FaclairDictionary EnglishGàidhlig

927: Rev. James Robertson (1) 927: An t-Urr. Seumas MacDhonnchaidh (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An t-Urr. Seumas MacDhonnchaidh (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi airson innse dhuibh mun Urramach Seumas MacDhonnchaidh – James Robertson. Bha e na mhinistear ann an Calasraid, anns na Tròisichean. Rugadh e ann an Calasraid ann an seachd ceud deug, trithead ʼs a naoi (1739). Sgrìobh e an earrann mu Chalasraid anns an t-Seann Chunntas Staitistigeach. Bha sin ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a ceithir (1794).

Tha mi airson rud no dhà innse dhuibh a sgrìobh Mgr MacDhonnchaidh mun Ghàidhlig. Tha mi an dùil gun robh Gàidhlig aige bho dhùthchas. ʼS e sgìre Ghàidhealach a bha anns na Tròisichean an uair sin. Eadhon aig deireadh an naoidheamh linn deug, bha Gàidhlig fhathast aig ceathrar às gach deichnear anns an dùthaich timcheall Chalasraid.

Bha Seumas MacDhonnchaidh eòlach air Laidinn agus air an t-Seann Ghreugais. Tha e ag innse don leughadair gu bheil an aon fhacal ann airson ‘an Tì as àirde’ ann an Gàidhlig agus Greugais – Dia. Tha e cuideachd ag ràdh gu bheil an aon fhacal ann an Gàidhlig agus Laidinn airson ‘land’, ‘castle’ agus ‘harbour’. Feumaidh gun robh e a’ beachdachadh air tìr, caisteal agus port.

Bha ùidh aige ann an creideamh nan draoidhean. Tha e ag innse dhuinn gun robh na clachan seasaimh aig na draoidhean fìor chudromach dhaibh – agus do na daoine a bha beò ri an linn. Tha e a’ sgrìobhadh seo ann am Beurla: ‘... the same expression, which the people then used for their place of worship, is still used to this day; as the Highlanders more frequently say, ‘Will you go to the stones’ or ‘Have you been at the stones?’ than ‘Will you go to, or have you been, at church?’

Bha e a’ ciallachadh le sin, gum bi sinn a’ cleachdadh an fhacail clachan airson eaglais no baile ri taobh eaglais. An robh thu aig a’ chlachan? Were you at church? Anns an latha an-diugh, chan eil sin cho cumanta ʼs a bha e ri linn Sheumais MhicDhonnchaidh. Ach, gu traidiseanta, chan e ‘Ministear na Comraich’ a chanadh mo shinnsirean fhèin ach ‘Ministear a’ Chlachain’ airson ‘the Minister of Applecross’. Tuilleadh bhon Urr. Seumas MacDhonnchaidh an-ath-sheachdain.

Rev. James Robertson (1)

English Beurla

I want to tell you about the Rev. James Robertson – James Robertson. He was a minister in Callander, in the Trossachs. He was born in Callander in 1739. He wrote the section about Callander in the Old Statistical Account. That was in 1794.

I want to tell you one or two things that Mr Robertson wrote about Gaelic. I imagine he spoke Gaelic as a native. The Trossachs were at that time a Gaelic area. Even at the end of the nineteenth century, four out of every ten people in country areas around Callander still spoke Gaelic.

James Robertson was familiar with Latin and Ancient Greek. He tells the reader that there is the same word for ‘the Supreme Being’ in Gaelic and Greek – Dia. He also says that there is the same word in Gaelic and Latin for ‘land’, ‘castle’ and ‘harbour’. He must have been thinking of tìr, caisteal and port.

He was interested in the religion of the druids. He tells us that the druids’ standing stones were very important to them – and to the people who were living in their era. He writes this in English: ‘... the same expression, which the people then used for their place of worship, is still used to this day; as the Highlanders more frequently say, ‘Will you go to the stones’ or ‘Have you been at the stones?’ than ‘Will you go to, or have you been, at church?’

He was meaning by that, that we use the word clachan for a church or a settlement beside a church. An robh thu aig a’ chlachan? Were you at church? Today, that is not as common as it was in James Robertson’s day. But, traditionally, it’s not Ministear na Comraich that my own ancestors would say but Ministear a’ Chlachain for ‘the Minister of Applecross. More from the Rev. James Robertson next week.

An t-Urr. Seumas MacDhonnchaidh (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi airson innse dhuibh mun Urramach Seumas MacDhonnchaidh – James Robertson. Bha e na mhinistear ann an Calasraid, anns na Tròisichean. Rugadh e ann an Calasraid ann an seachd ceud deug, trithead ʼs a naoi (1739). Sgrìobh e an earrann mu Chalasraid anns an t-Seann Chunntas Staitistigeach. Bha sin ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a ceithir (1794).

Tha mi airson rud no dhà innse dhuibh a sgrìobh Mgr MacDhonnchaidh mun Ghàidhlig. Tha mi an dùil gun robh Gàidhlig aige bho dhùthchas. ʼS e sgìre Ghàidhealach a bha anns na Tròisichean an uair sin. Eadhon aig deireadh an naoidheamh linn deug, bha Gàidhlig fhathast aig ceathrar às gach deichnear anns an dùthaich timcheall Chalasraid.

Bha Seumas MacDhonnchaidh eòlach air Laidinn agus air an t-Seann Ghreugais. Tha e ag innse don leughadair gu bheil an aon fhacal ann airson ‘an Tì as àirde’ ann an Gàidhlig agus Greugais – Dia. Tha e cuideachd ag ràdh gu bheil an aon fhacal ann an Gàidhlig agus Laidinn airson ‘land’, ‘castle’ agus ‘harbour’. Feumaidh gun robh e a’ beachdachadh air tìr, caisteal agus port.

Bha ùidh aige ann an creideamh nan draoidhean. Tha e ag innse dhuinn gun robh na clachan seasaimh aig na draoidhean fìor chudromach dhaibh – agus do na daoine a bha beò ri an linn. Tha e a’ sgrìobhadh seo ann am Beurla: ‘... the same expression, which the people then used for their place of worship, is still used to this day; as the Highlanders more frequently say, ‘Will you go to the stones’ or ‘Have you been at the stones?’ than ‘Will you go to, or have you been, at church?’

Bha e a’ ciallachadh le sin, gum bi sinn a’ cleachdadh an fhacail clachan airson eaglais no baile ri taobh eaglais. An robh thu aig a’ chlachan? Were you at church? Anns an latha an-diugh, chan eil sin cho cumanta ʼs a bha e ri linn Sheumais MhicDhonnchaidh. Ach, gu traidiseanta, chan e ‘Ministear na Comraich’ a chanadh mo shinnsirean fhèin ach ‘Ministear a’ Chlachain’ airson ‘the Minister of Applecross’. Tuilleadh bhon Urr. Seumas MacDhonnchaidh an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1231

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile