FaclairDictionary EnglishGàidhlig

30: Reverend Norman MacLeod (4) 30: An t-Urramach Tormod MacLeòid (4)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An t-Urramach Tormod MacLeòid (4)

Gaelic Gàidhlig

Ràinig Tormod MacLeòid Baile Pheadair. Tha sin ann an ceann a deas Eilein Cheap Bhreatainn. Bha na daoine eile a’ feitheamh ris. Tharraing iad na bàtaichean aca air tìr. Bha tairbeart eadar a’ mhuir agus loch mòr. ’S e Bras d’Or Lake an t-ainm a th’ air an loch. An-diugh tha canàl a’ dol tron tairbeart. Tharraing iad na bàtaichean aca leth-mhìle don loch. Chuir iad na bàtaichean air an loch. Agus sheòl iad don dachaigh ùir aca. Bha sin anns a’ Chèitean ochd ceud deug is fichead (1820).

Thagh na daoine fearann. Bha na bothain a thog iad fhathast nan seasamh. Leag iad craobhan. Chuir iad buntàta. Bha èisg gu leòr anns a’ mhuir.

Bha dà cheud acaire aig gach duine. Cha robh rathaidean eadar na taighean. Bha na daoine a’ cèilidh air cach a chèile sna bàtaichean aca. Bha iad ag adhradh còmhla air an t-Sàbaid. Bha sin ann an taigh Thormoid.

Thàinig daoine eile don sgìre. Bha iad à Alba Nuadh agus à Alba fhèin. Thog muinntir an àite sgoil. B’ e Tormod an tidsear anns an sgoil.

Cha robh Tormod gu h-oifigeil na mhinistear. Cha robh cead aige càraidean a phòsadh. Chaidh e do na Stàitean Aonaichte. Bha e ann beagan mhìosan. Bha e ag iarraidh cead airson a bhith na mhinistear. Fhuair e sin anns na Stàitean Aonaichte.

Ann an sgoil Thormoid, bha a’ chlann a’ faighinn foghlam ann an Gàidhlig an toiseach. Bha iad ag ionnsachadh litreachadh is leughadh. Bha iad a’ leughadh an Tiomnaidh Nuaidh. Bha iad an uair sin a’ leughadh a’ Bhìobaill air fad. An uair sin bha iad ag ionnsachadh na Beurla. Bha a’ Ghàidhlig uabhasach làidir anns a’ choimhearsnachd. Bha cuid de dhaoine aig nach robh cànan sam bith eile.

Bha a’ chlann a’ dol don sgoil sia là san t-seachdain. As t-samhradh, ge-tà, cha robh sin furasta. Bha cus obrach aca ri dhèanamh. Bha iad a’ cumail sùil air a’ chrodh. Bha iad a’ cruinneachadh dhearcan sa choille. Bha iad ag iasgach. Bha iad uabhasach trang.

Fhuair Tormod tuarastal airson a bhith ag obair mar thidsear. Ach cha do ghabh e airgead bho na daoine. Innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain ciamar a fhuair e a thuarastal.

Faclan is abairtean: Ràinig Tormod MacLeòid Baile Pheadair: Norman MacLeod reached St Peter’s; a’ feitheamh ris: waiting for him; tharraing iad na bàtaichean aca air tìr: they dragged their boats onto the land; tairbeart: isthmus; leth-mhìle: half a mile; sheòl iad don dachaigh ùir aca: they sailed to their new home; thagh X fearann: X selected land; bha na bothain a thog iad fhathast nan seasamh: the bothies they built were still standing; leag iad craobhan: they felled trees; chuir iad buntàta: they planted potatoes; acaire: acre [of land]; a’ cèilidh air cach a chèile sna bàtaichean aca: visiting each other in their boats; ag adhradh còmhla air an t-Sàbaid: worshipping together on the Sabbath; thog muinntir an àite sgoil: the people of the place built a school; b’ e Tormod an tidsear: Norman was the teacher; cha robh Tormod gu h-oifigeil na mhinistear: Norman was not officially a minister; cead: permission, licence; litreachadh is leughadh: spelling and reading; a’ leughadh an Tiomnaidh Nuaidh: reading the New Testament; bha cuid de dhaoine aig nach robh cànan sam bith eile: there were some who spoke no other language; as t-samhradh, ge-tà, cha robh sin furasta: in the summer, however, that was not easy; bha cus obrach aca ri dhèanamh: they had too much work to do; a’ cumail sùil air a’ chrodh:keeping an eye on the cattle; a’ cruinneachadh dhearcan sa choille: collecting berries in the forest; uabhasach trang: terribly busy; tuarastal airson a bhith ag obair mar thidsear: a salary for working as a teacher; ach cha do ghabh e airgead bho na daoine: but he didn’t take money from the people; ciamar a fhuair e a thuarastal: how he got his wages.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 334

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile