1322: Ainmean-àite Gàidhlig Mhoireibh
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Ainmean-àite Gàidhlig Mhoireibh
Bha mi riamh dhen bheachd gu bheil ainmean-àite fìor chudromach ann an saoghal nan Gàidheal. Far a bheil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn fhathast, no far nach eil ceist gu bheil dualchas Gàidhealach ann, tha ainmean-àite a’ daingneachadh a’ cheangail a th’ againn leis an tìr. Tìr ar dùthchais.
Ach tha ainmean-àite cudromach cuideachd ann an sgìrean far a bheil cuid a’ cumail a-mach nach robh a’ Ghàidhlig riamh ann. O chionn iomadach bliadhna bha mi a’ ruith cùrsa mu dheidhinn na Gàidhlig do bhuidheann ann am Moireibh. Bha nàimhdeas ann a bha iongantach. Bha cuid anns a’ bhuidhinn a’ dol às àicheadh gun robh Gàidhlig riamh ann am Moireibh. Le Achd na Gàidhlig, bha na h-ùghdarrasan nàiseanta a’ sparradh na Gàidhlig orra, nam beachd fhèin.
Rinn mi mo dhìcheall innse dhaibh gun robh iad ceàrr. Ach ’s e latha doirbh a bh’ ann. Bha mi a’ beachdachadh an uair sin air an dòigh as fheàrr airson muinntir na sgìre a thoirt gu tuigse gu bheil a’ Ghàidhlig mar phàirt dhen dualchas aca. Bha mi dhen bheachd gum biodh e math nan sgrìobhadh cuideigin le eòlas leabhar mu dheidhinn ainmean-àite Gàidhlig Mhoireibh. Chan urrainn do dhuine dhol às àicheadh gun robh Gàidhlig ann nan robh muinntir an àite a’ fàgail ainmean-àite Gàidhlig air an tìr.
Uill, tha mi toilichte ri aithris gu bheil a leithid de leabhar ann a-nise. Chaidh ‘Gaelic Place-Names of Moray’ a chur ri chèile le Iain Mac an Tàilleir. Tha Iain na sgoilear dhen chuspair agus buinidh e fhèin do Mhoireibh. ’S e an duine as fheàrr airson a leithid a sgrìobhadh. Chaidh an leabhar fhoillseachadh le Buidheann Ghàidhlig Mhoireibh.
Tha an leabhar air a roinn ann an seachd caibideilean, stèidhichte air tursan a ghabhas dèanamh ann an carbad no, tha fhios, air rothair. Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn mu na h-àiteachan air an t-slighe, agus tha ciall nan ainmean aig deireadh an leabhair.
Mar eisimpleir de na tha anns an leabhar, nì mi geàrr-chunntas air a’ chiad chaibideil – Eadar Losaidh is Spè – From Lossie to Spey. Tha an turas a’ tòiseachadh ann an Inbhir Losaidh no Lossiemouth. Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn gur e a’ Ghàidhlig thùsail a th’ air an River Lossie – Uisge Losaidh – agus gu bheil e a’ ciallachadh ‘vegetation river’.
Tha an turas rathaid a’ crìochnachadh aig Baile na Dalach no, ann an dreach na Beurla, Ballindalloch ‘the settlement at the haugh’. Air an rathad, chithear Machair Mhoireibh no the Laich of Moray, baile Eilginn no Elgin a tha a’ ciallachadh ‘Èirinn’ agus bithear a’ leantainn Mannoch Road no Rathad nam Manach. Tha a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh ‘the road of the monks’ ach tha Iain Mac an Tàilleir dhen bheachd gur dòcha gur e an Rathad Meadhanach ‘middle road’ an dreach a bh’ air bho thùs.
Tha an t-slighe a’ dol tro àiteachan eile le ainmean Gàidhlig. Tha Rhynagairn ann, no Ruigh nan Càrn ‘the shieling of the cairns’, agus Glenlatterach no Gleann Leitreach ‘sloping glen’. Tha Rothes ann, no Ràthais ann an Gàidhlig. Tha sin a’ ciallachadh ‘fort place’. Tha Craigellachie ann – no Creag Eileachaidh ‘the rock at the stony place’.
Tha an leabhar beag seo làn fiosrachaidh mar sin. Bu chòir do lethbhreac dheth a bhith anns a h-uile dachaigh ann am Moireibh!
Faclan na Litreach: Moireibh: Moray; nàimhdeas: hostility; Achd na Gàidhlig: The Gaelic Language Act; Iain Mac an Tàilleir: Iain Taylor; Buidheann Ghàidhlig Mhoireibh: The Moray Gaelic Group; tùsail: original; chithear: can be seen.
Abairtean na Litreach: tha ainmean-àite a’ daingneachadh a’ cheangail a th’ againn leis an tìr: place names confirm the link we have to the land; tìr ar dùthchais: the land of our dùthchas; far a bheil cuid a’ cumail a-mach nach robh a’ Ghàidhlig riamh ann: where some people maintain that Gaelic never was [spoken]; bha na h-ùghdarrasan nàiseanta a’ sparradh na Gàidhlig orra: the national authorities were forcing Gaelic on them; nam beachd fhèin: in their own opinion; rinn mi mo dhìcheall innse dhaibh gun robh iad ceàrr: I made a sincere effort to tell them they were wrong; gum biodh e math nan sgrìobhadh cuideigin le eòlas leabhar mu dheidhinn X: that it would be good if an informed person wrote a book about X; nan robh muinntir an àite a’ fàgail ainmean-àite Gàidhlig air an tìr: if local people were leaving Gaelic place names on the land; buinidh e fhèin do Mhoireibh: he himself belongs to Moray; air a roinn ann an seachd caibideilean: divided into seven chapters; stèidhichte air tursan a ghabhas dèanamh ann an carbad: based on journeys that can be done in a vehicle; nì mi geàrr-chunntas air a’ chiad chaibideil: I’ll summarise the first chapter; an dreach a bh’ air bho thùs: its original form; bu chòir do lethbhreac dheth a bhith anns a h-uile dachaigh: there should be a copy in every home.
Puing-chànain na Litreach: Far a bheil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn fhathast: where Gaelic is still spoken. This is one way of forming a passive verb – with ga and the verbal noun. It is not lenited because Gaelic is conceptually and grammatically feminine. It is broadly equivalent semantically to far a bheilear a’ bruidhinn na Gàidhlig fhathast. Chan eil Lochlannais ga bruidhinn ann an Alba tuilleadh ‘Norse is no longer spoken in Scotland’; tha cànanan gu leòr gam bruidhinn anns an Roinn Eòrpa ‘many languages are spoken in Europe’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha cuid anns a’ bhuidhinn a’ dol às àicheadh gun robh Gàidhlig riamh ann am Moireibh: some in the group were denying that Gaelic was ever [spoken] in Moray.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1018
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn