FaclairDictionary EnglishGàidhlig

898: Words for water 898: Faclan airson 'uisge'

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Faclan airson 'uisge'

Gaelic Gàidhlig

Dè am prìomh fhacal a th’ ann airson water ann an Gàidhlig Dhùthaich MhicAoidh – ann am fìor cheann a tuath na h-Alba? ʼS e am fuasgladh – bùrn. Chan ann a-mhàin ann an Leòdhas agus Na Hearadh a chluinneas sibh bùrn.

Tha faclair air mo bheulaibh an-dràsta – Gàidhlig Dhùthaich MhicAoidh leis an sgoilear dhualchainntean, Seumas Grannd. Airson ‘did you drink the water?’, tha an d’ òl thu am bùrn?

Nas fhaide deas ann an sgìre Gheàrrloch, ʼs e uisge am facal cumanta airson water. Ach nochdaidh bùrn cuideachd gu h-àraidh anns an t-Srath ann an Geàrrloch. An sin, cha bhi bùrn a’ seasamh airson an uisge a thuiteas às an adhar, ge-tà.

Chan eil e co-ionann ann an Dùthaich MhicAoidh. Anns an fhaclair aig Seumas Grannd, tha seo: tha e a’ bùrn ‘it’s raining’; bùrn aotrom ‘light rain’; bùrn dubh ‘torrential rain’.

Tha an Litir gu bhith rudeigin uisgeach no bùrnach an-diugh. Tha mi airson sùil a thoirt air faclan is abairtean co-cheangailte ri uisge.

Anns an t-seann Ghàidhlig, bha am facal dobhar ann. Tha sin ceangailte ris an fhacal Chuimreach dŵr airson uisge. Chan eil dobhar beò ann an cainnt làitheil nan Gàidheal an-diugh. Ach tha e ann an ainmean-àite agus ann am faclan co-cheangailte ri nàdar. Tha mi a’ smaoineachadh air dobhar-chù airson otter agus dobhar-lus airson watercress.

Ann an cuid de sgìrean, tha ‘uisge’ cuideachd a’ ciallachadh ‘abhainn’. Canaidh sinn Uisge Spè airson The River Spey agus Uisge Tatha airson The River Tay. Agus bidh sinn a’ cleachdadh ‘uisge’ uaireannan airson freshwater. Canaidh sinn ‘loch-uisge’ airson freshwater loch agus ‘loch-mara’ airson sea loch.

Tha facal eadar-dhealaichte againn airson seawater no salt water – ʼs e sin sàl. Ach canaidh daoine cuideachd uisgeachan Bhreatainn ‘British waters’ nuair a tha iad a’ bruidhinn mun mhuir timcheall Bhreatainn.

Aig an àm seo dhen bhliadhna, bidh sinn gu tric a’ bruidhinn mu dheidhinn ‘watering’, a’ cur uisge air lusan. A bheil gnìomhair ann airson watering ann an Gàidhlig? Tha – na dhà. Uisgeachadh. Tha mi ag uisgeachadh nan craobhan ‘I’m watering the trees’. Agus deurachadh. Tha mi a’ deurachadh nan lusan-taighe ‘I’m watering the house-plants’.

Words for water

English Beurla

What’s the primary word for ‘water’ in the Gaelic of the Mackay Country – in the far north of Scotland? The solution is – bùrn. It’s not only in Lewis and Harris that you hear bùrn.

There is a dictionary in front of me just now – The Gaelic of the Mackay Country by the dialect scholar, Seumas Grant. For ‘did you drink the water?’, there is an d’ òl thu am bùrn?

Further south in the Gairloch area, uisge is the common word for water. But bùrn also appears, particularly in Strath in Gairloch. There, bùrn does not stand for the water that falls from the air, however.

It’s not the same in the Mackay Country. In Seumas Grant’s dictionary there is this: tha e a’ bùrn ‘it’s raining’; bùrn aotrom ‘light rain’; bùrn dubh ‘torrential rain’.

The Litir is going to be somewhat watery today. I want to look at words and phrases connected to water.

In old Gaelic there was the word dobhar. That’s connected to the Welsh word dŵr for water. Dobhar is not extant in the daily speech of the Gaels today. But it’s in place-names and in words connected to nature. I'm thinking of dobhar-chù for otter and dobhar-lus for watercress.

In some areas, uisge also means ‘water’. We say Uisge Spè for [the] River Spey and Uisge Tatha for [the] River Tay. And we use uisge sometimes for freshwater. We say ‘loch-uisge’ for freshwater loch and ‘loch-mara’ for sea loch.

We have a different word for seawater or salt water – thatʼs sàl. But people also say uisgeachan Bhreatainn ‘British waters’ when they are speaking about the sea around Britain.

At this time of the year, we often talk about ‘watering’, putting water on plants. Is there a verb for ‘watering’ in Gaelic? Yes – two [of them]. Uisgeachadh. Tha mi ag uisgeachadh nan craobhan ‘I’m watering the trees’. And deurachadh. Tha mi a’ deurachadh nan lusan-taighe ‘I’m [lightly] watering the house-plants’.

Faclan airson 'uisge'

Gaelic Gàidhlig

Dè am prìomh fhacal a th’ ann airson water ann an Gàidhlig Dhùthaich MhicAoidh – ann am fìor cheann a tuath na h-Alba? ʼS e am fuasgladh – bùrn. Chan ann a-mhàin ann an Leòdhas agus Na Hearadh a chluinneas sibh bùrn.

Tha faclair air mo bheulaibh an-dràsta – Gàidhlig Dhùthaich MhicAoidh leis an sgoilear dhualchainntean, Seumas Grannd. Airson ‘did you drink the water?’, tha an d’ òl thu am bùrn?

Nas fhaide deas ann an sgìre Gheàrrloch, ʼs e uisge am facal cumanta airson water. Ach nochdaidh bùrn cuideachd gu h-àraidh anns an t-Srath ann an Geàrrloch. An sin, cha bhi bùrn a’ seasamh airson an uisge a thuiteas às an adhar, ge-tà.

Chan eil e co-ionann ann an Dùthaich MhicAoidh. Anns an fhaclair aig Seumas Grannd, tha seo: tha e a’ bùrn ‘it’s raining’; bùrn aotrom ‘light rain’; bùrn dubh ‘torrential rain’.

Tha an Litir gu bhith rudeigin uisgeach no bùrnach an-diugh. Tha mi airson sùil a thoirt air faclan is abairtean co-cheangailte ri uisge.

Anns an t-seann Ghàidhlig, bha am facal dobhar ann. Tha sin ceangailte ris an fhacal Chuimreach dŵr airson uisge. Chan eil dobhar beò ann an cainnt làitheil nan Gàidheal an-diugh. Ach tha e ann an ainmean-àite agus ann am faclan co-cheangailte ri nàdar. Tha mi a’ smaoineachadh air dobhar-chù airson otter agus dobhar-lus airson watercress.

Ann an cuid de sgìrean, tha ‘uisge’ cuideachd a’ ciallachadh ‘abhainn’. Canaidh sinn Uisge Spè airson The River Spey agus Uisge Tatha airson The River Tay. Agus bidh sinn a’ cleachdadh ‘uisge’ uaireannan airson freshwater. Canaidh sinn ‘loch-uisge’ airson freshwater loch agus ‘loch-mara’ airson sea loch.

Tha facal eadar-dhealaichte againn airson seawater no salt water – ʼs e sin sàl. Ach canaidh daoine cuideachd uisgeachan Bhreatainn ‘British waters’ nuair a tha iad a’ bruidhinn mun mhuir timcheall Bhreatainn.

Aig an àm seo dhen bhliadhna, bidh sinn gu tric a’ bruidhinn mu dheidhinn ‘watering’, a’ cur uisge air lusan. A bheil gnìomhair ann airson watering ann an Gàidhlig? Tha – na dhà. Uisgeachadh. Tha mi ag uisgeachadh nan craobhan ‘I’m watering the trees’. Agus deurachadh. Tha mi a’ deurachadh nan lusan-taighe ‘I’m watering the house-plants’.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1202

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile