FaclairDictionary EnglishGàidhlig

97: Fair Farquhar's dog (1) 97: Cù Fhearchair Bhàin (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Cù Fhearchair Bhàin (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha Fionn agus a laoich ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. Cha robh comas aca èirigh. Airson a bhith saor, bha iad feumach air fuil mic Rìgh Innis Tìle. Bha Oscar is Laoghaire a’ feitheamh ris na mic. Bha iad a’ feitheamh aig beul na h-abhainn aig dol fodha na grèine.

Thàinig sluagh mòr. Thug Oscar is Laoghaire ionnsaigh orra. Cha do dh’fhàg iad aon duine beò. Ach chan fhaca iad clann an Rìgh. Dh’iarr Fionn orra dhol air ais gu beul na h-abhainn air an oidhche sin. Ach roimhe sin, bha an t-acras air Fionn is a chompanaich. “Faigh biadh dhuinn an-dràsta,” arsa Fionn.

Chaidh Oscar is Laoghaire don Taigh Mhòr. Chunnaic Oscar duine fuathasach mòr, agus ceithir làmhan air. Bha e a’ togail feòil às a’ choire. Rinn an iolaire air Oscar. Thog Oscar an coire. Thaom e air an eun e. Thug an iolaire sgreuch aiste. Chaidh i tron bhalla. Chan fhacas a-rithist i. Dh’fhalbh Oscar is Laoghaire le biadh airson Fionn is a chompanaich.

Aig dol fodha na grèine bha Oscar is Laoghaire aig beul na h-abhainn. Chunnaic iad sluagh mòr a’ tighinn. Thug Oscar is Laoghaire ionnsaigh orra. Cha do dh’fhàg iad aon duine beò. Thill iad gu Fionn. Dh’innis iad do Fhionn nach tàinig clann an Rìgh. Dh’iarr Fionn orra tilleadh gu beul na h-abhainn an ath oidhche. Ach roimhe sin, bha an t-acras air Fionn is a chompanaich. “Faigh biadh dhuinn,” arsa Fionn.

Chaidh Oscar is Laoghaire don Taigh Mhòr. Chunnaic iad duine air an robh dà cheann agus ceithir làmhan. Bha e a’ togail feòil às a’ choire. Ach nuair a chaidh Oscar a-staigh, cha robh duine ann. Na àite bha Beithir Mhòr Sgiathach.

Tharraing Oscar sleagh. Chuir e an t-sleagh tron Bheithir. Nuair a tharraing e an t-sleagh a-mach, chaidh a’ Bheithir à sealladh.

Chaidh Oscar is Laoghaire air ais gu Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. Bha biadh aca do Fhionn is a dhaoine. Nuair a thàinig ciaradh an fheasgair, thuirt Fionn ri Oscar, “Bidh an fhuil agad a-nochd.” Agus cluinnidh sibh deireadh na sgeulachd an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean: Bha Fionn agus a laoich ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe: Fionn and his heroes were in the House of Blàr-Buie (yellow field); cha robh comas aca èirigh: they couldn’t rise; airson a bhith saor: to be free; bha iad feumach air fuil mic Rìgh Innis Tìle:they needed the blood of the sons of the King of Iceland; bha iad a’ feitheamh aig beul na h-abhainn: they were waiting at the mouth of the river; dol fodha na grèine: sunset; sluagh mòr: a great host; thug X ionnsaigh orra: X attacked them; cha do dh’fhàg iad aon duine beò: they didn’t leave one man alive; chan fhaca iad: they didn’t see; roimhe sin, bha an t-acras air X: before that, X was hungry; faigh biadh dhuinn an-dràsta: get us food just now; duine fuathasach mòr, agus ceithir làmhan air: a terribly large man with four hands; iolaire: eagle; rinn an iolaire air Oscar: the eagle made for Oscar; thog Oscar an coire: Oscar lifted the cauldron; thaom e air an eun e: he poured it on the bird; thug an iolaire sgreuch aiste: the eagle let out a screech; chan fhacas a-rithist i: it was never seen again; thill iad gu Fionn: they returned to Fionn; dh’iarr Fionn orra tilleadh gu beul na h-abhainn an ath oidhche: Fionn asked them to return to the river mouth on the next night; Beithir Mhòr Sgiathach: a large winged dragon; tharraing Oscar sleagh: Oscar drew a spear; nuair a tharraing e an t-sleagh a-mach, chaidh a’ Bheithir à sealladh: when he pulled the spear out, the dragon disappeared; ciaradh an fheasgair: dusk; bidh an fhuil agad a-nochd: you’ll get the blood tonight; cluinnidh sibh deireadh na sgeulachd: you can [will] hear the end of the story.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 401

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile