FaclairDictionary EnglishGàidhlig

928: Rev. James Robertson (2) 928: An t-Urr. Seumas MacDhonnchaidh (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An t-Urr. Seumas MacDhonnchaidh (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun Urramach Seumas MacDhonnchaidh. Sgrìobh e an earrann mu Chalasraid anns an t-Seann Chunntas Staitistigeach. Bha gràdh aige air a’ Ghàidhlig. Sgrìobh e seo mu dheidhinn luchd-labhairt na Gàidhlig: They know its energy and power; the ease with which it is compounded; its majesty in addressing the Deity; and its tenderness in expressing the finest feelings of the human heart.

Ach tha e cuideachd ag ràdh nach robh daoine anns an fharsaingeachd a’ cur cus sùim anns a’ chànan. An uair sin, tha e fhèin a’ feuchainn ri sin a chur ceart. Tha e a’ sgrìobhadh leasan gràmair mun chànan!

Bha Mgr MacDhonnchaidh dhen bheachd gun robh e duilich gun robh daoine a’ trèigsinn an fhearainn agus gun robh iad a’ dol a dh’fhuireach ann am bailtean. Tha e a’ gabhail ‘villages’ air na bailtean sin. B’ fheàrr leis gun robh iad air fuireach a-muigh air an dùthaich mar a bha an sinnsearan a bha a’ frithealadh a’ chruidh anns a’ mhonadh agus a’ cruthachadh bàrdachd!

Tha e ag ràdh gun robh comas aig fear àbhaisteach – saothraiche – le taic on bhean aige còignear no sianar de chloinn a thogail le glè bheag de thaic bhon sporan phoblach. Bha sin stèidhichte air tuarastal suas ri tastan agus trì sgillinn san latha.

Bha am beatha-san eadar-dhealaichte bhon dòigh-beatha againn, ge-tà. Nuair a ràinig a’ chlann ochd no deich bliadhna a dh’aois, bha iad a’ falbh a-mach airson sùil a thoirt air a’ chrodh. Bha sin, co-dhiù, as t-samhradh. Anns a’ gheamhradh bha iad a’ dol don sgoil.

Bha an teaghlach a’ ceannach mine agus a’ fàs buntàta air an lot aca fhèin. Bha bò aca airson bainne, agus mar sin bha iad cofhurtail gu leòr. Agus bha ùine aca airson bàrdachd a chruthachadh!

Bha Mgr MacDhonnchaidh trom air rudan nach do chòrd ris. Bhiodh biadh gu leòr ann do na daoine bochda mura b’ e an uiread de choin timcheall nam bailtean, tha e a’ sgrìobhadh. Agus bha fada cus thaighean-seinnse ann airson maith an t-sluaigh. An-ath-sheachdain bheir sinn sùil air beachdan a’ mhinisteir air ainmean-àite timcheall Chalasraid.

Rev. James Robertson (2)

English Beurla

I was telling you about the Rev. James Robertson. He wrote the section about Callander in the Old Statistical Account. He loved the Gaelic language. He wrote this about Gaelic-speakers: They know its energy and power; the ease with which it is compounded; its majesty in addressing the Deity; and its tenderness in expressing the finest feelings of the human heart.

But he also says that people in general didn’t pay too much attention to the language. Then he tries to rectify this. He writes a grammar lesson about the language!

Mrs Robertson was of the opinion that it was sad that people were abandoning the land and that they were going to live in settlements. He calls these settlements ‘villages’. He would have preferred them to remain out in the country like their ancestors who were looking after the cattle on the hill and creating poetry!

He says that a normal man – a labourer – with help from his wife could raise five or six children with very little assistance from the public purse. That was based on wages of up to a shilling and three pence per day.

Their life was different from our way of life, however. When the children reached eight or ten years of age, they were going out to look after the cattle. That was, at least, in summer. In winter they were going to school.

The family was buying meal and growing potatoes on their own plot of land. They had a cow for milk and thus they were fairly comfortable. And they had time to create poetry!

Mr Robertson was condemnatory of things he didn’t like. There would be enough food for poor people if it weren’t for all the dogs around the villages, he writes. And there were too many inns for the good of the people. Next week, we’ll look at the minister’s opinions on place-names around Callander.

An t-Urr. Seumas MacDhonnchaidh (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun Urramach Seumas MacDhonnchaidh. Sgrìobh e an earrann mu Chalasraid anns an t-Seann Chunntas Staitistigeach. Bha gràdh aige air a’ Ghàidhlig. Sgrìobh e seo mu dheidhinn luchd-labhairt na Gàidhlig: They know its energy and power; the ease with which it is compounded; its majesty in addressing the Deity; and its tenderness in expressing the finest feelings of the human heart.

Ach tha e cuideachd ag ràdh nach robh daoine anns an fharsaingeachd a’ cur cus sùim anns a’ chànan. An uair sin, tha e fhèin a’ feuchainn ri sin a chur ceart. Tha e a’ sgrìobhadh leasan gràmair mun chànan!

Bha Mgr MacDhonnchaidh dhen bheachd gun robh e duilich gun robh daoine a’ trèigsinn an fhearainn agus gun robh iad a’ dol a dh’fhuireach ann am bailtean. Tha e a’ gabhail ‘villages’ air na bailtean sin. B’ fheàrr leis gun robh iad air fuireach a-muigh air an dùthaich mar a bha an sinnsearan a bha a’ frithealadh a’ chruidh anns a’ mhonadh agus a’ cruthachadh bàrdachd!

Tha e ag ràdh gun robh comas aig fear àbhaisteach – saothraiche – le taic on bhean aige còignear no sianar de chloinn a thogail le glè bheag de thaic bhon sporan phoblach. Bha sin stèidhichte air tuarastal suas ri tastan agus trì sgillinn san latha.

Bha am beatha-san eadar-dhealaichte bhon dòigh-beatha againn, ge-tà. Nuair a ràinig a’ chlann ochd no deich bliadhna a dh’aois, bha iad a’ falbh a-mach airson sùil a thoirt air a’ chrodh. Bha sin, co-dhiù, as t-samhradh. Anns a’ gheamhradh bha iad a’ dol don sgoil.

Bha an teaghlach a’ ceannach mine agus a’ fàs buntàta air an lot aca fhèin. Bha bò aca airson bainne, agus mar sin bha iad cofhurtail gu leòr. Agus bha ùine aca airson bàrdachd a chruthachadh!

Bha Mgr MacDhonnchaidh trom air rudan nach do chòrd ris. Bhiodh biadh gu leòr ann do na daoine bochda mura b’ e an uiread de choin timcheall nam bailtean, tha e a’ sgrìobhadh. Agus bha fada cus thaighean-seinnse ann airson maith an t-sluaigh. An-ath-sheachdain bheir sinn sùil air beachdan a’ mhinisteir air ainmean-àite timcheall Chalasraid.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1232

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile