FaclairDictionary EnglishGàidhlig

487: How the Fairies Came To Be 487: Mar a Thàinig na Sìthichean gu Bith

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Mar a Thàinig na Sìthichean gu Bith

Gaelic Gàidhlig

Bidh sibh eòlach air na sìthichean. Mura h-eil gu pearsanta, bidh sibh air stòiridhean a chluinntinn mun deidhinn. Ach a bheil fios agaibh mar a thàinig na sìthichean gu bith? Chan eil cunntas orra sa Bhìoball, fhad ’s as aithne dhomh. Cha chreid mi gun tug Teàrlach Darwin beachd orra nas motha. Ach bha beachd aig na seann Ghàidheil air a’ chuspair. Seo agaibh cunntas a thàinig à Eilean Mhiùghlaigh anns an naoidheamh linn deug.

Bha na daoine anns na h-eileanan sin eòlach air eun-mara air a bheil famhlag-mhara no amhlag-mhara. Tha an t-ainm a’ ciallachadh sea swallow. ’S e ainm an eòin ann am Beurla storm petrel. Bidh iad a’ neadachadh ann an tuill ann an creagan no anns an talamh. Bidh iad ag itealaich a-steach do na tuill gu luath.

Bha an t-Aingeal Pròiseil a’ fuireach ann an Nèamh. Thòisich e ar-a-mach am measg nan ainglean. Thuirt e gun robh e a’ dol a dh’fhalbh. Bha e a’ dol a chruthachadh rìoghachd dha fhèin. Lean mòran ainglean air.

Bha uiread a’ fàgail Nèamh ’s gun do dh’èigh am Mac, ‘Athair! Athair! Thathar a’ falmhachadh a’ bhaile!’ Aig a sin, dh’òrdaich an t-Athair gum biodh gèatachan Nèamh agus Ifrinn air an dùnadh. Bha Nèamh agus Ifrinn dùinte, glaiste.

An fheadhainn a bh’ air an taobh a-staigh, bha iad a-staigh. Ach an fheadhainn a bh’ air Nèamh fhàgail agus nach do ràinig Ifrinn, dh’itealaich iad a-steach gu tuill anns an talamh. Bha iad dìreach mar na famhlagan-mara.

Is iad sin na sìthichean. Bhon uair sin tha iad air a bhith a’ fuireach fon talamh. Chan fhaod iad falbh a-mach ach a-mhàin nuair a gheibh iad cead bhon Rìgh. Chan eil cead aca falbh a-mach air Diardaoin. ’S e sin Latha Chaluim Chille Chaoimh. Chan eil cead aca falbh a-mach air Dihaoine. ’S e sin Latha a’ Mhic. Chan eil cead falbh air Disathairne oir ’s e sin Latha Moire. No air Didòmhnaich oir ’s e sin Latha an Tighearna. Agus sin agaibh an stòiridh air mar a thàinig na sìthichean gu bith o chionn fhada.

How the Fairies Came To Be

English Beurla

You’ll be familiar with the fairies. If not personally, you’ll have heard stories about them. Do you know how the fairies came into being? There’s no account of them in the Bible, as far as I’m aware. I don’t think that Charles Darwin passed an opinion on them either. But the old Gaels had an opinion on the matter. Here’s an account from Mingulay in the nineteenth century.

The people on those islands were familiar with a seabird called the famhlag-mhara or amhlag-mhara. The name means ‘sea swallow’. The bird’s name in English is ‘storm petrel’. They nest in holes on crags or in the ground. They fly into the holes at speed.

The Proud Angel was living in Heaven. He started a rebellion amongst the angels. He said he was going to leave. He was going to create his own kingdom. Many angels followed him.

So many were leaving Heaven, that the Son shouted, ‘Father! Father! The city is being emptied!’ At that, the Father ordered the gates of Heaven and Hell to be closed. Heaven and Hell were locked shut.

The ones who were on the inside, they were inside. But the ones who had left Heaven and hadn’t reached Hell, they flew into holes in the ground. They were just like the storm petrels.

They are the fairies. Since then they have been living under the ground. They can only leave when they get permission from the King. They are not allowed to leave on Thursdays. That’s gentle Columba’s Day. They’re not allowed to leave on Fridays. That’s the Son’s Day. They’re not allowed to go on Saturdays as that’s Mary’s Day. Nor on Sundays as that’s the Lord’s Day. And that’s the story of how the fairies came into being a long time ago.

Mar a Thàinig na Sìthichean gu Bith

Gaelic Gàidhlig

Bidh sibh eòlach air na sìthichean. Mura h-eil gu pearsanta, bidh sibh air stòiridhean a chluinntinn mun deidhinn. Ach a bheil fios agaibh mar a thàinig na sìthichean gu bith? Chan eil cunntas orra sa Bhìoball, fhad ’s as aithne dhomh. Cha chreid mi gun tug Teàrlach Darwin beachd orra nas motha. Ach bha beachd aig na seann Ghàidheil air a’ chuspair. Seo agaibh cunntas a thàinig à Eilean Mhiùghlaigh anns an naoidheamh linn deug.

Bha na daoine anns na h-eileanan sin eòlach air eun-mara air a bheil famhlag-mhara no amhlag-mhara. Tha an t-ainm a’ ciallachadh sea swallow. ’S e ainm an eòin ann am Beurla storm petrel. Bidh iad a’ neadachadh ann an tuill ann an creagan no anns an talamh. Bidh iad ag itealaich a-steach do na tuill gu luath.

Bha an t-Aingeal Pròiseil a’ fuireach ann an Nèamh. Thòisich e ar-a-mach am measg nan ainglean. Thuirt e gun robh e a’ dol a dh’fhalbh. Bha e a’ dol a chruthachadh rìoghachd dha fhèin. Lean mòran ainglean air.

Bha uiread a’ fàgail Nèamh ’s gun do dh’èigh am Mac, ‘Athair! Athair! Thathar a’ falmhachadh a’ bhaile!’ Aig a sin, dh’òrdaich an t-Athair gum biodh gèatachan Nèamh agus Ifrinn air an dùnadh. Bha Nèamh agus Ifrinn dùinte, glaiste.

An fheadhainn a bh’ air an taobh a-staigh, bha iad a-staigh. Ach an fheadhainn a bh’ air Nèamh fhàgail agus nach do ràinig Ifrinn, dh’itealaich iad a-steach gu tuill anns an talamh. Bha iad dìreach mar na famhlagan-mara.

Is iad sin na sìthichean. Bhon uair sin tha iad air a bhith a’ fuireach fon talamh. Chan fhaod iad falbh a-mach ach a-mhàin nuair a gheibh iad cead bhon Rìgh. Chan eil cead aca falbh a-mach air Diardaoin. ’S e sin Latha Chaluim Chille Chaoimh. Chan eil cead aca falbh a-mach air Dihaoine. ’S e sin Latha a’ Mhic. Chan eil cead falbh air Disathairne oir ’s e sin Latha Moire. No air Didòmhnaich oir ’s e sin Latha an Tighearna. Agus sin agaibh an stòiridh air mar a thàinig na sìthichean gu bith o chionn fhada.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 791

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile