FaclairDictionary EnglishGàidhlig

566: St Columba and the flounder 566: Calum Cille agus an Lèabag

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Calum Cille agus an Lèabag

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, bha mi a’ bruidhinn mun fhacal-fillte geal-chasachwhite-legged no white-footed. Geal-chasach. Ach dè a’ Ghàidhlig a tha air ‘black-legged’? Dubh-chasach. Tha sin furasta gu leòr, nach eil? Dubh-chasach. Tha fionn-chasach a’ ciallachadh an ìre mhath an aon rud ri geal-chasach.

Seo eisimpleirean eile de dh’fhaclan fillte le ‘casach’ annta. Aon-chasach ‘one-footed’, dà-chasach ‘bipedal’, ceithir-chasach ‘quadrupedal’. Tha am facal trì-chasach ann cuideachd. Tha stòl trì-chasach agam aig an taigh. Agus tha trì-chasach cuideachd na ainmear, a’ ciallachadh tripod.

Tha caol-chasach a’ ciallachadh ‘slender-legged’. Tha brat-chasach, cam-chasach agus croma-chasach uile a’ ciallachadh ‘bow-legged’.

Tha sin gam thoirt gu sgeulachd thraidiseanta a tha a’ toirt a-steach an fhacail croma-chasach. Bidh sibh eòlach air an iasg air a bheil lèabag no leòbag – the flounder. Canaidh sinn gu bheil an lèabag ceàrr-ghobach – wry-mouthed. Ceàrr-ghobach no cearra-ghobach. Ach ciamar a fhuair i beul – no gob – mar sin? Uill – ’s e Calum Cille a bu choireach. Nach robh fios agaibh air sin?! Seo an stòiridh, ma-thà – ‘Calum Cille agus an Lèabag’.

Latha a bha seo, bha Calum Cille san tràigh shìolag. ’S e sin a’ phàirt dhen tràigh fo ìre na h-ìsle-mhara aig an reothart. An tràigh-shìolag – far a bheil sìolagan ‘sandeels’ a’ fuireach. Co-dhiù, bha Calum Cille a’ grunnachadh anns an tràigh-shìolag. Shaltair e air earball aig lèabag bheag bhòidheach bhàn. Tha sin a’ ciallachadh gun do chuir e a chas air earball na lèabaig. Shaltair e air. Ghoirtich e an t-iasg. Dhochair e a h-earball. Agus dh’èigh an lèabag bheag bhrònach aig àird a cinn:

A Chaluim mhòir mhosaich,

Le do chasan croma crosgach,

’S mòr a rinn thu orm de dhosgadh

Dar [nuair] a shaltair thu air m’ earball.’

Bha Calum Cille feargach. Bha an lèabag ladarna. Bha i a’ tilgeil air an naomh gun robh e croma-chasach. Thuirt Calum Cille ris an leabaig, ‘Ma tha mise croma-chasach, biodh tusa cearra-ghobach.’ Agus dh’fhàg e mar sin i. Bho sin a-mach, tha an lèabag air a bhith cearra-ghobach. Agus an robh Calum Cille croma-chasach? Chan eil fhios a’m. Agus chan eil mi a’ dol a thoirt beachd air!

St Columba and the flounder

English Beurla

Last week, I was talking about the compound word geal-chasach – white-legged or white-footed. Geal-chasach. But what is the Gaelic for ‘black-legged’? Dubh-chasach . That’s easy enough, isn’t it? Dubh-chasach. Fionn-chasach means pretty much the same as geal-chasach.

Here are other examples of compound words containing ‘casach’. Aon-chasach ‘one-footed’, dà-chasach ‘bipedal’, ceithir-chasach ‘quadrupedal’. There is also the word trì-chasach [three-legged]. I have a three-legged stool at home. And trì-chasach is also a noun, meaning ‘tripod’.

Caol-chasach means ‘slender-legged’. Brat-chasach, cam-chasach and croma-chasach all mean ‘bow-legged’.

That brings me to a traditional story that includes the word croma-chasach. You’ll know the fish called lèabag or leòbag – the flounder. We say that the flounder is ceàrr-ghobach – wry-mouthed. Ceàrr-ghobach or cearra-ghobach . And how did it get a mouth like that? Well, St Columba was responsible. Didn’t you know that?! Here’s the story, then – ‘St Columba and the Flounder’.

One day, Columba was on the sandeel shore. That’s the part of the beach below the low-tide mark at a spring tide. The sublittoral zone – where sandeels live. Anyway, Columba was wading in the sandeel shore. He trampled on the tail of a beautiful white flounder. That [shaltair e] means that he put his foot on the flounder’s tail. He trod on it. He hurt the fish. He damaged its [her] tail. And the sad little flounder shouted at the top of its [her] voice:

‘Big miserable Columba,

With your crooked, crosswise feet,

You caused me great calamity,

When you trampled on my tail.’

Columba was angry. The flounder was cheeky. She was accusing the saint of having bandy legs. Columba said to the flounder, ‘If I am bandy-legged, let you be wry-mouthed.’ And he left her like that. From that time, the flounder has been wry-mouthed. And was Columba bandy-legged? I don’t know. And I’m not going to give an opinion!

Calum Cille agus an Lèabag

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, bha mi a’ bruidhinn mun fhacal-fillte geal-chasachwhite-legged no white-footed. Geal-chasach. Ach dè a’ Ghàidhlig a tha air ‘black-legged’? Dubh-chasach. Tha sin furasta gu leòr, nach eil? Dubh-chasach. Tha fionn-chasach a’ ciallachadh an ìre mhath an aon rud ri geal-chasach.

Seo eisimpleirean eile de dh’fhaclan fillte le ‘casach’ annta. Aon-chasach ‘one-footed’, dà-chasach ‘bipedal’, ceithir-chasach ‘quadrupedal’. Tha am facal trì-chasach ann cuideachd. Tha stòl trì-chasach agam aig an taigh. Agus tha trì-chasach cuideachd na ainmear, a’ ciallachadh tripod.

Tha caol-chasach a’ ciallachadh ‘slender-legged’. Tha brat-chasach, cam-chasach agus croma-chasach uile a’ ciallachadh ‘bow-legged’.

Tha sin gam thoirt gu sgeulachd thraidiseanta a tha a’ toirt a-steach an fhacail croma-chasach. Bidh sibh eòlach air an iasg air a bheil lèabag no leòbag – the flounder. Canaidh sinn gu bheil an lèabag ceàrr-ghobach – wry-mouthed. Ceàrr-ghobach no cearra-ghobach. Ach ciamar a fhuair i beul – no gob – mar sin? Uill – ’s e Calum Cille a bu choireach. Nach robh fios agaibh air sin?! Seo an stòiridh, ma-thà – ‘Calum Cille agus an Lèabag’.

Latha a bha seo, bha Calum Cille san tràigh shìolag. ’S e sin a’ phàirt dhen tràigh fo ìre na h-ìsle-mhara aig an reothart. An tràigh-shìolag – far a bheil sìolagan ‘sandeels’ a’ fuireach. Co-dhiù, bha Calum Cille a’ grunnachadh anns an tràigh-shìolag. Shaltair e air earball aig lèabag bheag bhòidheach bhàn. Tha sin a’ ciallachadh gun do chuir e a chas air earball na lèabaig. Shaltair e air. Ghoirtich e an t-iasg. Dhochair e a h-earball. Agus dh’èigh an lèabag bheag bhrònach aig àird a cinn:

A Chaluim mhòir mhosaich,

Le do chasan croma crosgach,

’S mòr a rinn thu orm de dhosgadh

Dar [nuair] a shaltair thu air m’ earball.’

Bha Calum Cille feargach. Bha an lèabag ladarna. Bha i a’ tilgeil air an naomh gun robh e croma-chasach. Thuirt Calum Cille ris an leabaig, ‘Ma tha mise croma-chasach, biodh tusa cearra-ghobach.’ Agus dh’fhàg e mar sin i. Bho sin a-mach, tha an lèabag air a bhith cearra-ghobach. Agus an robh Calum Cille croma-chasach? Chan eil fhios a’m. Agus chan eil mi a’ dol a thoirt beachd air!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 870

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile