ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

839: ‘Cheerio’ 839: ‘Cheerio’

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

‘Cheerio’

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mar a bhios tu a’ faighneachd de chuideigin mar a tha iad, an àite a bhith ag ràdh, ‘Ciamar a tha thu?’ Anns an Litir seo, bheir mi sùil air diofar dhòighean airson cheerio a ràdh.

Bidh sibh eòlach gu leòr air ‘Tìoraidh’. Tha sin cumanta anns an latha an-diugh. Bidh daoine ag ràdh, ‘Tìoraidh an-dràsta.’ Cheerio just now. Tìoraidh an-dràsta. Nam biodh tu ag iarraidh air pàiste ‘cheerio’ a ràdh, can, ri a sheanmhair, dh’fhaodadh tu seo a ràdh ris: ‘Can tìoraidh ri do sheanmhair’. Can tìoraidh ri do sheanmhair.

‘Mar sin leat’. Tha sin a’ ciallachadh ‘cheerio’. Mar sin leat an-dràsta. Cheerio just now.

‘Slàn leat’. Ma bhios tu a’ fàgail slàn aig cuideigin, tha thu a’ cantainn ‘cheerio’ riutha. Slàn leat. Nam biodh tu ag iarraidh air pàiste ‘cheerio’ a ràdh ri a sheanair dh’fhaodadh tu seo a ràdh ris: ‘Fàg slàn aig do sheanair’.

Tha soraidh cuideachd a’ ciallachadh cheerio no farewell. ‘Soraidh leat’ farewell to you. Soraidh leat. ‘Fàg soraidh aig do sheanmhair’ say farewell to your grandmother.

Nam biodh cuideigin gu bhith air falbh airson greis mhòr, ’s dòcha gun canadh tu riutha, ‘Soraidh slàn leat’. Agus ri cuideigin air an robh gràdh agad, ’s dòcha gun canadh tu, ‘Soraidh slàn leat, a ghràidh’ farewell, my beloved one. Soraidh slàn leat, a ghràidh. Tha òran ainmeil às a’ Mhorbhairne air a bheil ‘Soraidh Slàn le Fionnairigh’ Farewell to Fiunary.

Bu mhath leam crìochnachadh le rudan a chanadh tu ri caraid no co-obraiche a bhios tu a’ faicinn gu tric. Mar eisimpleir – ‘Chì mi a-rithist thu’ I’ll see you again. Chì mi a-rithist thu.

‘Chì mi a-màireach thu’ I’ll see you tomorrow. Chì mi a-màireach thu. Dh’fhaodadh tu sin a fhreagairt le bhith ag ràdh, ‘Chì’ no ‘Chì, gu dearbh’.

Agus mas ann air an oidhche a tha e, bhiodh tu ag ràdh, ‘Oidhche Mhath’. Bidh sibh eòlach air sin, tha mi cinnteach.

Seo, ma-thà, còmhradh eadar dithis luchd-obrach aig deireadh an latha:

’S fheàrr dhomh falbh. Chì mi a-màireach thu.

Chì, gu dearbh. Oidhche mhath leat.

Oidhche mhath.

‘Cheerio’

English Beurla

Last week, I was telling you how to ask somebody how they are, other than saying ‘Ciamar a tha thu?’ In this Litir, I’ll look at different ways of saying ‘cheerio’.

You’ll know ‘Tìoraidh’ well enough. That is common today. People say, ‘Tìoraidh an-dràsta.’ Cheerio just now. Tìoraidh an-dràsta. If you wanted a child to say ‘cheerio’to their grandmother, say, you could say this to them: ‘Can tìoraidh ri do sheanmhair’. Can tìoraidh ri do sheanmhair.

‘Mar sin leat’. ‘That means ‘cheerio’. Mar sin leat an-dràsta. Cheerio just now.

‘Slàn leat’. If you are a’ fàgail slàn aig cuideigin, you are saying ‘cheerio’ to them. Slàn leat. If you wanted a child to say ‘cheerio’ to their grandfather, you could say this to them: ‘Fàg slàn aig do sheanair’.

Soraidh also means cheerio or farewell. ‘Soraidh leat’ farewell to you. Soraidh leat. ‘Fàg soraidh aig do sheanmhair’ say farewell to your grandmother.

If somebody were to be away for a long time, perhaps you would say to them, ‘Soraidh slàn leat’. And to somebody you loved, ‘Soraidh slàn leat, a ghràidh’ farewell, my beloved one. Soraidh slàn leat, a ghràidh. There is a famous song from Morvern called ‘Soraidh Slàn le Fionnairigh’ Farewell to Fiunary.

I’d like to finish with things you would say to a friend or colleague that you see often – ‘Chì mi a-rithist thu’ I’ll see you again. Chì mi a-rithist thu.

‘Chì mi a-màireach thu’ I’ll see you tomorrow. Chì mi a-màireach thu. You could reply to that by saying, ‘Chì’ or ‘Chì, gu dearbh’.

And if it’s at night, you would say, ‘Oidhche Mhath’. You’ll know that, I’m sure.

Here, then, is a conversation between two work colleagues at the end of the day:

I’d better be going [leaving]. I’ll see you tomorrow.

Indeed. Goodnight to you.

Goodnight.

‘Cheerio’

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mar a bhios tu a’ faighneachd de chuideigin mar a tha iad, an àite a bhith ag ràdh, ‘Ciamar a tha thu?’ Anns an Litir seo, bheir mi sùil air diofar dhòighean airson cheerio a ràdh.

Bidh sibh eòlach gu leòr air ‘Tìoraidh’. Tha sin cumanta anns an latha an-diugh. Bidh daoine ag ràdh, ‘Tìoraidh an-dràsta.’ Cheerio just now. Tìoraidh an-dràsta. Nam biodh tu ag iarraidh air pàiste ‘cheerio’ a ràdh, can, ri a sheanmhair, dh’fhaodadh tu seo a ràdh ris: ‘Can tìoraidh ri do sheanmhair’. Can tìoraidh ri do sheanmhair.

‘Mar sin leat’. Tha sin a’ ciallachadh ‘cheerio’. Mar sin leat an-dràsta. Cheerio just now.

‘Slàn leat’. Ma bhios tu a’ fàgail slàn aig cuideigin, tha thu a’ cantainn ‘cheerio’ riutha. Slàn leat. Nam biodh tu ag iarraidh air pàiste ‘cheerio’ a ràdh ri a sheanair dh’fhaodadh tu seo a ràdh ris: ‘Fàg slàn aig do sheanair’.

Tha soraidh cuideachd a’ ciallachadh cheerio no farewell. ‘Soraidh leat’ farewell to you. Soraidh leat. ‘Fàg soraidh aig do sheanmhair’ say farewell to your grandmother.

Nam biodh cuideigin gu bhith air falbh airson greis mhòr, ’s dòcha gun canadh tu riutha, ‘Soraidh slàn leat’. Agus ri cuideigin air an robh gràdh agad, ’s dòcha gun canadh tu, ‘Soraidh slàn leat, a ghràidh’ farewell, my beloved one. Soraidh slàn leat, a ghràidh. Tha òran ainmeil às a’ Mhorbhairne air a bheil ‘Soraidh Slàn le Fionnairigh’ Farewell to Fiunary.

Bu mhath leam crìochnachadh le rudan a chanadh tu ri caraid no co-obraiche a bhios tu a’ faicinn gu tric. Mar eisimpleir – ‘Chì mi a-rithist thu’ I’ll see you again. Chì mi a-rithist thu.

‘Chì mi a-màireach thu’ I’ll see you tomorrow. Chì mi a-màireach thu. Dh’fhaodadh tu sin a fhreagairt le bhith ag ràdh, ‘Chì’ no ‘Chì, gu dearbh’.

Agus mas ann air an oidhche a tha e, bhiodh tu ag ràdh, ‘Oidhche Mhath’. Bidh sibh eòlach air sin, tha mi cinnteach.

Seo, ma-thà, còmhradh eadar dithis luchd-obrach aig deireadh an latha:

’S fheàrr dhomh falbh. Chì mi a-màireach thu.

Chì, gu dearbh. Oidhche mhath leat.

Oidhche mhath.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1143

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile