FaclairDictionary EnglishGàidhlig

471: The Armstrong dictionary (1) 471: Faclan fillte à Faclair Armstrong (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Faclan fillte à Faclair Armstrong (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a choimhead air faclan-fillte à seann fhaclair Armstrong. Chì sinn cia mheud dhiubh a thuigeas sibh. Bidh mi a’ dol tron aibidil.

’S e a’ chiad fhacal airgead-beò. Tha e co-ionann ri argento vivo ann an Eadaltais. Airgead-beò. ’S e meatailt a tha ann. Tha i a’ coimhead coltach ri airgead ach bidh i a’ gluasad mar gu bheil i beò. Sin mercury no quicksilver – airgead-beò. An dàrna facal – bian-leasaiche. Bian-leasaiche. ’S e bian seiche aig ainmhidh. Bian an tuirc – the hide of the wild boar. ’S e leasaiche duine a bhios a’ leasachadh rudeigin. Bidh bian-leasaiche a’ leasachadh, no a’ cartadh, nam bian. Ann am Beurla – a tanner, somebody who tans hides.

A-nise, facal a’ tòiseachadh le ‘c’ – cluas-chrochag. Cluas-chrochag. Bidh fios agaibh dè tha ann an cluas. Agus dè tha ann an crochag? Uill, rudeigin beag a bhios a’ crochadh. Cluas-chrochag – an ear-pendant.

Tha sinn aig ‘d’ a-nise agus tha fear annasach agam dhuibh – deud-cheartaiche. Nise, ’s e deud seann fhacal Gàidhlig airson fiacail. Tha e againn fhathast anns a’ Ghàidhlig airson toothache – an deudadh. Tha an deudadh orm – I have toothache. ’S e deud-cheartaiche neach a bhios a’ cur nan deudan agad ceart. A dentist! Bidh sinn ag ràdh ‘fiaclair’ an-diugh.

Nise, eug-lios – sin E-U-G, tàthan, L-I-O-S. Eug-lios. A bheil sibh eòlach air an fhacal eug? Tha e a’ ciallachadh ‘bàs’. Ann an cuid de dhualchainntean, bithear ag ràdh dh’eug e airson chaochail e no bhàsaich e. Mar sin, ’s e eug-lios àite – lios, leas, gàrradh – far am bi na mairbh air an cur às dèidh dhaibh bàs fhaighinn. A cemetery or graveyard. Chanainn gu bheil eug-lios a cheart cho tarraingeach ri cladh – ‘àite far am bi daoine a’ cladhach’, nach eil?

Nise, fiadh-ghleann. Fiadh-ghleann. Gleann far am bi fèidh a’ cruinneachadh ann an treudan. Ach tha e cuideachd a’ ciallachadh wild glen, gleann anns nach eil daoine a’ fuireach. Tha am facal fiadh gu mòr co-cheangailte ri rudan ‘wild’ mar a chanar ann am Beurla. Às a sin gheibh sinn am facal fiadhaich. Tha spòrs ann am faclan, nach eil? Bidh tuilleadh agam dhuibh an-ath-sheachdain.

The Armstrong dictionary (1)

English Beurla

I’m going to look at compound nouns from Armstrong’s old dictionary. We’ll see how many you understand. I’ll be going through the alphabet.

The first word is airgead-beò. It’s equivalent to argento vivo in Italian. Airgead-beò. It’s a metal. It looks like silver but it moves as if it is alive. That’s mercury or quicksilver – airgead-beò (‘living silver’). The second word – bian-leasaiche. Bian-leasaiche. Bian is an animal hide. Bian an tuirc – the hide of the wild boar. A leasaiche is a person who develops or processes something. A bian-leasaiche processes, or tans, hides. In English – a tanner, somebody who tans hides.

Now, a word starting with ‘c’ – cluas-chrochag. Cluas-chrochag. You’ll know what a cluas is. And what’s a crochag? Well, something small that hangs. Cluas-chrochag – an ear-pendant.

We’re now at ‘d’ and I have an unusual one for you – deud-cheartaiche. Now, deud is an old Gaelic word for tooth. We still have it in the Gaelic for toothache – an deudadh. Tha an deudadh orm – I have toothache. A deud-cheartaiche is a person who corrects your teeth. A dentist! We say fiaclair today.

Now, eug-lios – that’s E-U-G, hyphen, L-I-O-S. Eug-lios. Do you know the word eug? It means ‘death’. In some dialects, one says dh’eug e for he died. Thus, an eug-lios is a place – a garden – where the dead are put after they die. A cemetery or graveyard. I’d say that eug-lios is just as appealing as cladh – ‘a place where people dig’, wouldn’t you agree?

Now, fiadh-ghleann. Fiadh-ghleann. A glen where deer gather in herds. But it also means ‘wild glen’, a glen where nobody lives. The word fiadh is strongly connected with ‘wild’ things, as is said in English. From that we get the word fiadhaich. Words are fun, aren’t they? I’ll have more for you next week.

Faclan fillte à Faclair Armstrong (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a choimhead air faclan-fillte à seann fhaclair Armstrong. Chì sinn cia mheud dhiubh a thuigeas sibh. Bidh mi a’ dol tron aibidil.

’S e a’ chiad fhacal airgead-beò. Tha e co-ionann ri argento vivo ann an Eadaltais. Airgead-beò. ’S e meatailt a tha ann. Tha i a’ coimhead coltach ri airgead ach bidh i a’ gluasad mar gu bheil i beò. Sin mercury no quicksilver – airgead-beò. An dàrna facal – bian-leasaiche. Bian-leasaiche. ’S e bian seiche aig ainmhidh. Bian an tuirc – the hide of the wild boar. ’S e leasaiche duine a bhios a’ leasachadh rudeigin. Bidh bian-leasaiche a’ leasachadh, no a’ cartadh, nam bian. Ann am Beurla – a tanner, somebody who tans hides.

A-nise, facal a’ tòiseachadh le ‘c’ – cluas-chrochag. Cluas-chrochag. Bidh fios agaibh dè tha ann an cluas. Agus dè tha ann an crochag? Uill, rudeigin beag a bhios a’ crochadh. Cluas-chrochag – an ear-pendant.

Tha sinn aig ‘d’ a-nise agus tha fear annasach agam dhuibh – deud-cheartaiche. Nise, ’s e deud seann fhacal Gàidhlig airson fiacail. Tha e againn fhathast anns a’ Ghàidhlig airson toothache – an deudadh. Tha an deudadh orm – I have toothache. ’S e deud-cheartaiche neach a bhios a’ cur nan deudan agad ceart. A dentist! Bidh sinn ag ràdh ‘fiaclair’ an-diugh.

Nise, eug-lios – sin E-U-G, tàthan, L-I-O-S. Eug-lios. A bheil sibh eòlach air an fhacal eug? Tha e a’ ciallachadh ‘bàs’. Ann an cuid de dhualchainntean, bithear ag ràdh dh’eug e airson chaochail e no bhàsaich e. Mar sin, ’s e eug-lios àite – lios, leas, gàrradh – far am bi na mairbh air an cur às dèidh dhaibh bàs fhaighinn. A cemetery or graveyard. Chanainn gu bheil eug-lios a cheart cho tarraingeach ri cladh – ‘àite far am bi daoine a’ cladhach’, nach eil?

Nise, fiadh-ghleann. Fiadh-ghleann. Gleann far am bi fèidh a’ cruinneachadh ann an treudan. Ach tha e cuideachd a’ ciallachadh wild glen, gleann anns nach eil daoine a’ fuireach. Tha am facal fiadh gu mòr co-cheangailte ri rudan ‘wild’ mar a chanar ann am Beurla. Às a sin gheibh sinn am facal fiadhaich. Tha spòrs ann am faclan, nach eil? Bidh tuilleadh agam dhuibh an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 775

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile