Anns an t-sabhal is anns an àth Mar (a)

bu mhotha a bha i ’g ith’ ’S ann (a)

bu lugha a bha i (a’) fàs

’S e nighean bheag a’ chòta bhàin – coinneal. Mar a bu mhotha a bha a’ choinneal ag “ithe” de chèir, ’s ann a bu lugha a bha i a’ fàs.

Tha mi ag iarraidh innse dhuibh mu Albannach iongantach. B’ esan Raibeart Coineagan Greumach. Bha e ainmeil mar sgrìobhadair agus mar neach poilitigeach.

Bhuineadh Raibeart do na h-uaislean. Bha a mhàthair leth-Spàinnteach. ’S e Spàinntis a’ chiad chànan a bha aige. Bha e aig sgoil phrìobhaideach Harrow ann an Sasainn.

Chaidh e a dh’Argentina. Rinn e airgead mòr mar rainsear cruidh. Bha e sgileil air muin eich. Bha e ainmeil mar gaucho. ’S e an t-ainm a bha air ann an Argentina – Don Roberto.

Ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a trì (1883), chaochail athair. Thill Raibeart a Bhreatainn. Chaidh e an sàs ann am poilitigs. ’S e sòisealach a bha ann. Sheas e mar thagraiche Libearalach anns an taghadh nàiseanta ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a sia (1886).

Bha am manifesto aige radaigeach. Bha e ag iarraidh còraichean do luchd-obrach is daoine àbhaisteach. Bha e ag iarraidh cur às do Thaigh nam Morairean. Bha e ag iarraidh bhòt a bhith aig a h-uile inbheach san rìoghachd. Bha e ag iarraidh an latha-obrach a chumail aig ochd uairean a thìde. Bha e ag iarraidh fèin-riaghladh airson Alba.

An ath-sheachdain bheir sinn sùil air beatha Raibeirt Choineagain Ghreumaich. Cha robh i coltach ri coinneal. Cha do dh’fhàs i na bu lugha le aois.

Puzzle

English Beurla

Here’s a puzzle for you. What is the “wee lass”?

Wee lass of the fair coat

In the barn and in the kiln

The more she ate

The smaller she grew.

Do you have it? Here it is again.

Wee lass of the fair coat

In the barn and in the kiln

The more she ate

The smaller she grew.

The wee lass of the fair coat is a candle. The more the candle “ate” of wax, the smaller it became

I want to tell you about an amazing Scotsman. He was Robert Cunninghame Graham. He was famous as a writer and a political person.

Robert belonged to the gentry. His mother was half Spanish. Spanish was his first language. He was at Harrow public [private] school in England.

He went to Argentina. He made a fortune as a cattle rancher. He was skilful on horseback. He was famous as a gaucho (cowboy). In Argentina he was called Don Roberto.

In 1883, his father died. Robert returned to Britain. He got involved in politics. He was a socialist. He stood as a Liberal candidate in the national election in 1886.

His manifesto was radical. He wanted rights for the workers and ordinary people. He want to abolish the House of Lords. He wanted all adults in the land to have the vote. He wanted to keep the working day at eight hours. He wanted self-government for Scotland.

Next week we’ll look at the life of Robert Cunninghame Graham. It wasn’t like a candle. It didn’t diminish with age

Tòimhseachan

Gaelic Gàidhlig

Seo tòimhseachan dhuibh. Dè tha anns an “nighean bheag”?

Nighean bheag a’ chòta bhàin

Anns an t-sabhal is anns an àth Mar (a)

bu mhotha a bha i ’g ith’ ’S ann (a)

bu lugha a bha i (a’) fàs

A bheil e agaibh? Seo e a-rithist:

Nighean bheag a’ chòta bhàin

Anns an t-sabhal is anns an àth Mar (a)

bu mhotha a bha i ’g ith’ ’S ann (a)

bu lugha a bha i (a’) fàs

’S e nighean bheag a’ chòta bhàin – coinneal. Mar a bu mhotha a bha a’ choinneal ag “ithe” de chèir, ’s ann a bu lugha a bha i a’ fàs.

Tha mi ag iarraidh innse dhuibh mu Albannach iongantach. B’ esan Raibeart Coineagan Greumach. Bha e ainmeil mar sgrìobhadair agus mar neach poilitigeach.

Bhuineadh Raibeart do na h-uaislean. Bha a mhàthair leth-Spàinnteach. ’S e Spàinntis a’ chiad chànan a bha aige. Bha e aig sgoil phrìobhaideach Harrow ann an Sasainn.

Chaidh e a dh’Argentina. Rinn e airgead mòr mar rainsear cruidh. Bha e sgileil air muin eich. Bha e ainmeil mar gaucho. ’S e an t-ainm a bha air ann an Argentina – Don Roberto.

Ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a trì (1883), chaochail athair. Thill Raibeart a Bhreatainn. Chaidh e an sàs ann am poilitigs. ’S e sòisealach a bha ann. Sheas e mar thagraiche Libearalach anns an taghadh nàiseanta ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a sia (1886).

Bha am manifesto aige radaigeach. Bha e ag iarraidh còraichean do luchd-obrach is daoine àbhaisteach. Bha e ag iarraidh cur às do Thaigh nam Morairean. Bha e ag iarraidh bhòt a bhith aig a h-uile inbheach san rìoghachd. Bha e ag iarraidh an latha-obrach a chumail aig ochd uairean a thìde. Bha e ag iarraidh fèin-riaghladh airson Alba.

An ath-sheachdain bheir sinn sùil air beatha Raibeirt Choineagain Ghreumaich. Cha robh i coltach ri coinneal. Cha do dh’fhàs i na bu lugha le aois.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 513

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile