Faclair English

182: An Ridire Uilleam MacFhionghain (1)

B1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann.

00:00
00:00

Audio is playing in pop-over.

An Ridire Uilleam MacFhionghain (1)

Gàidhlig

O chionn beagan mhìosan bha mi ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Tha sin ann an Cinn Tìre. ’S e Campbeltown a tha air ann am Beurla. Ri taobh an ionaid-choimhearsnachd anns a’ bhaile, tha carragh-cuimhne. Tha e do dh’Uilleam MacFhionghain, no Sir Uilleam MacFhionghain.

Beagan seachdainean an dèidh fhuair mi grèim air leabhar. ’S e an t-ainm air an leabhar “Keil School – a History”. ’S e fear à Barraigh – Ruairidh MacAsgaill – a sgrìobh e. Bha esan na sgoilear aig Keil School anns na tritheadan.

Dè an ceangal a tha ann eadar an leabhar agus an carragh-cuimhne? Uill, thug Uilleam MacFhionghain tòrr airgid seachad. Leis an airgead, chaidh an sgoil a chur air chois. Ach cò bha ann an Uilleam MacFhionghain?

Rugadh e ann an ochd ceud deug, fichead ’s a trì (1823) ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha e ag obair ann am bùth anns a’ bhaile. Cha do chòrd e ris cus.

Nuair a bha e fichead ’s a ceithir, dh’fhalbh e do na h-Innseachan. Chuir e fhèin is caraid companaidh malairt air chois ann an Calcutta. Bha oifisean aca ann an Calcutta is Glaschu.

Bha Uilleam gu math soirbheachail. Bha na longan aige a’ dol gu Singapore agus Persia. Bha soithichean-smùide aige, seach soithichean-seòlaidh. Ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a dhà (1862), fhuair a’ chompanaidh aige ainm ùr – The British India Steam Navigation Company.

Bha ùidh aig Uilleam cuideachd ann an taobh sear Afraga. Chuir e companaidh ùr air chois – The Imperial British East Africa Company. Bha a’ chompanaidh a’ riaghladh sgìre mhòr ann an Afraga an Ear. Cheannaich Riaghaltas Bhreatainn an dùthaich sin bhon chompanaidh. Chruthaich iad British East Africa.

Bha Uilleam taiceil don Eaglais Shaoir. Thug e taic-airgid don Eaglais. Bha iad a’ cur miseanaraidhean a dh’Afraga. Bha e eòlach air an luchd-rannsachaidh, Livingstone is Stanley. Bha beachd math aig Stanley air.

An ath-sheachdain, bidh mi a’ mìneachadh a’ cheangail eadar Uilleam agus Keil School. Mar sin leibh an-dràsta.

Sir William MacKinnon (1)

Beurla

A few months ago I was in Campbeltown. That’s in Kintyre. It’s called Campbeltown in English. Next to the community centre in the town, there is a memorial/monument. It is to William MacKinnon, or Sir William MacKinnon.

A few weeks after that, I got hold of a book. The name of the book is “Keil School – a History”. It’s a man from Barra – Roddy MacAskill – that wrote it. He was a pupil at Keil School in the thirties.

What is the link between the book and the memorial? Well, William MacKinnon gave away a lot of money. With the money, the school was established. But who was William MacKinnon?

He was born in 1823 in Campbeltown. He was working in a shop in the town. He didn’t enjoy it all that much.

When he was twenty-four, he went to India. He and a friend set up a company in Calcutta. They had offices in Calcutta and Glasgow.

William was very success-ful. His ships went to Singapore and Persia. He had steam vessels, rather than sailing vessels. In 1862, his company got a new name – The British India Steam Navigation Company.

William was also interested in East Africa. He set up a new company – The Imperial British East Africa Company. Tha company was governing a large area in East Africa. The British Government bought that country from the company. They created British East Africa.

William was supportive of the Free Church. He gave financial assistance to the Church. They were sending missionaries to Africa. He knew the explorers, Livingstone and Stanley. Stanley had a good opinion of him.

Next week, I’ll be explaining the link between William and Keil School. Cheerio just now.

An Ridire Uilleam MacFhionghain (1)

Gàidhlig

O chionn beagan mhìosan bha mi ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Tha sin ann an Cinn Tìre. ’S e Campbeltown a tha air ann am Beurla. Ri taobh an ionaid-choimhearsnachd anns a’ bhaile, tha carragh-cuimhne. Tha e do dh’Uilleam MacFhionghain, no Sir Uilleam MacFhionghain.

Beagan seachdainean an dèidh fhuair mi grèim air leabhar. ’S e an t-ainm air an leabhar “Keil School – a History”. ’S e fear à Barraigh – Ruairidh MacAsgaill – a sgrìobh e. Bha esan na sgoilear aig Keil School anns na tritheadan.

Dè an ceangal a tha ann eadar an leabhar agus an carragh-cuimhne? Uill, thug Uilleam MacFhionghain tòrr airgid seachad. Leis an airgead, chaidh an sgoil a chur air chois. Ach cò bha ann an Uilleam MacFhionghain?

Rugadh e ann an ochd ceud deug, fichead ’s a trì (1823) ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha e ag obair ann am bùth anns a’ bhaile. Cha do chòrd e ris cus.

Nuair a bha e fichead ’s a ceithir, dh’fhalbh e do na h-Innseachan. Chuir e fhèin is caraid companaidh malairt air chois ann an Calcutta. Bha oifisean aca ann an Calcutta is Glaschu.

Bha Uilleam gu math soirbheachail. Bha na longan aige a’ dol gu Singapore agus Persia. Bha soithichean-smùide aige, seach soithichean-seòlaidh. Ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a dhà (1862), fhuair a’ chompanaidh aige ainm ùr – The British India Steam Navigation Company.

Bha ùidh aig Uilleam cuideachd ann an taobh sear Afraga. Chuir e companaidh ùr air chois – The Imperial British East Africa Company. Bha a’ chompanaidh a’ riaghladh sgìre mhòr ann an Afraga an Ear. Cheannaich Riaghaltas Bhreatainn an dùthaich sin bhon chompanaidh. Chruthaich iad British East Africa.

Bha Uilleam taiceil don Eaglais Shaoir. Thug e taic-airgid don Eaglais. Bha iad a’ cur miseanaraidhean a dh’Afraga. Bha e eòlach air an luchd-rannsachaidh, Livingstone is Stanley. Bha beachd math aig Stanley air.

An ath-sheachdain, bidh mi a’ mìneachadh a’ cheangail eadar Uilleam agus Keil School. Mar sin leibh an-dràsta.

PDF

Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 486

Podcast

Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Litrichean eile

Alasdair III, Rìgh na h-Alba (2)

‘Cheerio’

Dìol Bhaltair an Gàdhaig

Faclair Armstrong (3)

Eòghann Mac a’ Ghobhair (2)