FaclairDictionary EnglishGàidhlig

543: Saint Comhghall & Saint Coinneach 543: Naomh Comhghall & Naomh Coinneach

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Naomh Comhghall & Naomh Coinneach

Gaelic Gàidhlig

O chionn mìle, ceithir cheud is caogad bliadhna, bha turas ainmeil tarsainn Alba bhon taobh an iar chun an taoibh an ear. Seo liosta de na daoine a bha an sàs ann: Baithene, Cobthach, Ernan, Diormit, Rus, Fechno, Scandal, Luguid, Echoid, Tochannu, Cairnan agus Grillan. A bharrachd orra sin, bha Calum Cille. Bha iad a’ dol bho Eilean Ì gu ruig’ Inbhir Nis. Bha Calum Cille a’ dol a thadhal air Rìgh Brùd nan Cruithneach. Tha an liosta de dhaoine aig Adamnan anns an leabhar aige Vita Columbae.

Ach an robh feadhainn eile anns a’ bhuidhinn nach eil air an liosta? Tha cunntas eile ag innse dhuinn gun robh dithis naomh eile ann. Tha Adamnan a’ cumail sàmhach mun deidhinn.

Bha Naomh Comhghall à Bangor ann an Èirinn. A rèir cunntas a bheatha, bha e fhèin agus caraid dha còmhla ri Calum Cille air an turas. B’ e a charaid Naomh Cainneach, no Coinneach, a bhuineadh do dh’Achadh Bhó ann an Contae Laoise.

A rèir a’ chunntais, chaidh iad ann oir bha Cruithnis aca. Bha iad comasach air còmhradh ri Cruithnich Albannach. Cha robh Cruithnis aig Calum Cille. Ann am Beatha Chomhghaill, rinn an triùir naomh mìorbhailean anns a’ Ghleann Mhòr. Anns a’ chunntas aig Adamnan, ge-tà, ’s e Calum Cille a-mhàin a rinn na mìorbhailean.

Ma bha Cruithnis aig Comhghall, ’s dòcha gun do dh’ionnsaich e i nuair a bha e a’ fuireach ann an Tiriodh. Thog e manachainn anns an eilean sin. Ach chaidh a’ mhanachainn a sgrios.

Bha Coinneach ceithir bliadhna na b’ òige na Calum Cille. Bha e air a bhith na phears-eaglais ann an grunn mhanachainnean, an dà chuid ann an Èirinn agus sa Chuimrigh. Bha e ag obair greis am measg nan Cruithneach ann am Muile.

’S dòcha gur e gun robh Cruithnis aig an dithis a bu choireach gun robh iad ann an cuideachd Chaluim Chille air a thuras mhòr. Air an làimh eile, bha an triùir naomh nan caraidean do chèile. ’S dòcha gun robh Calum Cille dìreach ag iarraidh a bhith air a chuairteachadh le caraidean Crìosdail nuair a rinn e a shlighe tro gharbh-chrìochan nam pàganach.

Saint Comhghall & Saint Coinneach

English Beurla

One thousand, four hundred and fifty years ago, there was a famous journey across Scotland from west to east. Here is a list of the people that were involved: Baithene, Cobthach, Ernan, Diormit, Rus, Fechno, Scandal, Luguid, Echoid, Tochannu, Cairnan and Grillan. In addition to those, there was Saint Columba. They were going from Iona to Inverness. Columba was going to visit King Brude of the Picts. The list of people is given by Adamnan in his book, The Life of Columba.

But were some others in the group who are not on the list? Another account tells us that there were two other saints there. Adamnan keeps quiet about them.

Saint Comhghall was from Bangor in Ireland. According to his biography, he and a friend of his were with Columba on the journey. His friend was Saint Cainneach, or Coinneach, who belonged to Aghaboe in County Laois.

According to the account, they went there because they spoke Pictish. They were able to converse with Scottish Picts. Columba did not speak Pictish. In The Life of Comhghall , the three saints performed miracles in the Great Glen. In Adamnan’s account, however, it was only Columba that performed the miracles.

If Comhghall spoke Pictish, it is possible that he learned it when he was living on Tiree. He built a monastery on that island. But the monastery was destroyed.

Coinneach was four years younger than Columba. He had been a cleric in several monasteries, both in Ireland and Wales. He was working for a while among the Picts on Mull.

Perhaps it is that the pair spoke Pictish that was responsible for them accompanying Columba on his great journey. On the other hand, the three saints were friends to each other. Perhaps Columba simply wanted to be surrounded by Christian friends when he made his way through the rugged country of the pagans.

Naomh Comhghall & Naomh Coinneach

Gaelic Gàidhlig

O chionn mìle, ceithir cheud is caogad bliadhna, bha turas ainmeil tarsainn Alba bhon taobh an iar chun an taoibh an ear. Seo liosta de na daoine a bha an sàs ann: Baithene, Cobthach, Ernan, Diormit, Rus, Fechno, Scandal, Luguid, Echoid, Tochannu, Cairnan agus Grillan. A bharrachd orra sin, bha Calum Cille. Bha iad a’ dol bho Eilean Ì gu ruig’ Inbhir Nis. Bha Calum Cille a’ dol a thadhal air Rìgh Brùd nan Cruithneach. Tha an liosta de dhaoine aig Adamnan anns an leabhar aige Vita Columbae.

Ach an robh feadhainn eile anns a’ bhuidhinn nach eil air an liosta? Tha cunntas eile ag innse dhuinn gun robh dithis naomh eile ann. Tha Adamnan a’ cumail sàmhach mun deidhinn.

Bha Naomh Comhghall à Bangor ann an Èirinn. A rèir cunntas a bheatha, bha e fhèin agus caraid dha còmhla ri Calum Cille air an turas. B’ e a charaid Naomh Cainneach, no Coinneach, a bhuineadh do dh’Achadh Bhó ann an Contae Laoise.

A rèir a’ chunntais, chaidh iad ann oir bha Cruithnis aca. Bha iad comasach air còmhradh ri Cruithnich Albannach. Cha robh Cruithnis aig Calum Cille. Ann am Beatha Chomhghaill, rinn an triùir naomh mìorbhailean anns a’ Ghleann Mhòr. Anns a’ chunntas aig Adamnan, ge-tà, ’s e Calum Cille a-mhàin a rinn na mìorbhailean.

Ma bha Cruithnis aig Comhghall, ’s dòcha gun do dh’ionnsaich e i nuair a bha e a’ fuireach ann an Tiriodh. Thog e manachainn anns an eilean sin. Ach chaidh a’ mhanachainn a sgrios.

Bha Coinneach ceithir bliadhna na b’ òige na Calum Cille. Bha e air a bhith na phears-eaglais ann an grunn mhanachainnean, an dà chuid ann an Èirinn agus sa Chuimrigh. Bha e ag obair greis am measg nan Cruithneach ann am Muile.

’S dòcha gur e gun robh Cruithnis aig an dithis a bu choireach gun robh iad ann an cuideachd Chaluim Chille air a thuras mhòr. Air an làimh eile, bha an triùir naomh nan caraidean do chèile. ’S dòcha gun robh Calum Cille dìreach ag iarraidh a bhith air a chuairteachadh le caraidean Crìosdail nuair a rinn e a shlighe tro gharbh-chrìochan nam pàganach.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 847

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile