FaclairDictionary EnglishGàidhlig

896: Gaelic in your Gob 896: Gaelic in your Gob

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic in your Gob

Gaelic Gàidhlig

Bidh sibh eòlach air an fhacal boogie airson ‘danns’. Tha e car cumanta ann am Beurla nan Stàitean Aonaichte. Tha cuid dhen bheachd gun tàinig e bho chànan Afraganach. Ach a bheil ceangal ann ris an fhacal Ghàidhlig bogadh?

Tha an sgoilear Gàidhlig Mìcheal Newton a’ cur sin air adhart anns an leabhar aige Gaelic in Your Gob. Nochd an leabhar an-uiridh. Tha Mìcheal air tòrr a dhèanamh airson na Gàidhlig agus seo leabhar beag tarraingeach a tha làn neamhnaidean. Math dh’fhaodte gur e an gnothach aig bunait a’ chàirdeis eadar boogie agus bogadh – feise.

Tha faclair Dwelly ag ràdh seo. Bogadh: ‘softening, mollifying, steeping, dipping, moistening ... wagging, bobbing, softness, tenderness ...’ Airson ‘the dog is wagging its tail’ canaidh sinn ‘tha an cù a’ bogadh earbaill’.

Nise, ʼs dòcha gun robh Eideard Dwelly ro ‘mhodhail’ airson ciall eile dhen fhacal a chur ann. Ach tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gun robh bàird anns an t-seachdamh is ochdamh linn deug a’ cleachdadh ‘bogadh’ mar thruaill-chainnt airson feise. Tha e a’ toirt eisimpleirean anns an leabhar aige. Tha e dhen bheachd gur dòcha gu bheil am facal Gàidhlig bogadh am measg na chuir ri boogie anns na Stàitean Aonaichte.

Tha cha mhòr leth-cheud facal anns an leabhar. Bheir sinn sùil air eisimpleir no dhà eile. Bidh sibh eòlach air an fhacal bean-sìthe no bean-shìthe ann an Gàidhlig. Fairy woman. Leis gur e ‘banshee’ a chanas daoine ann am Beurla, tha beachd ann gun tàinig e bho Ghàidhlig na h-Èireann.

Ge-tà, tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gun tàinig e an toiseach bho Ghàidhlig na h-Alba. Nochd e ann an clò ann an seachd ceud deug, seachad ʼs a h-aon (1771) mar ‘Benshi or the Fairies wife’ ann an Alba.

ʼS dòcha gun tàinig am facal Beurla blackmail bhon Ghàidhlig. B’ e màl dubh sùim airgid a bhiodh tuathanach a’ pàigheadh do uachdaran mu choinneamh gach mart aige. Bha sin mar àrachas an aghaidh goid na sprèidhe. Bhiodh an t-uachdaran a’ faighinn nam beathaichean air ais no a’ lorg feadhainn eile nan àite. Am màl dubh.

Gaelic in your Gob

English Beurla

You’ll know the word boogie for ‘dance’. It’s relatively common in US English. Some reckon that it came from an African language. But is there a connection to the Gaelic word bogadh?

The Gaelic scholar Michael Newton proposes that in his book Gaelic in Your Gob. The book appeared last year. Michael has done a lot for Gaelic and here is a small attractive book that is full of gems [pearls]. Perhaps the matter at the base of the relationship between boogie and bogadh is sexual intercourse.

Dwelly’s dictionary says this. Bogadh: ‘softening, mollifying, steeping, dipping, moistening ... wagging, bobbing, softness, tenderness ...’ For ‘the dog is wagging its tail’ we say ‘tha an cù a’ bogadh earbaill’.

Now, perhaps Edward Dwelly was too ‘polite’ to include another meaning of the word. But Michael Newton tells us that poets in seventeenth and eighteenth centuries were using bogadh as slang for sexual intercourse. He gives examples in his book. He reckons that the Gaelic word bogadh is among [the words] that contributed to boogie in the United States.

There are almost fifty words in the book. We shall look at another example or two. You’ll know the word bean-sìthe or bean-shìthe in Gaelic. Fairy woman. Since it is ‘banshee’ that people say in English, there is an opinion that it came from Irish Gaelic.

However, Michael Newton tells us that it came originally from Scottish Gaelic. It appeared in 1771 as ‘Benshi or the Fairies wife’ in Scotland.

Perhaps the English word blackmail came from Gaelic. Màl dubh was a sum of money that a farmer would pay to a landlord corresponding to each of his cattle. That was like insurance against the theft of the livestock. The landlord would retrieve the animals or find others to replace them. Blackmail.

Gaelic in your Gob

Gaelic Gàidhlig

Bidh sibh eòlach air an fhacal boogie airson ‘danns’. Tha e car cumanta ann am Beurla nan Stàitean Aonaichte. Tha cuid dhen bheachd gun tàinig e bho chànan Afraganach. Ach a bheil ceangal ann ris an fhacal Ghàidhlig bogadh?

Tha an sgoilear Gàidhlig Mìcheal Newton a’ cur sin air adhart anns an leabhar aige Gaelic in Your Gob. Nochd an leabhar an-uiridh. Tha Mìcheal air tòrr a dhèanamh airson na Gàidhlig agus seo leabhar beag tarraingeach a tha làn neamhnaidean. Math dh’fhaodte gur e an gnothach aig bunait a’ chàirdeis eadar boogie agus bogadh – feise.

Tha faclair Dwelly ag ràdh seo. Bogadh: ‘softening, mollifying, steeping, dipping, moistening ... wagging, bobbing, softness, tenderness ...’ Airson ‘the dog is wagging its tail’ canaidh sinn ‘tha an cù a’ bogadh earbaill’.

Nise, ʼs dòcha gun robh Eideard Dwelly ro ‘mhodhail’ airson ciall eile dhen fhacal a chur ann. Ach tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gun robh bàird anns an t-seachdamh is ochdamh linn deug a’ cleachdadh ‘bogadh’ mar thruaill-chainnt airson feise. Tha e a’ toirt eisimpleirean anns an leabhar aige. Tha e dhen bheachd gur dòcha gu bheil am facal Gàidhlig bogadh am measg na chuir ri boogie anns na Stàitean Aonaichte.

Tha cha mhòr leth-cheud facal anns an leabhar. Bheir sinn sùil air eisimpleir no dhà eile. Bidh sibh eòlach air an fhacal bean-sìthe no bean-shìthe ann an Gàidhlig. Fairy woman. Leis gur e ‘banshee’ a chanas daoine ann am Beurla, tha beachd ann gun tàinig e bho Ghàidhlig na h-Èireann.

Ge-tà, tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gun tàinig e an toiseach bho Ghàidhlig na h-Alba. Nochd e ann an clò ann an seachd ceud deug, seachad ʼs a h-aon (1771) mar ‘Benshi or the Fairies wife’ ann an Alba.

ʼS dòcha gun tàinig am facal Beurla blackmail bhon Ghàidhlig. B’ e màl dubh sùim airgid a bhiodh tuathanach a’ pàigheadh do uachdaran mu choinneamh gach mart aige. Bha sin mar àrachas an aghaidh goid na sprèidhe. Bhiodh an t-uachdaran a’ faighinn nam beathaichean air ais no a’ lorg feadhainn eile nan àite. Am màl dubh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1200

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile