FaclairDictionary EnglishGàidhlig

64: Ragged Robin 64: A’ Chaorag Lèana

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

A’ Chaorag Lèana

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann an Uibhist a Deas o chionn ghoirid. Chòrd e rium gu mòr. Bha a’ ghrian a’ deàrrsadh. Bha i blàth. Bha flùraichean a’ mhachaire àlainn. Agus bha an ceòl math.

Bha mi ann airson Ceòlas. ’S e sin fèis a th’ ann an Uibhist a h-uile bliadhna. Tha Ceòlas air a bhith ann airson deich bliadhna. Tha e a’ dol bho neart gu neart.

Tha an fhèis stèidhichte air ceithir rudan – ceòl, seinn, danns agus a’ Ghàidhlig. Bidh feadhainn ag ionnsachadh cluich na fìdhle, no seinn na pìoba. Bidh cuid ag ionnsachadh òrain. Bidh cuid ag ionnsachadh dannsa-ceum. Agus tha clasaichean Gàidhlig ann cuideachd.

Bha mi a’ moladh Ceòlas do charaid air tìr-mòr. Bha mi ag innse dha cho math ’s a bha muinntir Uibhist a Deas air danns. Bha iad fìor mhath air a bhith a’ dannsadh na quadrilles. “Tha fios a’m,” thuirt e. “Tha ceòl annta. Chunnaic mi sin aig na cèilidhean Gàidhealach ann an Glaschu. Bha na h-Uibhistich aotrom air an casan.”

’S e sluagh eile a tha math air danns muinntir Cheap Bhreatainn ann an Canada. Nuair a thòisich Ceòlas rinn iad ceangal eadar Uibhist a Deas agus Ceap Breatainn. Tha an ceangal sin ann fhathast. A h-uile bliadhna aig Ceòlas bidh feadhainn ann à Ceap Breatainn. Bidh iad a’ teagasg na fìdhle no dannsa-ceum.

Bha mi fhìn ann an clas seinn. Dh’ionnsaich sinn òran aotrom mu dheidhinn banais. Cha robh a’ bhanais uabhasach math. Tha an dà loidhne mu dheireadh a’ dol mar seo: “Dh’olc no èiginn fhuair mi [a] leagail, ’s bhuail mi breab san tòin air.”

Bha sinn a’ beachdachadh air cò às a bha an t-òran. ’S e an tiotal a th’ air “A’ Bhanais a bha ’n Ciostal Odhar.” Càite a bheil Ciostal, ge-tà? Cha robh fios aig duine.

Fhuair mi a-mach nuair a bha mi air an rathad dhachaigh. Bha mi a’ dràibheadh tron Eilean Sgitheanach. Eadar Ùige is Port Rìgh, chunnaic mi soidhne rathaid. Air an t-soidhne bha an t-ainm-àite “Ciostal”. Chan eil fhios a’m cuin a bha a’ bhanais mu dheireadh ann. Ach tha aon bhanais ann an Ciostal air a cuimhneachadh fhathast ann an òran.

Faclan is abairtean: bha mi ann an Uibhist a Deas o chionn ghoirid: I was in South Uist recently; chòrd e rium gu mòr: I enjoyed it immensely; bha flùraichean a’ mhachaire àlainn: the machair flowers were beautiful; tha Ceòlas air a bhith ann airson deich bliadhna: Ceòlas has been in existence for ten years; bho neart gu neart: from strength to strength; cluich na fìdhle, no seinn na pìoba:playing the fiddle or playing the bagpipes; dannsa-ceum: stepdancing; bha mi a’ moladh X do charaid air tìr-mòr:I was recommending X to a relation on the mainland; bha iad fìor mhath: they were excellent; tha ceòl annta: they are musical (music is in them); bha na h-Uibhistich aotrom air an casan: the Uist folk were light on their feet; ’s e sluagh eile a tha math air danns: another people who are good at dance; muinntir Cheap Bhreatainn: the people of Cape Breton Island; a h-uile bliadhna bidh feadhainn ann à X: every year there are some people from X; Dh’ionnsaich sinn òran aotrom mu dheidhinn banais: we learned a light[-hearted] song about a wedding; an dà loidhne mu dheireadh: the last two lines; dh’olc no èiginn: by hook or by crook; fhuair mi [a] leagail: I managed to fell him; bhuail mi breab san tòin air: I kicked him in the backside; bha sinn a’ beachdachadh air cò às a bha an t-òran: we were discussing where the song came from; A’ Bhanais a bha ’n Ciostal Odhar: The Wedding that was in Drab Ciostal; fhuair mi a-mach nuair a bha mi air an rathad dhachaigh: I found out when I was on the way home; a’ dràibheadh tron Eilean Sgitheanach: driving through Skye; air an t-soidhne bha an t-ainm-àite: on the sign was the place name; chan eil fhios a’m cuin a bha a’ bhanais mu dheireadh ann: I don’t know when the last wedding was [held] there; tha aon bhanais air a cuimhneachadh fhathast ann an òran: one wedding is still remembered in a song.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 368

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile