FaclairDictionary EnglishGàidhlig

390: Árainn Mhór (1) 390: Árainn Mhór (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Árainn Mhór (1)

Gaelic Gàidhlig

’S e Árainn Mhór eilean beag ann an Èirinn. Tha e far costa Thìr Chonaill. Bha mi anns an eilean sin sna naochadan. Bha an teaghlach agam còmhla rium. Bha sinn air làithean-saora samhraidh. Agus thachair rud iongantach ann an Árainn Mhór.

Lorg sinn bàgh brèagha. Bha mol ann. Air cùl a’ chladaich, bha àite math ann airson teanta. Bha aon taigh shuas air cnoc. Bha bodach a’ fuireach ann. Chaidh sinn a bhruidhinn ris. Bha e toilichte gun robh sinn a’ dol a champachadh faisg air a’ chladach. Chuir sinn an teanta an-àirde.

Bha tuinn mhòra a’ briseadh air a’ chladach. Thachair rud iongantach. Thòisich am bàgh air lìonadh le èisg. Agus tha mi a’ ciallachadh ‘lìonadh’! Bha e coltach gun robh am bàgh làn èisg.

Bha feadhainn bheaga airgid ann – milleanan dhiubh. ’S e garbhagan a bha annta. Às an dèidh, thàinig sgaothan mòra mòra de rionnaich agus saoidheanan. Bha iad ag ithe nan garbhagan. Thug sinn ar slatan-iasgaich a-mach. Is toigh leam rionnaich.

Aig amannan, ge-tà, chuir sinn ar slatan an dàrna taobh. Oir bha an sealladh cho math. Gu dearbh, bha an sealladh mìorbhaileach. Chunnaic sinn èisg a’ snàmh ann am bilean nan tonn. Ann an solas na grèine, bha na dathan iongantach, gu h-àraidh na rionnaich.

Bha sinn a’ glacadh èisg gu leòr. Rionnaich an toiseach. An uair sin dh’fhalbh na rionnaich. Às dèidh nan rionnach, ’s e saoidheanan a bha sinn a’ glacadh. Bha cus ann. Agus chan eil mi ro dhèidheil air blas an t-saoidhein.

Smaoinich mi air a’ bhodach anns an taigh. ’S dòcha gun robh esan ag iarraidh èisg. Dh’iarr mi air a’ chloinn a dhol suas don taigh aige. Thuirt mi riutha, ‘Inns dha gu bheil cus èisg againn. Bidh sinn toilichte feadhainn a thoirt dha. Inns dha gur e saoidhean a chanas sinn riutha anns a’ Ghàidhlig againn fhèin. Canaidh muinntir na h-Alba saithe riutha ann am Beurla. Canaidh na Sasannaich coalfish riutha.’ Bha mi an dùil gun tuigeadh am bodach fear de na h-ainmean sin. Ach cha do thuig, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.

Árainn Mhór (1)

English Beurla

Árainn Mhór is a small island in Ireland. It’s off the coast of Donegal. I was on that island in the nineties. My family was with me. We were on summer holidays. And an amazing thing happened on Árainn Mhór.

We found a beautiful bay. It had a shingle beach. Behind the shore, there was a good place for a tent. There was one house up on the hill. An old man lived there. We went to speak to him. He was happy that we were going to camp near the shore. We erected the tent.

Big waves were breaking on the shore. An amazing thing happened. The bay began to fill with fish. And I mean ‘fill’! It was as if the bay were full of fish.

There were small silver ones – millions of them. They were sprats. After them came enormous shoals of mackerel and saithe. They were eating the sprats. We brought out our fishing rods. I like mackerel.

At times, however, we put our rods aside. Because the view was so good. Indeed, the view was marvellous. We saw fish swimming in the crests of the waves. In the sunlight, the colours were amazing, particularly the mackerel.

We were catching plenty of fish. Mackerel to begin with. Then the mackerel left. After the mackerel, it’s saithe we were catching. There were too many. And I’m not too keen on the flavour of [the] saithe.

I thought of the old man in the house. Perhaps he was wanting fish. I asked the children to go up to his house. I said to them, ‘Tell him we have too many fish. We’ll be pleased to give him some. Tell him that we call them saoidhean in our Gaelic. The people of Scotland call them saithe in English. The English call them coalfish.’ I was expecting that the old man would understand one of those names. But he didn’t, as we’ll see next week.

Árainn Mhór (1)

Gaelic Gàidhlig

’S e Árainn Mhór eilean beag ann an Èirinn. Tha e far costa Thìr Chonaill. Bha mi anns an eilean sin sna naochadan. Bha an teaghlach agam còmhla rium. Bha sinn air làithean-saora samhraidh. Agus thachair rud iongantach ann an Árainn Mhór.

Lorg sinn bàgh brèagha. Bha mol ann. Air cùl a’ chladaich, bha àite math ann airson teanta. Bha aon taigh shuas air cnoc. Bha bodach a’ fuireach ann. Chaidh sinn a bhruidhinn ris. Bha e toilichte gun robh sinn a’ dol a champachadh faisg air a’ chladach. Chuir sinn an teanta an-àirde.

Bha tuinn mhòra a’ briseadh air a’ chladach. Thachair rud iongantach. Thòisich am bàgh air lìonadh le èisg. Agus tha mi a’ ciallachadh ‘lìonadh’! Bha e coltach gun robh am bàgh làn èisg.

Bha feadhainn bheaga airgid ann – milleanan dhiubh. ’S e garbhagan a bha annta. Às an dèidh, thàinig sgaothan mòra mòra de rionnaich agus saoidheanan. Bha iad ag ithe nan garbhagan. Thug sinn ar slatan-iasgaich a-mach. Is toigh leam rionnaich.

Aig amannan, ge-tà, chuir sinn ar slatan an dàrna taobh. Oir bha an sealladh cho math. Gu dearbh, bha an sealladh mìorbhaileach. Chunnaic sinn èisg a’ snàmh ann am bilean nan tonn. Ann an solas na grèine, bha na dathan iongantach, gu h-àraidh na rionnaich.

Bha sinn a’ glacadh èisg gu leòr. Rionnaich an toiseach. An uair sin dh’fhalbh na rionnaich. Às dèidh nan rionnach, ’s e saoidheanan a bha sinn a’ glacadh. Bha cus ann. Agus chan eil mi ro dhèidheil air blas an t-saoidhein.

Smaoinich mi air a’ bhodach anns an taigh. ’S dòcha gun robh esan ag iarraidh èisg. Dh’iarr mi air a’ chloinn a dhol suas don taigh aige. Thuirt mi riutha, ‘Inns dha gu bheil cus èisg againn. Bidh sinn toilichte feadhainn a thoirt dha. Inns dha gur e saoidhean a chanas sinn riutha anns a’ Ghàidhlig againn fhèin. Canaidh muinntir na h-Alba saithe riutha ann am Beurla. Canaidh na Sasannaich coalfish riutha.’ Bha mi an dùil gun tuigeadh am bodach fear de na h-ainmean sin. Ach cha do thuig, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 694

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile