FaclairDictionary EnglishGàidhlig

691: Fearchar a’ Ghunna (3) 691: Fearchar a’ Ghunna (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Fearchar a’ Ghunna (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a chur crìoch air mo chunntas mu Fhearchar a’ Ghunna. Bha deagh bheachd aige air fhèin. Cha robh Beurla aige, ach bha e a’ dol gu seirbheisean Beurla ann an Eaglais Chill Iùrnain. Dh’fhaighnich am ministear dheth carson a bha e a’ dol ann.

‘Tha mi a’ feuchainn ri bhith mar mo choimeas inbhe, daoine-uasal na dùthaich,’ fhreagair Fearchar. ‘Chan eil mòr-chùis ann a bhith a’ dol a chluinntinn searmon Gàidhlig a th’ air èisteachd le sluagh cumanta a-mhàin!’

Bha Fearchar ainmeil airson a chuid eirmseachd. Thuirt fear òg anns an Eilean Dubh ris gun cuireadh e ceist air dha nach biodh freagairt aige. Thàinig iad cruinn còmhla air beulaibh mòran dhaoine. Chuir am fear òg a’ cheist – ‘Dè an dath a th’ air falt Shàtain?’

Gun dàil sam bith, fhreagair Fearchar, ‘A bheil thu cho fad ann an seirbheis Shàtain agus nach eil eòlas agad air dath falt do mhaighstir?!’ Rinn a h-uile duine gàire.

Latha a bha seo, thachair Fearchar ri ministear. Dh’fhaighnich am ministear dheth an robh fios aige cà’ robh Dia. Fhreagair Fearchar, ‘Nach inns thu dhòmhsa càite nach eil E?’

‘Tha thu glè cheart,’ dh’aontaich am ministear. ‘Tha Dia anns a h-uile h-àite.’

‘O, chan eil mi a’ smuaineachadh gu bheil E anns a h-uile h-àite,’ fhreagair Fearchar gu dìomhair.

Chuala am muillear anns a’ Chaisteal Ruadh mun chòmhradh seo. Chuir am muillear a’ cheist air Fearchar, ‘An ainmich thu dhomh, Fhearchair, àite sam bith far nach eil Dia?’

‘Chan eil Dia ann an cridhe an duine neo-iompaichte,’ fhreagair Fearchar.

Turas eile, bha Fearchar ann am mansa. Dh’fhaighnich am ministear dheth an robh am bàs a’ cur eagal air. ‘Chan eil, gu dearbh,’ arsa Fearchar.

‘Nach eil càil a’ cur eagal ort?’ thuirt am ministear.

‘O tha,’ fhreagair Fearchar. ‘Tha eagal orm ro sin a th’ air taobh eile dhen bhàs!’

Ràinig Fearchar taobh eile a’ bhàis ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1868) ann an Inbhir Nis. Bha e ochdad ʼs a ceithir. Chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Thom na h-Iùbhraich. Chan eil clach no leac a’ comharrachadh uaigh.

Fearchar a’ Ghunna (3)

English Beurla

I’m going to finish my account of Fearchar a’ Ghunna. He had a good opinion of himself. He spoke no English, but he was going to English services in Killearnan Church. The minister asked him why he was going.

‘I’m trying to be like the people of my own status, the gentlemen of the country,’ replied Farquhar. ‘There is no pride in going to listen to a Gaelic sermon that is only listened to by ordinary people!’

Farquhar was famous for his wit. A young man on the Black Isle said to him that he would ask him a question he couldn’t answer. They came together in front of many people. The young man asked him the question – ‘What’s the colour of Satan’s hair?’

Without any delay, Farquhar replied, ‘Are you so long in Satan’s service and you don’t know the colour of your master’s hair?!’ Everybody laughed.

One day, Farquhar met a minister. The minister asked him if he knew where God was. Farquhar replied, ‘Won’t you tell me where He isn’t?’

‘You’re quite correct,’ agreed the minister. ‘God is everywhere.’

‘Oh, I don’t think He is everywhere,’ replied Farquhar cryptically.

The miller in Redcastle heard about this conversation. The miller asked Farquhar, ‘Will you name for me, Farquhar, any place where God is not?’

‘God is not in the heart of the unconverted man,’ replied Farquhar.

Another time, Farquhar was in a manse. The minister asked him if the death scared him. ‘Not at all,’ said Farquhar.

‘Doesn’t anything scare you?’ said the minister.

‘Oh, aye,’ replied Farquhar. ‘I fear that which is on the far side of death!’

Farquhar reached the other side of death in 1868 in Inverness. He was eighty four. He was buried in the Tomnahurich Cemetery. There is no stone or slab marking his grave.

Fearchar a’ Ghunna (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a chur crìoch air mo chunntas mu Fhearchar a’ Ghunna. Bha deagh bheachd aige air fhèin. Cha robh Beurla aige, ach bha e a’ dol gu seirbheisean Beurla ann an Eaglais Chill Iùrnain. Dh’fhaighnich am ministear dheth carson a bha e a’ dol ann.

‘Tha mi a’ feuchainn ri bhith mar mo choimeas inbhe, daoine-uasal na dùthaich,’ fhreagair Fearchar. ‘Chan eil mòr-chùis ann a bhith a’ dol a chluinntinn searmon Gàidhlig a th’ air èisteachd le sluagh cumanta a-mhàin!’

Bha Fearchar ainmeil airson a chuid eirmseachd. Thuirt fear òg anns an Eilean Dubh ris gun cuireadh e ceist air dha nach biodh freagairt aige. Thàinig iad cruinn còmhla air beulaibh mòran dhaoine. Chuir am fear òg a’ cheist – ‘Dè an dath a th’ air falt Shàtain?’

Gun dàil sam bith, fhreagair Fearchar, ‘A bheil thu cho fad ann an seirbheis Shàtain agus nach eil eòlas agad air dath falt do mhaighstir?!’ Rinn a h-uile duine gàire.

Latha a bha seo, thachair Fearchar ri ministear. Dh’fhaighnich am ministear dheth an robh fios aige cà’ robh Dia. Fhreagair Fearchar, ‘Nach inns thu dhòmhsa càite nach eil E?’

‘Tha thu glè cheart,’ dh’aontaich am ministear. ‘Tha Dia anns a h-uile h-àite.’

‘O, chan eil mi a’ smuaineachadh gu bheil E anns a h-uile h-àite,’ fhreagair Fearchar gu dìomhair.

Chuala am muillear anns a’ Chaisteal Ruadh mun chòmhradh seo. Chuir am muillear a’ cheist air Fearchar, ‘An ainmich thu dhomh, Fhearchair, àite sam bith far nach eil Dia?’

‘Chan eil Dia ann an cridhe an duine neo-iompaichte,’ fhreagair Fearchar.

Turas eile, bha Fearchar ann am mansa. Dh’fhaighnich am ministear dheth an robh am bàs a’ cur eagal air. ‘Chan eil, gu dearbh,’ arsa Fearchar.

‘Nach eil càil a’ cur eagal ort?’ thuirt am ministear.

‘O tha,’ fhreagair Fearchar. ‘Tha eagal orm ro sin a th’ air taobh eile dhen bhàs!’

Ràinig Fearchar taobh eile a’ bhàis ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1868) ann an Inbhir Nis. Bha e ochdad ʼs a ceithir. Chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Thom na h-Iùbhraich. Chan eil clach no leac a’ comharrachadh uaigh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 995

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile