FaclairDictionary EnglishGàidhlig

995: Fearchar a’ Ghunna (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Fearchar a’ Ghunna (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a chur crìoch air mo chunntas mu Fhearchar a’ Ghunna. ʼS e falbhanach a bh’ ann, ach bha deagh bheachd aige air fhèin. Ged nach robh Beurla aige, bhiodh e a’ dol gu seirbheisean Beurla ann an Eaglais Chill Iùrnain anns a’ Chaisteal Ruadh. Dh’fhaighnich am ministear dheth carson a bha e a’ dol ann.

‘Tha mi a’ feuchainn ri bhith mar mo choimeas inbhe, daoine-uasal na dùthaich,’ fhreagair Fearchar. ‘Chan eil mòr-chùis ann a bhith a’ dol a chluinntinn searmon Gàidhlig a th’ air èisteachd le sluagh cumanta a-mhàin!’

ʼS e duine doirbh a bh’ ann am Fearchar aig amannan. Turas a bha seo, leig boireannach leis oidhche a chur seachad anns a’ chidsin aice. Ach bha muc cuideachd anns a’ chidsin. Ann am meadhan na h-oidhche, thòisich a’ mhuc air ùidh a ghabhail ann agus bha Fearchar air a thàmailteachadh gun robh i a’ toirt pòg dha. Mharbh e a’ mhuc sa spot.

Bha e a’ gabhail dragh gun robh daoine a’ briseadh a-steach don bhothan aige, agus an doras gun ghlas air. Bha iarann speala aig Fearchar os cionn an dorais. Nam biodh duine a’ dol a-steach gun chùram, bhiodh an t-iarann a’ tuiteam air mar ghuillotine!

Bhiodh e cuideachd a’ fàgail phrìnichean anns an talamh air beulaibh doras a bhothain, leis na dealgan a’ stobadh suas. Bha sin airson stad a chur air feadhainn a bha a’ cur dragh air, agus a bha a’ coiseachd ann casruisgte.

Bha Fearchar ainmeil airson a chuid eirmseachd. Thuirt fear òg anns an Eilean Dubh ris gun cuireadh e ceist air dha nach biodh freagairt aige. Thàinig iad cruinn còmhla air beulaibh mòran dhaoine. Chuir am fear òg a’ cheist – ‘Dè an dath a th’ air falt Shàtain?’

Gun dàil sam bith, fhreagair Fearchar, ‘A bheil thu cho fad ann an seirbheis Shàtain agus nach eil eòlas agad air dath falt do mhaighstir?!’ Rinn a h-uile duine gàire.

Latha a bha seo, thachair Fearchar ri ministear air an rathad. Dh’fhaighnich am ministear dheth an robh fios aige cà’ robh Dia. Fhreagair Fearchar sa mhionaid, ‘O, nach tu an t-amadan. Nach inns thu dhòmhsa càite nach eil E?’

‘Tha thu glè cheart,’ dh’aontaich am ministear. ‘Tha Dia anns a h-uile h-àite.’

‘O, chan eil mi a’ smuaineachadh gu bheil E anns a h-uile h-àite,’ fhreagair Fearchar gu dìomhair. Agus dh’fhalbh e.

Chuala am muillear anns a’ Chaisteal Ruadh mun chòmhradh seo. Nuair a chaidh Fearchar a chèilidh air (tha fhios gun robh e iarraidh min-fhlùr), chuir am muillear a’ cheist air, ‘An ainmich thu dhomh, Fhearchair, àite sam bith far nach eil Dia?’

‘Chan eil Dia ann an cridhe an duine neo-iompaichte,’ fhreagair Fearchar.

Turas eile, bha Fearchar ann am mansa. Dh’fhaighnich am ministear dheth an robh am bàs a’ cur eagal air. ‘Chan eil, gu dearbh,’ arsa Fearchar.

‘Nach eil càil a’ cur eagal ort?’ thuirt am ministear.

‘O tha,’ fhreagair Fearchar. ‘Tha eagal orm ro sin a th’ air taobh eile dhen bhàs!’

Ràinig Fearchar taobh eile a’ bhàis anns an t-Sultain ochd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1868) ann an Ospadal a’ Chinn a Tuath ann an Inbhir Nis. Bha e ochdad ʼs a ceithir. Chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Thom na h-Iùbhraich ach chan eil clach no leac a’ comharrachadh uaigh.

Faclan na Litreach: : falbhanach: wanderer; Eaglais Chill Iùrnain:The Church of Killearnan; gun chùram:without care; casruisgte: barefooted; eirmseachd:wit; gu dìomhair: cryptically; muillear: miller; Ospadal a’ Chinn a Tuath: The Northern Infirmary.

Abairtean na Litreach: : Chan eil mòr-chùis ann a bhith a’ dol a chluinntinn searmon Gàidhlig a th’ air èisteachd le sluagh cumanta a-mhàin: there is no pride in going to listen to a Gaelic sermon that is only heard by ordinary people; leig boireannach leis oidhche a chur seachad anns a’ chidsin aice: a woman allowed him to spend a night in her kitchen; thòisich a’ mhuc air ùidh a ghabhail ann: the pig started to take interest in him; air a thàmailteachadh gun robh i a’ toirt pòg dha: was horrified that she was kissing him; bha iarann speala os cionn an dorais: there was a scythe blade above the door; a’ fàgail phrìnichean anns an talamh, leis na dealgan a’ stobadh suas: leaving pins in the ground, with the points sticking up; gun cuireadh e ceist air dha nach biodh freagairt aige: that he would ask him a question he couldn’t answer; a bheil thu cho fad ann an seirbheis Shàtain agus nach eil eòlas agad air dath falt do mhaighstir?: are you so long in Satan’s service that you don’t know the colour of your master’s hair?; nach tu an t-amadan: aren’t you a fool; nach inns thu dhòmhsa càite nach eil E?: won’t you tell me where He isn’t?; chan eil mi a’ smuaineachadh gu bheil E anns a h-uile h-àite: I don’t think He is in every place; chan eil Dia ann an cridhe an duine neo-iompaichte: God is not in the heart of the unconverted man; tha eagal orm ro sin a th’ air taobh eile dhen bhàs: I fear that which is on the other side of death; chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Thom na h-Iùbhraich: he was buried in the Tomnahurich Cemetery; chan eil clach no leac a’ comharrachadh uaigh: no stone or slab marks his grave.

Puing-chànain na Litreach: Tha mi a’ feuchainn ri bhith mar mo choimeas inbhe, daoine-uasal na dùthaich: I’m trying to be like those of the same status as me, the gentlemen of the country. You might think that the genitive singular form of dùthaich is dùthcha. But Farquhar’s (Easter Ross) preferred form is dùthaich – and this is also the case in some other dialects. Not everybody speaks the language in an identical manner, so be flexible!

Gnathas-cainnt na Litreach: bha deagh bheachd aige air fhèin : he had a good opinion of himself.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 691

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean